Gàidhlig / English
Bileag

Bileag

Air a sgrìobhadh le Alasdair air 9 Màrt 2017
Is iomchaidh ann an dòigh gu bheil bileag agam an t-seachdain-sa ’s mi a’ cur cruth didseatach an seo air bileagan a rinn Raghnall MacIlleDhuibh do dh’Fhaclair na Gàidhlig.  Orra seo tha facail is abairtean à cuid de na làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig as sine a th’ againn.
 
San latha an-diugh, gu h-àraid ann an roinn an fhoghlaim, is aithne dhuinn bileag glè mhath san t-seagh seo: air troch, no clàr pàipeir, mar gum b’ eadh.  Gu dearbha, tha a’ bhrìgh seo clàraichte ann am Faclan bhon t-Sluagh aig neach-bratha ann am Port Rìgh.
 
Aig a’ cheart àm, tha brìgh eile don fhacal nach eil buileach cho bitheanta san latha an-diugh, dh’fhaoidteadh.  Tha sin fìor an seo ann am baile mòr Ghlaschu co-dhiù, air adhbharan nach ruig mi a leas mìneachadh.  Mar a thuirt Màiri Mhòr: “ ’S ged nach faic sinn bileag fheòir // Air sràidean comhnard Ghrianaig…”.  Mar sin, gheibhear cuideachd bileagan feòir.  Ann am Breacais san Eilean Sgitheanach, tha bileag ga cur air feur ùr-nochdte as t-earrach: “Bitheadh bileag a’ tighinn a mach tuilleadh”;  agus ann an Scalpaigh na Hearadh, tha bileag-sléibh clàraichte san abairt “Cha’n eil bileag sléibh aice”.  Is e iomradh air ionaltradh chaorach a tha seo, a’ ciallachadh nach eil feur don chaora ann.  Tha iomadach teacsa ann an Corpas na Gàidhlig anns a bheil bileag ga lorg san t-seadh seo; tha “bileag fheòir” clàraichte ann an Luach na Saorsa, mar eisimpleir.
 
Ach tha brìgh an fhacail nas fharsainge na sin.  Tha “bileag fiogha” aig Iain Aonghas MacLeòid ann an Criomagan Ioma-dhathte (1973); agus tha “bileag fuilt” aig Iain F. MacLeòid na ùirsgeul Na Klondykers (2005), mar eisimpleir.
 
Tha am facal cuideachd ga lorg sa Chorpas san t-seadh pàipeir air an d’ rinn mi luaidh sa chiad dol a-mach ge-tà; tha “bileag phaipeir”, mar eisimpleir, clàraichte ann an Mac-Talla, vol. XI (1902).  Gheibhear torr a bharrachd den leithid seo ann an Corpas na Gàidhlig.
 
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo