- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Deoch gheal
Air a sgrìobhadh le Edit air 24mh An Lùnastal 2017
Is truagh gu bheil an samhradh a’ tighinn gu crìch, ach tha aon rud math ann – sin, nam bheachd-sa, gum faod thu na h-oidhcheannan dorcha a chur seachad am broinn an taighe le deoch theth (agus ’s dòcha coinneal no dhà). Mar sin, ’s e deoch gheal – deoch theth shònraichte – facal na seachdaine.
Ann am Faclan bhon t-Sluagh, tha eisimpleir à Asainte a’ toirt iomradh air deoch gheal mar uisge teth air a mheasgachadh le min-choirce is siùcar, nàdar de ‘bhrochan’ agus bhiodh i air òl fhad ’s a bha obair a’ dol a-muigh, gu h-àraid aig àm na buana.
Tha e coltach gur h-e deoch bhàn an t-ainm na bu bhitheanta air a son, oir tha iomradh air deoch bhàn a’ nochdadh ann an iomadh àite air feadh na h-Alba. Ann an cuid de dh’àiteachan, tha i air ainmeachadh mar dheoch air a dèanamh dìreach le coirce agus uisge, ach thèid a ràdh le neach-bratha ann am Barabhas, Eilean Leòdhais, gum faodar bainne agus beagan salann, agus uaireannan rud beag ìme, a chur san deoch-bhàn cuideachd.
Ged a dh’fhaodadh seo a bhith car neònach san latha a th’ ann an-diugh, tha e follaiseach gun do chòrd an deoch seo ri tòrr dhaoine. Anns an agallamh seo mu dheidhinn croitearachd ann an Eilean Leòdhais, thèid a ràdh gun robh an deoch bhàn cudromach nuair a bhathar a’ gearradh na mònadh. Rachadh balach mun cuairt le bucaid deoch bhàn agus bho àm gu àm a’ lìonadh chupannan dha na luchd-obrach leis an deoch. Bha e math gus pathadh a mhùchadh air latha brèagha samhraidh.
Tha eisimpleir air an deoch cheudna à Barraigh, far a bheil an t-ainm stiùrag oirre. Tha am facal stiùrag cuideachd a’ nochdadh ann an Eilean Leòdhais, far an tèid ainmeachadh gun robh i na deagh chungaidh-leigheis gus cuidhteas fhaotainn den chnatan.
A bheil sibh air deoch gheal/deoch bhàn/stiùrag a chluinntinn? Nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìosal no air ar duilleagan Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo