- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Glagadaich
Air a sgrìobhadh le Abi air 7 an t-Sultain 2017
’S e glagadaich [gLagədɪç] facal na seachdain-sa a th’ againn dhuibh, deagh fhacal tuairisgeulach. Chaidh glagadaich a chleachdadh ann an Loch Abar airson gàire fhuaimneach, ach cuideachd ann am Beinn na Faoghla airson ‘continuous barking of a dog’. Tha glagadaich san fhaclair Dwelly cuideachd, a’ ciallachadh ‘1 crashing, clashing 2 clacking 3 clucking 4 cry of seagulls’. Tha an abairt ‘Glagadaich nam faoileag’ a’ ciallachadh fuaim nam faoileag air a bheil a h-uile duine eòlach gu h-àraidh ma bhios sibh riamh a’ feuchainn ri tiops ithe taobh a-muigh air an tràigh!
A rèir Faclan bhon t-Sluaigh, tha e soilleir gu bheil diofar fhaclan inntinneach air feadh na h-Alba airson gàireachdaich. Ann an Scalpaigh na Hearadh, bha lasganaich aig neach a’ ciallachadh ‘outburst of laughter’ agus bha lachan ann an Gleann Urchadain. Bha am facal glocadaich ga lorg ann an Tiriodh airson gàire ghòrach agus bha glag-gàire ga chruinneachadh ann an Loch Abar. Tha e soilleir gu bheil daoine gu math èibhinn ann an Loch Abar air sgàth ’s gu robh an abairt ‘chaill mi mo lús a gàireachdaich’ air a cruinneachadh cuideachd ann an 1977 bho fhear a bha air a thogadh anns an sgìre.
Dè am facal as fheàrr leat airson glagadaich no gàireachdaich? Cuir brath thugainn air Facebook, Twitter neo gu h-ìseal.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo