Gàidhlig / English
Laparsaich

Laparsaich

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 17mh den t-Samhain
’S ann bu thrice a bha mi a’ smaoineachadh cho breàgha s’a bhiodh e a bhith a’ laparsaich bho thonn gu tonn mar eun. Chaidh am facal a chruinneachadh ann an Suaineabost, Nis, Leòdhas. ’S ann aig Aonghas Caimbeul, bàrd bho am Puilean, Nis, a bha am facal anns a’ bhàrdachd aige, Am Fear Nach Ainmich Mi:
 
Ri solus na gealaich bhuidhe…
’S nuair a chluicheas tu do phìob
Ruighlidh iad Gille Calum;
Filleag an còta drannaig
Laparsaich na speirean sgiabt’,
Clab am bas le sgalan-sgriach
Às an ciall cur nan caran.
 
’S e ìomhaigh gu math làidir a tha seo. Tha a’ phìos bhàrdachd seo ri fhaotainn anns a’ Chorpas.
 
Bheir sinn sùil air seanfhacal à Lochabar:
 
“Théid am mianan o dhuine gu duine mar a théid an t-eunan bho dhoire gu doire.”
 
Gu dearbh, tha fios againn gun ghluais miaranaich eadar na daoine cho furasta sin!
 
Chan eil cùs a’ bhiodh a’ gluasad cho easgaidh ri eun air dùr-thuinn. Ma tha sib’ fhèin easgaidh ann a bhith a’ tilgeil clach thar nan tonn, ’s e sliuchadan a’ chlach as fheàrr air a shon. Air an làimh eile, ’s e sonc a theirte ri rud a thèid fodha gu grad anns an uisge, agus dh’ èigheadh na daoine an-uairsin, “sonc!”
 
Ma tha sibh èolach air abairt na seachdaine, neo ma tha faclan eile agaibh airson gluasadan nam beathach tron uisge, nach fàg sibh na beachdan agaibh gu h-ìseal, air neo air Facebook neo Twitter?
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo