Gàidhlig / English
Luathaireach

Luathaireach

Air a sgrìobhadh le Edit air 11 Cèitean 2017

’S e luathaireach facal na seachdaine. Ann am Faclan bhon t-Sluagh, tha am facal seo a’ nochdadh ann an iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha e follaiseach gu bheil luathaireach ceangailte ris an fhacal luath a’ ciallachadh ‘tràth’ – ann am faclair ris an abrar Dictionarium Scoto-Celticum, tha luathaireach air a mhìnicheadh mar ‘precocious, immature.’

Am measg toraidhean Faclan bhon t-Sluagh, ge-tà, tha e coltach gur h-ann a thaobh obair àiteachais agus iasgaich a chaidh am facal a chur gu feum mar bu bhitheanta. Mar eisimpleir, bha luathaireach air a chleachdadh airson bàrr a thigeadh tràth ann an iomadh àite – ann an Eilean Leòdhais agus Scalpaigh na Hearadh, theirte buntàta luathaireach ri buntàta a nochdadh tràth aig àm togail bhuntàta. A rèir an neach-fiosrachaidh ceudna, a bhuineadh do Scalpaigh, theireadh cuideachd an t-iasgach luathaireach airson iasgach an sgadain a thachradh sa Chèitean agus san Òg-mhìos (tha iomradh eile air seo an seo); agus an t-iasgach fadalach airson iasgach nas anmoiche san t-samhradh.

Gu h-inntinneach, tha ciall eile ann cuideachd: bha clann luathaireach air a chleachdadh airson pàisdean mì-fhoighidneach a bha daonnan an-fhoiseil agus airson rudeigin a dhèanamh: chaidh eisimpleir air an abairt seo a chlàradh san Eilean Sgitheanach.

A bheil sibh eòlach air luathaireach? Mar as àbhaist, faodaidh sibh fios a chur thugainn gu h-ìosal no air Facebook no Twitter!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo