Tha sinn ann an DASG air ar dòigh glan cruinneachadh de chlàraidhean-fuaime a chur air-loidhne a rinn an t-Ollamh Calum Iain M. MacLeòid (1913–1977). B’ ann an Alba Nuadh, Canada, a chaidh a’ chuid as motha dhe na h-agallamhan a dhèanamh. Ach, bha fiosraichean eile à Ontario, Canada; Carolina a Tuath, anns na Stàitean Aonaichte; agus Canaigh, ann an Alba.
Anns a’ chruinneachadh luachmhor seo, gheibhear caireallan, seirbheisean eaglaise, còmhraidhean, laoidhean, agallamhan, ceòl, opara, sailm, agus òrain. ’S ann ann an Gàidhlig a tha na clàraidhean sa chumantas, ach tha Beurla agus Fraingis rin cluinntinn ann an cuid dhiubh.

Calum Iain MacNeacail MacLeòid ann an cuideachd òigridh aig campa-samhraidh, 1949.
Bu mhath le DASG taing mhòr a thoirt do Mhairead NicÌomhair airson na deilbh seo.

Gairm 23 (An t-Earrach 1958), 248.
Chuireamaid fàilte mhòr air fiosrachadh sam bith a dh’fhaodadh a bhith aig daoine co-cheangailte ri susbaint nan clàraidhean no fiosraichean anns a’ chruinneachadh. Chan eil tar-sgrìobhaidhean ann air na clàraidhean an-dràsta, ach tha sinn gu math deònach co-obrachadh le daoine gu saor-thoileach gus iad sin a dhèanamh san àm ri teachd.
Faodaidh sibh tuilleadh fhaighinn a-mach mu Chalum Iain M. MacLeòid anns a’ bhloga seo a sgrìobh Eilidh NicCarmaig.