Gàidhlig / English
Caisean-Cumhach

Caisean-Cumhach

Air a sgrìobhadh le Abi air 2 Cèitean 2017
Tha an aimsir gu math caochlaideach ann a-rithist agus ’s i a’ fàs nas fuaire. Bha fiù ’s a’ cur sneachda ann an cuid de dh’àiteachan ann an Alba air an t-seachdain seo chaidh! Air an adhbhar sin, ghabh mi cothrom gus sùil a thoirt air faclan mu dhroch aimsir aig an àm seo den bhliadhna.

’S ann à Eilean Leòdhais a thàinig caisean-cumhach na Bealltainn agus e a’ ciallachadh droch aimsir aig toiseach a’ Chèitein. Chaidh e a chruinneachadh ann an 1972 ann an Ceann a Deas nan Lochan agus cuideachd ann an Sgìre Ùige.

Tha diofar chiall air feadh na Gàidhealtachd a tha air caisean. Anns an t-suidheachadh seo tha e a’ ciallachadh droch aimsir a tha tighinn aig an aon àm a h-uile bliadhna, mar rotach. Ach ma tha cuideigin caisean, tha sin a’ ciallachadh gu bheil iad frionasach agus gu bheil e furasda cas a chur orra.

Chaidh am facal clàdan a chruinneachadh ann an Tiriodh agus e a’ ciallachadh dideagan mòra aig àm an earraich. (Sgrìobh Edit mu dheidhinn clàdan an seo.) Chaidh am facal oiteag a chruinneachadh ann an Tiriodh cuideachd agus e a’ ciallachadh cuairt-ghaoth aig àm an earraich.

Tha ùidh mhòr againn ann am faclan mu dheidhinn an earraich agus bhitheamaid toilichte a chluinntinn bhuaibh. Carson nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter agus faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blogaichean an seo cuideachd.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo