Gàidhlig / English
Siachaire-cladaich

Siachaire-cladaich

Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 24mh den t-Samhain

’S ann às na Hearadh a tha facal na seachdaine, siachaire-cladaich, a’ tighinn bho thùs. A rèir Faclan bhon t-Sluagh, ’s e ‘scrounger’, duine a bhios a’ faighinn rudan air iasad bho dhaoine eile agus a bhios beò orra, as ciall dhan fhacal seo. Thèid cuideachd a ràdh gur e ainm gnè eòin a tha ann agus mar sin, dìreach mar ‘mulcaire’ a bha againn beagan sheachdainean air ais (agus cuid de dh’fhaclan eile a tha air a bhith againn sa bhlog seo), ’s e eisimpleir eile a tha seo air facal a tha a’ toirt iomradh air seòrsa duine agus beathach leis an aon seòrsa ghiùlain. Chan eilear buileach cinnteach dè as ciall dha siachaire, ach tha sìochair ri fhaighinn ann am faclair Dwelly, a’ ciallachadh ‘contemptible person’, agus dh’fhaoidte gu bheil ceangal eadar an dà fhacal seo.

Tha e coltach gu bheil facal eile a tha ri fhaighinn ann am Faclan bhon t-Sluagh, crìochairean-cladaich, a’ ciallachadh an aon rud ri siachaire-cladaich. Tha crìochairean-cladaich, cuideachd às na Hearadh, a’ toirt iomradh air an dà chuid iasgairean agus eòin a bhios a’ fuireach faisg air an tràigh gun a bhith a’ dol fada bho chrìochan na tràghad. Tha crìochaire a’ ciallachadh ‘border guard/keeper’ agus mar sin, faodar beachdachadh gu bheil e a’ toirt iomradh air giùlan an siachaire-cladaich.

A thaobh gu dè gnè eòin a tha seo, tha crìochran ri fhaighinn ann an Dwelly, a’ ciallachadh ‘stonechat’ (a tha air a chur an cèill mar eun le ‘giùlan dàna’), agus dh’fhaoidte gur h-ann bho chrìocharan-cladaich a tha seo a’ tighinn, ged nach eilear cinnteach.

Mar as àbhaist, ma tha eòlas sam bith eile agaibh air siachaire-cladaich no crìochaire(an)-cladaich, faodaidh sibh fios a chur thugainn gu h-ìosal no air ar duilleagan Facebook no Twitter.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo