- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Màirteanan
Air a sgrìobhadh le Tòmas air 1 An t-Ògmhios 2017
Facal annasach, cràidhteach a th’ againn dhuibh air an t-seachdain-sa, Màirteanan.
Ann an Greòsabhagh na Hearadh, bha e a’ ciallachadh sgoltadh a’ chraicinn air a’ chois agus bonn na coise nuair a dh’fhalbhte casruisgte as t-earrach. Ann an Ùig ann an Eilean Leòdhais, chaidh a mhìneachadh mar ghàgan air na casan a nochdas ri linn na gaoithe an ear sa Mhàrt.
Ann an da-rìribh, lorgar am facal tric gu leòr thall ’s a-bhos. Fhuaireadh e ann an Srath Ghlais — ‘màrtan, chafed skins, as on legs’ — agus ann am Foclóir Uí Dhónaill gheibhear ‘máirtín gágach [...] wind-gall, cracked skin on feet.’
Dh’fhaodadh nach cuala mòran againn am facal on a sguir sinn a bhith a’ falbh casruisgte. Gu tràth san fhicheadamh linn, bhiodh Gàidheil agus gu sònraichte clann a’ coiseachd gun chaisbheairt. Mar eisimpleir, dh’innis Eachann Ceannadach à Tiriodh, a rugadh ann an 1897, nuair a bha e na ghille gun cuireadh iad dhiubh am brògan mu dheireadh a’ Ghiblein agus nach rachadh iad orra a-rithist gu nas anmoiche sa bhliadhna. Ann am Faclan is Abairtean à Ros an Iar, tha iomradh air Clach nam Bròg, ann an Geàrrloch, far an cuireadh boireannaich na brògan orra mus ruigeadh iad an eaglais.
Gun teagamh, gheibhear am fiosrachadh as inntinniche mun fhacal ann an Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay, a chruinnich Maighstir Ailein.
’S e brìgh an fhacail ‘màrtain’ no ‘màrtainean’―‘hacks or chaps on feet from cold.’ Tha e faisg air na briathran ‘gàgan’, agus ‘driùcan’ — a tha a-mach air gearraidhean fo na h-òrdagan. Agus tha e coltach gu bheil e ceangailte ris an abairt ‘Màrtain nan Corc’:
a dreadful character whose duty it was to chastise children who had dirty feet. [...] [a bogle] who hacked with his knife the feet of children who went to bed with unwashed feet. He put salt into the wounds after. Such hacks as children’s feet get with exposure to cold are called màrtainean. Possibly the two Martins are connected.
Bhiodh gàgan den t-seòrsa seo air an leigheas le min-choirce thais, agus salchar na coise air a ghlanadh le cadalan-tràghad, an ‘heart urchin.’
Siuthad agus cuir dhiot do bhrògan. Ach feuch nach fhaigh thu màirteanan!
Faodaidh tu fios a chur thugainn, mar as àbhaist, air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo