Gàidhlig / English
Tura-chadal

Tura-chadal

Air a sgrìobhadh le Edit air 27 Giblean 2017

An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a choimhead air an fhacal tura-chadal. ’S ann an Tiriodh a chaidh am facal a chruinneachadh ann am Faclan bhon t-Sluagh, agus tha e a’ ciallachadh rudeigin a chunnaic mi gun d' rinn iomadh neach air an trèana madainn an-diugh – a’ tuiteam nan cadal agus a’ dùsgadh a h-uile còig mionaidean.

Tha e coltach gu bheil am facal seo car neo-chumanta ach tha beagan eisimpleirean ann ri fhaotainn: tha tur-chadal ann an Dwelly, leis a’ mhìneachadh ‘leth-chadal’ agus ‘cadaltachd’. Tha turra-chadal cuideachd a’ nochdadh ann am Faclair MacBain, far a bheilear am beachd gur ann bhon fhacal turraban no turraman ‘luasgadh na bodhaig’ a tha am facal seo a’ tighinn.

Tha turraban agus iomadh cruth eile dhen fhacal, mar turramaich, turradan agus turraman, a’ nochdadh ann an Dwelly leis a’ chiall ‘crith, luasgan’ ach cuideachd ‘leth-chadal’. A-rèir Dwelly, bha facal coltach ris - air thurrachdain - air a chleachdadh ann an Arainn airson ‘air chrith’. Cuideachd, bha seann dannsa Gàidhealach ann leis an ainm Turraban nan tunnag!

Ma tha barrachd eòlais agaibh air tur(r)a-chadal no turraban, nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìosal no air Facebook no Twitter?
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo