- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Corra-chamag
Air a sgrìobhadh le Abi air Diardaoin 23 An Gearran
’S ann às an Eilean Bharraigh a thàinig am facal corra-chamag agus e a’ ciallachadh nuair a chuireas tu do chorragan ri chèile ri taobh an t-solais gus sgàilean a dhèanamh air a’ bhalla. Ann am Barraigh, rinneadh sin le clann a bha dèidheil air pratan a dhèanamh gus an t-eagal a chur air na caraidean aca.
Tha camag ga lorg ann an ceithir àitichean ann am Faclan bhon t-Sluagh airson shinty stick, ach cuideachd tha e san fhaclair Dwelly agus e a’ ciallachadh:
Curl, ringlet. 2 Crook. 3 Clasp. 4 Side of the head, temple. 5 Club. 6 Bay, arm of the sea. 7 Anything crooked or curved. 8 Comma, in writing. 9** Quibble, quirk. 10 Anything undesirable. 11†† Curve.
Mar sin, tha am facal camag a’ ciallachadh rud sam bith air a bheil cruth crom.
Tha iomadh facal mu chorragan ann am Faclan bhon t-Sluagh. Chaidh cearrag a chruinneachadh san Eilean Sgitheanach airson sgealbag agus chaidh crionag a chruinneachadh ann an Inbhir Nis airson lùdag.
Bha corragan air a chleachdadh gu bitheanta gus tomhas a dhèanamh agus chaidh cromadh a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas airson ‘measurement of tweed usually from the tip of the middle finger to the knuckle joint’ no ann an Uibhist a Tuath ‘a measurement of tobacco, about four inches long.’
A bheil faclan eile agaibh airson corra-chamag no rudeigin coltach ris? Bhiodh ùidh againn ur sgeulachdan a chluinntinn tro Facebook, Twitter no faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo