Gàidhlig / English
Eileabanachd

Eileabanachd

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 20mh den Ghiblein
Air an t-seachdain-sa, ghabh mi cothrom sùil a thoirt air an eileabanachd a bhios daoine a’ dèanamh air a chèile.’S ann anns an Eilean Leòdhais a chaidh am facal seo a chlàradh, agus ’s e luaithearachd as ciall dha. ’S e dobailearachd facal eile air a shon, agus ‘bochdainn.’ As dèidh dha cuideigin cleasan a chur oirbh, bha e cumanta gu leòr a’ cheist seo a chluinntinn: “Dè a’ bhochdainn a rug ort?”

Tha Facal bhon t-Sluagh ag innse dhuinn gur h-e lèireadh, neo magadh as ciall dha cuideachd. Seo na th’ againn de mhagadh sa chruinneachadh: cho grànnda ris a’ pheacadh; plosg de dhuine (cuideigin air a bheil maodal cho mòr is gu bheil iad a’ critheadaich sa mheadhon gach uair a ghluaiseas iad). Dh’fhaodadh sibh fiù’s a bhith cho greannach ann a bhith ’g ràdh: chan eil eanchainn circe aige!” Chan eil gach lochd cho follaiseach ri sin, ge-tà, mar a dh’innseas an abairt a leanas: tha cuid dhubhailcean ann aig am bheil aogas subhailc!’

Cuimhnichibh gu robh na Gàidheil riamh math air dì-moladh a dhèanamh. Tha na sgrìobh Seumas Mac an t-Saoir na dheagh eisimpleir. Ann am pìos bàrdachd ris an abrar Òran don Ollamh MacIain, tha am bàrd a’ toirt na mallachdan air Samuel MacIain, a thàinig don Ghàidhealtachd agus a sgrìobh rud oillteil mu na Gàidheìl ris an do thachair e. San rann a leanas:

“Am measg nan iasg ’s tu ’n dallag mhùrlaich
A’ bhiast mhùgach sin ’m mac-làmhaich,
’S tu an t-isean à meadhan na brèine,
Am broc ’s a shròn na chèir trì ràithean…”

Thug Mac an t-Saoir iomradh cuideachd air craobhan mallaichte ann a bhith a’ dealbhachadh an duine: an leamhan, am feàrna agus an critheann. Tha na rannan aig Mac an t-Saoir gu sònraichte brùideil! Mholainn-sa an còrr a leughadh ma gheibh sibh an cothrom. Ma bhios sibh ri mallachdan is eileabanachd uair sam bith, a bheil sibh ag ùisneachadh samlaidhean mar chraobhan?

Ma tha beagan de dh’eileabanachd agaibh, neo corra abairtean airson magadh a dhèanadh sibh air daoine eile, nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìseal, air Facebook neo air Twitter.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo