Gàidhlig / English
Brùchd

Brùchd

Air a sgrìobhadh le Tòmas air 6 An t-Iuchar 2017

Às dèidh deoch bhalganta a ghabhail, dh’fhaodadh gun leigeadh tu brùchd. Chan ann a-mach air sin a tha mi an t-seachdain-sa, ge-tà, ach air feamainn!

Anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Leòdhas, tha brùchd a’ ciallachadh feamainn a chuireadh air tìr leis a’ mhuir. Rachadh a cruinneachadh na tiùrr airson grodadh fad mhìosan, agus bhiodh i an uair sin air a cleachdadh mar thodhar.

Chuir cuid de dh’fhiosraichean cuideam air a’ chiad phàirt den chèill — gun e bh’ ann feamainn a dh’fhàgadh air a’ chladach no tràigh — mar a dh’innis daoine ann an Cròlasta, Leòdhas; agus Stafain is Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach.  Air an làimh eile, mhìnich dithis ann an Leòdhas agus san Eilean Sgitheanach gun robh i na tòrr de dh’fheamainn loibhte.

Lorgaidh sinn an cruth brùig nas fhaide deas, ann an Uibhist agus Tiriodh. Thuirt neach ann am Baghasdal a Deas gun robh i na tòrr mòr feamad a bha air ‘malcadh’.  Agus ann am faclair Mhaighstir Ailein tha i air a mìneachadh: ‘fermented seaweed (tobhar an deaghaidh brachadh)’.

A bheil a’ mhuir, mar sin, a’ brùchdail na feamad air an tràigh? No a bheil am facal stèidhichte air pròiseas a’ bhrachaidh?

A rèir MhicIlleBhàin, ’s ann bhon t-Seann-Lochlannais a tha e: ‘brúk, dried heaps of seaweed’. A’ cur taic ri seo, ged nach eil e furasta am facal a lorg deas air Tiriodh tha e bitheanta ann an Arcaibh agus Sealtainn.

Anns an fhaclair Nòrnais Arcaich aig Marwick, leughar: ‘brook [...] a bed or deep layer of seaweed on the beach, a mass or heap of ‘ware’’. Ann an Sealtainn, bruidhnidh iad mu ‘brook o waar’, tòrr feamad air an tràigh.

Bidh Arcaich is Sealtainnich a’ dèanamh diofar eadar ‘waar/ware’ agus ‘tang’.  ’S e th’ anns a’ chiad fhear seòrsaichean de dh’fheamainn a dh’fhàsas fo loidhne na muir-tràigh, fad ’s a bhios ‘tang’ a’ fàs os cionn sin. Rachadh ‘waar’ a sguabadh air tìr, agus a chruinneachadh mar ‘brook’.  Ann an Arcaibh, chante ‘ware time is a sair time’, a rèir an Orkney Wordbook, mu bhith a’ feamnadh an fhearainn as t-earrach.

Tha an aon eadar-dhealachadh againn ann an Gàidhlig.

Tha Dwelly soilleir gun e feamainn dearg a tha ann am brùchd, a thigeadh air a' chladach leis a’ mhuir — sin agaibh, an ‘waar’. ’S e feamainn dubh, no feamainn ghearraidh, a bhuaineadh daoine air na creagan ri muir-tràigh — an ‘tang’. Am measg nan seòrsaichean de dh’fheamainn dubh, gheibhte feamainn-bhuilgeanach, aona-chasach agus feamainn-chìrean.  Agus ’s e stamh/liaghag, am bragaire, agus uaireannan duileasg a bha anns an fheamainn dheirg.

Ann an clàradh, dh’innis Nan Eachainn Fhionnlaigh à Bhatarsaigh mu mar a bhite a’ slaodadh feamainn dhachaigh le sgothan às dèidh a gearradh.  ’S e ‘maois’ a chanadh iad ri seo ann an àiteachan eile. Bhathas ‘a’ dèanamh tòrr dheth gus am fàsadh e dona. Is nuair a dh’fhàsadh e dona [theireadh iad] gun robh e air a dhol na bhrùig’. ’S dòcha gun e feamainn dubh a bha seo seach feamainn dearg.
 

An tèid agad air tuilleadh innse dhuinn mu dheidhinn feamainn? No an aithne dhut faclan eile a tha aig muinntir nan Eilean agus Arcaich is Sealtainnich ann an cumantas?

Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu

 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo