Gàidhlig / English
Mac-Talla: Na Gàidheil 's na Fèidh

Mac-Talla: Na Gàidheil 's na Fèidh

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 3 Giblean 2017
Ged a bha am pàipear Mac-Talla bunaichte ann an Sidni, an Albainn Nuadh, bhiodh e uaireannan a’ faighinn naidheachdan à pàipearan eile, gu h-àraidh pàipearan ann an Alba, airson a bhith ag aithris naidheachdan mun Ghàidhealtachd air ais ann am Breatainn. Seo mar a nochd an artaigil seo anns an Dùbhlachd 1892, mu dheidhinn oidhirpean a thaobh ath-leasachadh fearann a bha a’ dol air adhart anns a’ Phàrlamaid aig an àm. Tha seo a’ toirt sealladh dhuinn air cho cudromach ’s a bha cùisean ann an Alba agus gu h-àraidh a’ Ghàidhealtachd airson na Gàidheil ann an Canada; bhiodh cùisean fearann mar adhbhar airson grunnan dhiubh a bhith air Alba fhàgail anns a’ chiad àite, agus gun teagamh bhiodh teaghlach fhathast aca ann an Alba air an robh cùisean mar seo a’ bualadh.
 
NA GAIDHEIL ’S NA FEIDH.
 
Tha e cosmhuill nach ’eil stad air an obair mhi-naomh ud a tha cur fearann nan Gaidheal fo fhrithean nam fiadh. Tha barrachd gruinnd an diugh fo’n t-seilg so na bh’ ann riamh; ach a reir an t-sanais a thug Mr Macfarlan anns a Pharlamaid an la roimhe theid stad a chur air so le achd Parlamaid mu’n ruith moran uine. Ach feumaidh na Gaidheil iad fein gluasad a dheanamh mu’n chuis aig an tigh agus an t-aobhar a chumail beo mar so. Mur bi an sluaigh fein a ghnath ag agradh bidh na naimhdean ag radh nach ’eil feadhainn ’sam bith ag iarraidh atharrachadh air an lagh ach na fir Pharlamaid a tha deanamh troimhe-cheile air son an criochan fein. Thigeadh do na Gaidheil uime sin, deas is tuath, an lamhan a chumail an sas anns an obair so, agus a leigeil fhaicinn gu’m bheil iad durachdach mu’n chuis. Tha e soilleir gu leoir ma dh ’fhagar nithean mar tha iad nach fhada gus am fas am fearann ro dhaor feadh na Gaidhealtachd, oir paidhidh e ni’s fhearr do na h-uachdarain fhagail buileach fo’n t-seilg na bhi’ ga chumail mar fhearann araich fo thuath bhig. Tha e iomchuidh, uime sin, gu’m biodh na Gaidheil a’ togail an guth gu treibhdhireach mu’n chuis so, agus nach biodh na frithean a’ farsuinnachadh fo’n srontan, agus an cothrom beoaltrum so a thatar a’ deanamh air na feidh an aite nan daoine.
 
Chi sinn an seo mar a bha fhathast ceangalan eadar na Gàidheil air gach taobh a’ Chuan Siar, agus cuideachd cho cudromach ’s a bha cùisean poileataiceach Breatannach dhaibh ann an Canada. Ged nach robh teicneòlas aca airson an aon sheòrsa ceangal a bhith eatorra ’s a th’ againn an-diugh, rinn iad an dìcheall na ceangalan a chumail suas.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo