- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
boinneagraich
Air a sgrìobhadh le Alasdair air 13 Giblean 2017
Chualas am facal seo aig neach-bratha sna Hearadh ann an 1972. Chaidh a chlàradh san abairt “boinneagraich uisge”, a’ ciallachadh “light drops of rain”. Faodar coimeas a dhèanamh eadar boinneagraich agus dà fhacal a tha clàraichte aig Dwelly: is e “dropping of rain previous to a shower” a tha air a chur air boinneartaich agus boinnealaich an sin.Chan fhaighear lorg air boinneagraich ann an Corpas na Gàidhlig ach tha boinnealaich agus boinneartaich clàraichte ann an sgrìobhaidhean Gàidhlig an sin. Tha “boinneartaich uisge” clàraichte san earrainn a leanas ann an Naigheachdan Firinneach 2: “bha a nis boinneartaich uisge ann a bha cur air mhanadh oidhche shalaich”.
Tha an t-aon seagh follaiseach san earrainn a leanas ann an An Teachdaire Ùr Gàidhealach: “mhothuich mi boinnealaich uisge ge nach robh e ach ainneamh”. Tha boinnealaich, a' ciallachadh “rain drops prior to a shower”, cuideachd clàraichte ann an The Campbell collection of Gaelic proverbs and proverbial sayings.
Air fianais nan eisimpleir gu h-àrd, tha na facail seo gan cur air uisge gann ro uisge trom. Is e am facal boinne ‘drop; small quantity; liquid measure’ (LearnGaelic) a tha aig bun nam facal.
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo