Gàidhlig / English
Mac-Talla: Ni-Eigin Nach Robh Ceart

Mac-Talla: Ni-Eigin Nach Robh Ceart

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 26 An t-Sultain 2016
Bha Mac-Talla tric ag innse na naidheachdan gu sìmplidh agus gun romannsaidheachd, mar nuair a thuirt iad nach robh mòran seans gun dèanadh fear a’ chùis a’ dol thairis an Cuan Siar air long bheaga, neo na ceudan de phìosan-naidheachd mu dheidhinn daoine a’ bàsachadh ann an tubaistean neo mort neo le bhith a’ cuir às leotha fhèin. Bho àm gu àm ge-tà bhiodh iad ag aithisg rudan ann an dòigh gu tur eadar-dhealaichte. Cha mhòr nach canadh duine gu robh iad a’ bogachadh am briathran uaireannan, ag aithisg naidheachdan gus nach biodh iad ag innse rudan dona. Nochd a’ phìos seo ann an 1898:
 
Chaochail an Seanalair Sir Fred D. Middleton ann an Lunnainn o chionn ghoirid. ’Se bu cheannard air airm Chanada ’nuair a bhatar a’ cur fodha ceannairc Riel ’san Iar-Thuath ’sa bhliadhna 1885. Chaidh a chur á dreuchd an deigh sin air son ni-eigin a rinn e ’san Iar-Thuath nach robh ceart. An deigh dha dhol air ais do Bhreatuinn fhuair e bhi ’na fhear-gleidhidh nan seudan rioghail, agus bha ’n oifig sin aige gu ám a bhàis.
 
B’e an ‘ni-eigin a rinn e nach robh ceart’ a bhith a’ goid stòrasan agus biain bho na Métis, na h-Innseanan a bha e a’ sabaid anns an ar-a-mach – an dùil carson nach canadh iad sin gu soilleir? ’S dòcha air sgàth ’s gu robh Mac-Talla gu mòr air taobh na h-Impireachd Bhreatannach a’ chuid as motha den ùine, agus nach robh iad airson aideachadh gun robh feadhainn de na h-uaislean air rudan dona a dhèanamh!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo