Gàidhlig / English
Books

Dachaigh

Fàilte gu DASG, Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig, tasgadh air-loidhne Oilthigh Ghlaschu airson sgrìobhainnean didseatach, goireasan leicseachail agus clàraidhean airson Gàidhlig na h-Alba. Tha trì roinnean ann an DASG, Corpas na Gàidhlig, Faclan bhon t-Sluagh agus Cluas ri Claisneachd.

Tha Corpas na Gàidhlig ag amas air corpas dealantach iomlan a thabhann de sgrìobhainnean Gàidhlig na h-Alba do dh’oileanaich agus luchd-rannsachaidh air cànan, litreachas agus cultar Gàidhlig na h-Alba. Tha Corpas na Gàidhlig a’ toirt stèidh theacsail airson a’ phròiseict eadar-oilthigheil, Faclair na Gàidhlig, air am bi faclair eachdraidheil na Gàidhlig air a stèidheachadh.

Is e cruinneachadh de dh’fhiosrachadh a chaidh fhaighinn bhon t-sluagh a tha ann am Faclan bhon t-Sluagh (ceisteachain, liostaichean-fhacal agus clàraidhean fuaim) bho air feadh sgìrean Gàidhealach na h-Alba agus Alba Nuadh eadar na 1960an agus na 1980an mar phàirt dhen chruinneachadh fiosrachaidh airson Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG), a bha stèidhte aig Roinn Ceiltis Oilthigh Ghlaschu eadar 1966 agus 1997.

Thòisich obair air Cluas ri Claisneachd ann an 2015, is e na amas gum biodh gach clàradh a bha aig Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu ri fhaotainn air-loidhne. Tha na clàraidhean rim faotainn saor an-asgaidh, cuide ri tar-sgrìobhaidhean slàn a thèid a luchdachadh a-nuas, fiosrachadh mionaideach air gach cuspair a tha anns a’ chlàr, agus fo-thiotalan. Tha measgachadh de Bheurla agus Gàidhlig rin cluinntinn anns na clàraidhean, le farsaingeachd de dhualchainntean agus blasan-cainnt.

Tha riaghailtean cleachdaidh ann airson na làraich seo. Leugh gu cùramach iad mus tèid thu gu duilleag sam bith eile air an làraich.

Ma chleachdas tu goireasan DASG nad chuid rannsachaidh, dh’iarramaid gum biodh aithne iomchaidh air a toirt. Gus molaidhean air mar a bheirear iomradh air DASG, brùth an seo.

Tha ùidh mhòr againn ann a bhith a’ faighinn iomraidhean agus leth-bhreacan de dh’fhoillseachaidhean a bhios a’ cleachdadh goireasan DASG. Thèid iomradh a thoirt orra ann an earrann nam foillseachaidhean air làrach-lìn DASG.


Tha Clàr-amais Òrain Ghàidhlig na h-Albann Nuaidh na liosta de chòrr is 6,000 òran a bha air an dèanamh, air an gabhail no a nochd ann an clò aig na Gàidheil ann an Alba Nuaidh.