Gàidhlig / English
breac an t-sìl

breac an t-sìl

Air a sgrìobhadh le Alasdair air 18 Cèitean 2017
Tha corra chlàr ann am Faclan bhon t-Sluagh an seo aig DASG air a bheil breac an t-sìl a’ nochdadh.  Chaidh an t-ainm seo a chlàradh ann an Uibhist a Tuath, sna Hearadh, ann am Muile, Leòdhas agus Tireadh, far an robh an t-iolra breacan sìl cuideachd air a chlàradh.  Air clàr eile a bhuineas do Chill Donnain ann an Uibhist a Deas, tha tuilleadh fiosrachaidh ga thoirt seachad air breac-an-t-sìl, mar a tha e ga litreachadh, is tuairisgeul ga dhèanamh air eun beag breac air a bheil urball fada a chithear as t-earrach nuair a bhios an treabhadh seachad.  Gun teagamh, tha ciall an lùib sin is dàimh ga dhèanamh eadar an t-eun seo agus sìol san ainm fhèin: is e seo eun breac an t-sìl, mar gum b’ eadh.
 
Is e breac an t-sìl – agus tha mi a’ leantail litreachadh LearnGaelic an seo a-nist – an t-ainm Gàidhlig air an eun air a bheil ‘Motacilla alba’ san Laidinn agus ‘Pied wagtail’ sa Bheurla gu sònraichte ann an cuid de sgìreachdan co-dhiù.  Tha breac an t-sìl ga eadar-theangachadh mar “wagtail” air a’ chlàr air an d’ rinn mi luaidh gu h-àrd às Uibhist a Tuath agus mar “wheatear” air a’ chlàr às na Hearadh, ach is e am ‘Pied wagtail’ a tha ga shònrachadh air na clàran air an d’ rinn mi luaidh à Leòdhas is Tireadh.  Tha “breac-an-t-sìl” ga chur air ‘Motacilla alba’ / ‘Pied wagtail’ cuideachd ann am faclair Dualchas Nàdar na h-Alba, far a bheil e ga thoirt seachad mar ainm eile air a’ ghlaisean-seilich.  Tha ciall an lùib sin a thaobh an ainm Gàidhlig ceart gu leòr, ma smaoinicheas sinn air na facail breac agus ‘pied’ agus dreach an eòin duibh is gil seo.  Tha ‘Motacilla alba’ pailt air feadh Breatainn ach, a rèir Comann Rìoghail Dìon nan Eun, bidh cuid de na h-eòin seo a’ fàgail ceann a tuath na h-Alba sa gheamhradh is a’ tilleadh sa Mhàrt.  Mar sin, a’ smaointinn air an ainm Gàidhlig gu sònraichte, saoil a bheil dàimh eadar an imrich seo agus ainm an eòin: is e seo an t-eun a chithear nuair a bhios an treabhadh seachad as t-earrach, mar a chaidh innse cheana.  Is coltach gu bheil an dàimh seo follaiseach air a' chlàr a bhuineas do Chill Donnain co-dhiù.  Feumar brath-bloga eile airson cunntas a thoirt seachad air a’ ghlaisean-seilich a-nist…
 
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo