- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Breunlach
Air a sgrìobhadh le Abi air 25 Cèitean 2017
Chaidh am facal breunlach ([bɾ[ĩɑ̃]ɫɑx] no [bɾĩɑ̃ɫɑx]) a chlàradh ann am Barbhas, ann an Ùig agus Srath Ghlais. Ann am Barbhas bha e a’ ciallachadh brùg còchaidh a bha tioram an dèidh sìde bhlàth ann am mìosan an t-samhraidh ach chaidh e a chruinneachadh cuideachd ann an Ùig airson àite fliuch agus fèitheach. Bha neach-fiosrachaidh à Srath Ghlas a’ moladh gu bheil e a’ ciallachadh àite lobhadh. Tha breunlach san fhaclair Dwelly cuideachd a’ ciallachadh ‘sinking bog (green/grassy or open water but with steep sides, dangerous)’.
’S ann à Eilean Leòdhais a thàinig am facal bàthasdair agus e a’ ciallachadh:
‘dangerous bog. It is to be avoided for stock safety. It is dangerous because it is situated in a place where the water cannot be drained off it.’
Tha am facal bàsadair ga lorg sna Hearadh airson: any place which could be dangerous to sheep or cattle – e.g. soft, boggy place.’ Air Eilean Leòdhais bha an abairt drochaid air feith a chlàradh agus ’s e drochaid thairis air am bàsadair a th’ann mur a h-eil thu airson far-bhealach a chleachdadh.
A bheil faclan no abairtean eile agaibh airson àiteachan breunlach? Bhitheamaid toilichte a chluinntinn bhuaibh, cuir fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo