Gàidhlig / English
Corracha-cagailt

Corracha-cagailt

Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 8 An t-Sultain 2016

A-nis nuair a tha na h-oidhcheannan a’ fàs nas fhuaire agus nas duirche, bidh e freagarrach le facal ceangailte ri teine!

’S ann à Leòdhas a tha facal na seachdaine, corracha-cagailt no corra-chagailt (agus tha e cuideachd a’ nochdadh ann an iomadh cruth eile), a’ tighinn bho thùs. A rèir Faclair Macbain, tha am facal air a dhèanamh suas le còrr, ‘puing’ agus cagailt, ‘teine’ agus tha e a’ toirt iomradh air lasan sònraichte a nochdas nuair a tha teine gu bhith a’ dol às. Nuair a bhithear a’ brodadh le brod-teine tron mheasgachadh eadar uinnseann agus èibhleagan a bhios ann aig an àm sin, bidh lasan beaga ann an dathan na bogha-froise a’ nochdadh. Bhiodh seo na bu bhitheanta air oidhche fhuar.

Bhathar a’ creidsinn gum b’ e droch spioradan a bha anns na lasan seo – a rèir an Fhaclair Bhig, bhithear ag ràdh tha tìde agad a dhol dhan leabaidh mus beir na corrachagan-cagailt ort ris a’ chloinn airson toirt orra dol a laighe.

A rèir an fhaclair cheudna, tha ciall gu math diofraichte aig corra-chagailt cuideachd: uaireannan, bhiodh am facal air a chleachdadh mar iomradh air duine leisg nach biodh riamh a’ gluasad air falbh bho thaobh an teine!

An-diugh, tha am facal seo cuideachd air a chleachdadh airson ‘salamander.’

A bheil sibh eòlach air an fhacal inntinneach seo? Nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìosal no air ar duilleagan Facebook no Twitter!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo