Gàidhlig / English
Clàdan

Clàdan

Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 2 am Màrt

’S e clàdan (iol. clàdain) facal na seachdain, agus tha iomadh facal eile sa Ghàidlig airson ‘snowflake’. ’S e Tiriodh aon de na h-àiteachan far an deach am facal seo a chruinneachadh airson Faclan bhon t-Sluagh; agus e le ciall shònraichte an seo: chanadh iad clàdain (no clàdan sneachda) airson an seòrsa sneachd a nochdas aig deireadh a’ gheamhraidh no toiseach an earraich nuair nach eil an t-sìde cho fuar – bhiodh na clàdain fliuch agus mòr gu leòr airson sgillinn a chòmhdachadh.

Cha mhòr nach eil a h-uile sgìre air feadh na Gàidhealtachd far am faighear diofar fhaclan a th’air ‘snowflake’. Ma choimheadas tu air na faclan ann am Faclan bhon t-Sluagh, chithear gun canar bleideag ann an Leòdhas agus na Hearadh, clèideag ann an Uibhist agus clòineag no lòineag anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Siorrachd Rois. ’S ann ann an Tiriodh agus Colla, agus cuideachd nas fhaide deas ann an Ìle, far an cluinnear clàdan. Gu h-inntinneach, tha facal coltach ri clàdan clamhuinn – ri fhaotainn ann am Barraigh, eilean a tha nas fhaisge air Tiriodh na air Leòdhas agus na Hearadh. Mar sin, dh’fhaodar beachdachadh gur h-e eisimpleir sìmplidh agus soilleir air dualchainntean eadar-dhealaichte na Gàidhlig a tha anns na faclan airson ‘snowflake’!

Chan eil e coltach gu bheil a’ chiall shònraichte a chaidh ainmeachadh gu h-àrd cho bitheanta, ge-tà – mar as àbhaist, tha clàdan dìreach air a chleachdadh airson ‘snowflake’ san fharsaingeachd.

Tha barrachd ri leughadh mu fhaclan airson 'snowflake' anns a' Ghàidhlig anns an alt  ‘Caochlaideachd Leicseachail agus “snowflakes” sa Ghàidhlig’ (ann an Cànan agus Cultar / Language and Culture, Edinburgh: Dunedin, 2010) le Roibeard Ó Maolalaigh.

A bheil sibh eòlach air clàdan agus a' chiall shònraichte a chaidh ainmeachadh an seo? Dè chanas sibh fhèin airson ‘snowflake’? Ma tha beachd sam bith agaibh, bidh sinn toilichte cluinntinn bhuaibh gu h-ìosal no air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo