- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Glainne na Bliadhn' Ùire
Bliadhna mhath ùr dhuibh uile bho sgioba DASG! An t-seachdain seo, bidh sinn a’ toirt sùil air measgachadh de chleachdaidhean tràidiseanta air Oidhche Challainn.
Chaidh an abairt Glainne na bliadhn’ ùire a chruinneachadh ann an Uibhist a Tuath – is e a bh’ ann glainne shònraichte a chaidh a chumail san taigh agus nach deach a chleachdadh ach aig a’ bhliadhna ùire. (Seo mus robhar a’ cumail deoch làidir san taigh gu cumanta.)
Ann an cuid de sgìrean, bhiodh ‘gillean-Callainn’ a’ dol mun cuairt taighean air Oidhche Challain agus a’ seinn rann sònraichte, ‘Coireal Cullaig,’ a tha a’ nochdadh ann an Carmina Gadelica. Bhiodh na gillean an dùil biadh no deoch fhaighinn bho mhuinntir an taighe, ach, a rèir cuideigin bho Uibhist a Deas, mura faigheadh iad sgath, bhiodh iad a’ togail càrn nam mallachd aig an doras.
Anns a’ choireal seo, thathar cuideachd a’ bruidhinn air ‘Caisean Challainn’ – pìos seiche a bheireadh fortan dhan taigh. Tha am facal seo a’ nochdadh ann an dàn le Màiri Nic a’ Phearsain (anns a’ chruinneachadh Dàin agus Òrain Ghàidhlig):
Gille-glais’ aig an doras,
’S caisean-Callainn na làmhan;
Bean a riarachadh bhannag,
’S i cho geanail mu’n fhardaich.
Ann an Uibhist a Deas, bha breacag nan gille cullaig ann cuideachd: bonnach a chaidh a dhèanamh airson gillean-Callainn. Tha an aon seòrsa bonnach a’ nochdadh ann an dàn eile le Màiri Nic a’ Phearsain cuideachd:
Na bannagan-Callainn,
A gheobhadh na gillean,
Bhiodh leith-pheice mhìne is còrr annta.
A bheil glainne na bliadhn’ ùire agaibhse, no am bi sibhse a’ dèanamh bonnach sònraichte airson Oidhche Challainn? Bhiodh ùidh mhòr againn ionnsachadh mu dheidhinn cleachdaidhean tràidiseanta eile ceangailte ri Oidhche Challainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo