- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mac-Talla: Ar-a-mach ann am Brazil
Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 10 Giblean 2017
Mar a chunnaic sinn roimhe, bha Mac-Talla glè dheònach a bhith na phàipear-naidheachd ceart a bhiodh ag aithris air cùisean a bha a’ tachairt anns an t-saoghal gu dìcheallach, ach cuideachd bha grunnan dhuilgheadasan aca seo a dhèanamh, mar a chì sinn anns a’ phìos seo. Chan e a-mhàin nach robh bunstructair an telegraph glè mhath, ach nach robh e comasach do Mhac-Talla a leithid a rud ri neach-naidheachd thall-thairis a bhith aca, mar a bhiodh aig na pàipearan mòra. Rinn iad an dìcheall, ge-tà, airson na naidheachdan o thall-thairis a thoirt seachad, fiù’s nuair a bha iad a’ dèanamh leisgeulan airson laigse an aithris aig an aon àm.Bha blar fuilteach air a chur am Brazil an la roimhe. Tha aireamh mhor de mhuintir na ducha sin ri ar-a-mach an aghaidh an luchd-riaghlidh, agus ’s ann eatorra sin agus cairdean an luchd-riaghlidh a bha’n cath. Chan eil fios cinnteach air cia mar a chaidh dhaibh, no co bhuideann a thug buaidh oir chan eil e soirbh fios fhaotinn a thaobh ’s nach eil an telegraph san duithich sin cho math ’sa dh’fhaodadh i bhi; ach tha aon sguel a fhuaras ag radh gu robh ochd ceud duine air a mharbhadh, nach robh a bhuaidh air taobh seach taobh ach gu bheil an luchd ceannairc a fas nas laidire gach latha. Chan eil cuisean ach gle upraideach an ceann a deas America nuair a’s fhearr iad.
Chithear an seo cuideachd mar a bha iad a’ coimhead sìos an sròinean air Ameireaga-a-Deas – rud nach eil cho neònach do dhaoine anns an là an-diugh, nas motha, ach mar as trice cha bhiodh sinn a’ sùileachadh an leithid fhaicinn ann an aithris-naidheachd anns a’ phàipear!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo