Gàidhlig / English
Ialtag

Ialtag

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 31mh den Lùnasdal
Fhuair sinn fios an t-seachdain seo chaidh bho Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu gu robh ialtag ag iadhadh timcheall air na seòmraichean aca.

Bha deasbad a’ dol air aghaidh air mar a bu chòir dhuinn a glacadh, agus bha uidheamachd de gach seòrsa air a h-uile làr den togalach — lìon iasgaich, miotagan, is bogsaichean-bhròg — airson sin a dhèanamh. Dh’fhaodadh gun robh an ialtag ag iarraidh beagan brosnachaidh a thoirt dhuinn gus dàn a sgrìobhadh mu deidhinn.’S e ainmhidh iongantach a th’ innte gun teagamh sam bith.

Tha iomadach ainm eadar-dhealaichte oirre anns gach ceàrnadh den dùthaich. Chì sibh ann am Faclan bhon t-Sluagh gur e dialtag a theirte rithe ann an Siorrachd Rois, Muile agus Ratharsair.’S e ealtag a theirte rithe ann an Ìle. Tha ainmearan fillte ann cuideachd, mar eisimpleir dealtag anmoch, ann am Bàideanach. ’S ealtag-leathraich a theirte rithe ann an Arainn. Agus ann am Faclair Dwelly, gheibhear iall-theannaidh. Nuair a chì sibh i a’ sgèith, bidh sibh a’ tuigsinn cò às a thàinig am beachd sin.

Tha fios againn mar-thà air an adhbhar gu robh i a-staigh againn san togalach sin. Ann an Collection of Gaelic Proverbs and Familiar Phrases, tha an seanfhacal ag innse dhuinn:

“Thàinig ialtag a steach, bidh frasan a mach air ball.”

Bha an ceart gliocas ri leughadh ann am Mac-Talla (Leabhar 11), agus ’s i còmhla ri gach ainmhidh an-fhoiseil mus tig an t-uisge:

“…ma chi sinn an ialtag a’ tighinn a-stigh…na mucan a ruith le cònlaich na’m beul; an sprèidh ag imlich an casan toisich… chluinnear na luchaidh ri ùpraid àraid na’m frògaibh, faodaidh sùil a bhi againn ris an uisge.”

Cha robh Rob Donn cho fialaidh ris an ialtaig nuair a rinn e iomradh oirre na chuid bàrdachd:

“…’s ni e màgaran ìosal, ’S nach eun e ’s nach luchag, Ni e trusdair do dh’ ialtag.”

Chan eil dùil agam gum bi daoine a’ moladh na h-ialtaig san fharsaingeachd, bhon a tha ceangal aice ri àiteachan dorcha, agus cha bhi comhachag a’ bhròin fada as a dèidh mus tig frasan.

Tha mi fhìn den bheachd gu bheil i brèagha, agus bidh i a’ dèanamh obair mhath ann a bhith ’g ithe nam meanbh-chuileagan. Fàilt’ ort, ialtag bheag!

Cuimhnichibh fios a chur thugainn air Facebook, Twitter neo gu h-ìosal leis na beachdan agaibh.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo