Gàidhlig / English
Mac-Talla: A' Paigheadh Mac-Talla

Mac-Talla: A' Paigheadh Mac-Talla

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 5 An t-Sultain 2016
Cha robh am pàipear Mac-Talla a’ ruith ach dusan bliadhna, agus thairis air an ùine sin bha iad a’ cuir feum mòr air airgead airson am pàipear a chumail a dol agus a chuir ann an clò. Bha iad gu sònraichte feumail air pàigheadh bho na leughadairean aca, a bha a’ pàigheadh gu miosail neo gu bliadhnail airson gach iris fhaighinn. Tha mòran de na h-irisean a’ foillseachadh liosta de “Iadsan A Phàigh”, a’ sealltainn ainmean agus àiteachan-fuirich an fheadhainn a tha a’ leughadh a’ phàipear (agus tòrr dhiubh a’ fuireach air taobh a-muigh Chanada, cho fada air falbh ri Breatainn agus Astràilia agus Afraga-a-Deas). Ach feumaidh gun robh trioblaid mòr aca ann a bhith a’ faighinn pàigheadh bho grunnan de na leughadairean aca nuair a bha còir aca, oir tha na fir-deasachaidh tric gu math fiadhaich mu dheidhinn iadsan nach eil a’ pàigheadh! Thàinig cùisean gu ceann leis a’ phìos seo:
 
Tha paipear-naigheachd ann an Sina a tha còrr us mile bliadhna dh’aois. Re na h-ùine sin chaidh na cinn a chur bhar còrr us naodh ceud deug de’n luchd-deasachaidh! ’S math an gnothuch nach eil e ’n comas righ no breitheamh na cinn a chur bhar luchd-deasachaidh nam paipearan ’san latha ’n diugh, ach bhiodh e na ni ro-fheumail ’sn dùthaich so lagh a dheanamh air son na cinn a chur dhiubhsan nach eil a’ paigheadh nam paipearan, gu seachd sònruichte iadsan nach eil a’ paigheadh MHIC-TALLA.
 
Tuigidh sinn an dragh a bha orra – gu h-àraidh air sgàth ’s gun do stad am pàipear a’ foillseachadh idir air sgàth dìth luchd-pàighidh – ach ’s dòcha nach e a’ chùrsa a b’ fheàrr a bhith airson marbhadh an fheadhainn nach eil a’ pàigheadh!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo