- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Muc-bhiorach
Air a sgrìobhadh le Shona air 13mh Damhair 2016
’S e ‘muc-bhiorach’ no ‘muc-a-bhiorach’ facal na seachdain-sa, ainm Gàidhlig airson beathach na mara air a bheil ‘porpoise’ sa Bheurla.Chaidh ‘muc-bhiorach’ a chruinneachadh ann an Ratharsair ann an 1970, ann an Uibhist a Deas ann an 1987-88 agus ann an Arainn ann an 1967. Bha faclan eile gu math coltach ri seo, “muc a bearraich” agus “mucan-bearaich” air a chruinneachadh ann an 1967–68 ann am Muile, agus cuideachd “muc-a-bioraich” ann an Càrradal an Earra-Ghàidheal ann an 1967–68.
Chaidh faclan eadar-dhealaichte a chruinneachadh cuideachd – “muc steallain” ann an Uibhist a Deas (bho steallach), agus “muc-stigean” ann an Colla.
Bha “cana” agus “peilig” cuideachd air an cruinneachadh – faclan na bu chumanta airson “porpoise”. Ann an Càrradal, tha peilig ga chleachdadh airson “porpoise” no beathach coltach ri seo ach a tha na bu luaithe na “muc-a-bioraich.”
An cuala sibh riamh na faclan gu h-àrd? No a bheil abairt eile agaibh airson a leithid de bheathach? Cuir fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo