- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Coimheadaiche
Air a sgrìobhadh le Abi air 29mh den Òg-mhios
’S e coimheadaiche [kɛ̃əd̪i] am facal a th’ againn dhuibh air an t-seachdain-sa, agus chaidh e a chruinneachadh ann an Uibhist a Tuath mun bhliadhna 1980. Tha e a’ ciallachadh duine a bha air fhastadh gus na beothaichean a chumail on a bhith ag itheadh nan lusan a bha a’ fàs air a’ mhachair. A rèir Faclan bhon t-Sluagh, fhuair an gìobair pìos fearainn air a shon. Tha coimheadaiche san fhaclair Dwelly cuideachd, a’ ciallachadh ‘Keeper. 2 Observer. 3 Inspector. 4 Scout, spy. 5‡‡ Grass-keeper. 6†† Watch. 7(DC) Township herd — Uist.’
Chaidh buachaille-bliadhna a chruinneachadh ann an Eilean Leòdhais airson cuideigin a bha cumail sùil air na caoraich fad na bliadhna. Nuair a bha am bliadhna seachad, fhuair e airgead (mu 6d) airson gach caora a bha beò agus sàbhailte. Èistibh ri òran an seo mu dheidhinn gìobair nach deach dachaidh gus an robh a h-uile caora cruinn còmhla aige.
Tha diofar fhaclan agus abairtean air feadh na Gàidhealtachd airson obair aig an robh an gìobair. Tha am facal caibhleachadh ga lorg ann an Uibhist a Deas agus e a’ ciallachadh buachailleachd agus bha e air a litreachadh buachalach san Asainte. A bheil faclan no abairtean airson gìobairean às an sgìre agaibh fèin? Cuiribh fios thugainn aig DASG air Facebook no Twitter, no faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean cuideachd.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo