- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Meuran Nan Daoine Sìthich
Tha iomadh abairt beartach sa Ghàidhlig ceangailte ri nàdar, agus chìthear seo gu h-àraid ann an ainmean lusan. Tha tòrr ainmean anns a bheil am facal sìth no sìthich, ach is e an t-ainm air a bheil sinn a’ coimhead air an t-seachdain-sa meuran nan daoine sìthich, a chaidh a chruinneachadh ann am Cill Fhìnn, ann an Siorrachd Pheairt. Is e ainm taitneach a th’ ann airson ‘foxglove’ nach eil cho litreachail ri miotag an t-sionnaich (a bh’ aig an aon neach-labhairt).
Ann am faclair Dwelly, tha deich ainmean eile ann airson an luis seo, is iad uile ceangailte ris an t-saoghal eile. Tha a’ mhòr-chuid dhiubh ceangailte ri sìthichean (meuran nan cailleachan-sìth / meuran-sìth, lus nam ban-sìth agus cluigean na mnàtha sìthe), ach tha ainm no dhà ann nach eil buileach cho aotrom (meuran nan cailleach marbh agus meuran a’ bhàis). Tha an t-ainm meuran nan cailleach marbh a’ nochdadh ann am ‘Faclan bhon t-Sluagh’ cuideachd, is e air a chruinneachadh anns na Hearadh.
Ma bheirear sùil air Corpas na Gàidhlig, tha aon de na h-ainmean siud, meuran nan cailleacha marbh air a chleachdadh ann an litreachas na Gàidhlig, ann an Aig Taigh na Beinne le Katherine Whyte (1911). Tha an aon ainm a’ nochdadh cuideachd ann an leabhar nas acadaimeagaiche, Gaelic Names of Plants le Iain Camshron (1883), còmhla ri trì ainmean eile: meuran sìth, meuran nan daoine marbh agus lus nam ban sìth.
Dè an t-ainm Gàidhlig a bhios sibh fhèin a’ cleachdadh airson ‘foxglove’? Nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo