- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Là eadar-a-shian
Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 13mh den Iuchair
An t-seachdain seo ’s mi cumail orm le abairtean aig a bheil ceangal ris an t-sìde. Mar bu dual ann an Alba, tha sìde an t-samhraidh seo air a bhith gu math caochlaideach gu ruige seo. Mar sin, tha mi a’ dol a thoirt sùil air abairtean a dh’fhaodadh a bhith feumail airson sìde a tha cho caochlaideach ri seo.
Mar a tha fios againn, tha tòrr abairtean Gàidhlig ann aig a bheil ceangal ris an t-sìde. Ann am Faclan bhon t-Sluagh, tha mòran dhiubh air an tairgse le neach-bratha à Nis, Eilean Leòdhais. Nam measg, tha là eadar-a-shian. Tha seo a’ ciallachadh ‘latha brèagha ann am meadhan aimsir dhona.’ A rèir faclair Dwelly, ’s e facal anns an t-seagh seo airson stoirm agus droch shìde a tha ann an sian. Chithear seo, mar eisempleir, anns an abairt sìde nan seachd sian(tan). Coltach ri sin, tha an abairt boillseadh eadar dà fhras ann, a’ ciallachadh ùine ghoirid ghrianach eadar frasan uisge.
Tha cuideachd grunnan abairtean aig an aon neach-bratha a tha a’ toirt dhealbh air sìde dhona a tha ri thighinn. Nuair a nochdadh sgòthan dorcha coltach ri sgùrraidhean san adhar, chanadh tha i tighinn na sgùrraidhean. Bhiodh cumadh sgòthan coltach ri craobh a’ comharrachadh droch shìde cuideachd. Nuair a chunnacas seo san adhar mu dheas, bhathar a’ creidsinn gum b’ e comharra air gaoth làidir le uisge a bha ann agus chanadh iad tha a’ chraobh aice air a shon. Tha an abairt tha i tarraing oirre na abairt fharsaing a’ ciallachadh gu bheil na sgòthan a’ cruinneachadh agus droch shìde ri thighinn.
Air an làimh eile, tha tha i a dèanamh uinneagan na bun a’ ciallachadh fosgladh anns na sgòthan os cionn na fàire, a’ comharrachadh gu bheil an t-sìde a’ fàs nas fheàrr.
A bheil sibh eòlach air na h-abairtean seo no air comharran eile air droch shìde? Bhiodh e math nam b’ urrainn dhuibh fios a leigeil dhuinn air an duilleag seo no air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo