- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seillean na Tòine Mòra (Seillean-Ruadh)
O chionn ghoirid, thòisich mi ag obair air bogsaichean làn chlàraidhean-fuaime a tha buntainn dha Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Chaidh na clàraidhean seo a chlàradh an dà chuid ann an Alba agus Alba Nuadh anns a bheil òrain agus sgeulachdan ann a thàinig a-nuas bho ghlùin gu glùin.
Dh’fhaodte gun deach an teip ‘North Argyll’ a chlàrachadh le Duncan MacQuarrie le duine gun ainm agus chan eil cleann-latha againn nas motha. Tha an teip seo làn fhaclan inntinneach a bhuineas do dh’Earra-Ghàidheal, mar eisimpleir Seillean na Tòine Mòra (Seillean-Ruadh):
“’S e ‘seillean na tòine mòra’ a chuala mi air a’ ‘bhumble-bee’.
An e?
’S e, ach chan eil fhios a’m. Sin na chuala mise.
Cha chuala mi ach ‘seillean na tòine mòra’.”
Tha diofar fhaclan air feadh na h-Alba airson seillein no seillein-ruadh agus tha iomadh faclan air Faclan bhon t-Sluagh aig DASG. Chaidh seillean mór a chleachdadh ann an Uibhist a Deas, seillean ruadh ann an Cill Fhinn (Siorramachd Pheairt) agus bha bodach-ruadh ga chleachdadh ann an Inbhir Nis. Bha tìlleag ga chruinneachadh ann an Cataibh agus deilean anns na Hearadh. Chì sibh barrachd an seo.
Tha sinn an dòchas gum bi cuid dhe na clàraidhean air-loidhne uaireigin an ath bhliadhn’. Faodaidh sibh ur beachdan agus faclan eile airson seillean na tòine mòra fhàgail fo na blògaichean agus tha duilleagan againn air Facebook neo air Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo