Gàidhlig / English
Oidhche Choinnle

Oidhche Choinnle

Air a sgrìobhadh le Edit air 22 dhen Dùbhlachd 2016

’S e Oidhche Choinnle, a thugadh air Oidhche na Bliadhna Ùire, facal mu dheireadh againn dhen bhliadhna. ’S ann à Loch Abar a chaidh am facal a chruinneachadh airson Faclan bhon t-Sluagh ach tha e coltach gun robh an t-ainm seo air a chleachdadh air feadh na h-Alba cuideachd. Mar a tha fios againn, ’s e a’ Bhliadhna Ùr, no Oidhche Challainn (ainm nas cumanta oirre) an fhèill as motha ann an Alba. Eadar-dhealaichte bhon Nollaig, ’s ann air cleachdaidhean pàganach a tha a’ chuid as motha den fhèill seo air a stèidheachadh, ged a tha e coltach gur h-ann bhon aon fhèill gheamhraidh phàganaich a tha cleachdaidhean na Nollaige agus na Bliadhna Ùire air feadh na Roinn-Eòrpa a’ tighinn bho thùs.

Mar sin, bha iomadh baoth-chreideamh fuaighte ri cleachdaidhean Oidhche Challainn. Mar a thèid a ràdh an seo, bha e na chleachdadh a bhith a’ cumail an teine a’ dol agus na coinnlean air an lasadh san taigh fad na h-oidhche air Oidhche na Bliadhna Ùire – nan biodh iad an dol às, bhathar a’ creidsinn gum biodh droch-fhortan aig an fheadhainn san taigh sa bhliadhna a bha ri thighinn. ’S ann bhon chleachdadh seo a tha an t-ainm Oidhche Choinnle a’ tighinn.

Ged nach e an t-ainm as cumanta air an oidhche seo a tha ann, tha Oidhche Choinnle a’ nochdadh ann an cuid de na duain a bhiodh na gillean a’ gabhail nuair a bhiodh iad a’ tadhal air taighean air madainn na Bliadhna Ùire anns a’ chleachdadh ris an canar ‘first footing.’ Ann am Mac-Talla, vol. 11, 1902, chaidh a chur an cèill gun robh na gillean air an còmhdachadh le craiceann tairbh far an robh na h-adhaircean fhathast ann agus a’ bualadh na h-adhaircean ri chèile fhad ’s a bhiodh iad a’ gabhail an duain a leanas:

Oidhche Choinnle, oidhche shona,
Oidhche air am bi loinn is sonas,
Maighdeanan a’ roinn nam bonnach,
Coinnlean a’ boillsgeadh soluis;
Chiream charam feadh an tighe,
So an tigh ’s am boil mo ghnothach,
’S cha’n ’eil romham dhol na’s fhaide!
 
Ged a bhiodh seo eagallach gu leòr, bhathar an dùil gun toireadh bean-an-taighe beagan biadh agus deoch dha na gillean, mus falbhadh iad do thaigh eile!

Ma tha barrachd eòlas agaibh air Oidhche Choinnle agus na cleachdaidhean a tha fuaighte rithe, nach cur sibh fios thugainn gu h-ìosal no air ar duilleagan Facebook agus Twitter.

Nollaig Chridheil dhuibh uile agus Bliadhna Mhath Ùr nuair a thig i bho sgioba DASG!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo