Gàidhlig / English
Geodail

Geodail

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 16mh den Ghearran
Bidh sinn uile buailteach ri beagan gheodail uair no uaireigin, agus ’s e gobaireachd no còmhradh gun chiall a tha seo. Chaidh am facal a chlàradh ann an Uibhist a Deas, agus thathar a’ dèanamh iomradh air a bhith a’ cur fathan mì-choibhneil a-mach le bhith a’ geodail. Ma dh’fhaodte gun cluinneadh sibh an abairt a leanas: nach ann ort a tha a gheodail bruidhne!”
 
Thathar ag innse dhuinn san fhaclair Dwelly gu bheil beulachas an lùib an dòigh a-mach aig goileam beag sam bith. Mura bhios sibh cho faoin le smuaintean uaibhreach mur deidhinn fhèin, aithnichidh sibh nach eil iad ach a’ sgleip. Ach cleachdaidh an neach carach sin an laigse a chì iad annaibh sa bhad!
 
Gu dearbh, ’s e duine feranadach a th’ anns an duine a bhios a’ geodail. Chan eil e gu diofar ma bhios sibh ag goileam neo a’ sguan; neo mas e sibhse a tha sàmhach agus ag èisteachd ris a’ ghabhann, ris an sgudal.
 
’S e suainsean a th’ anns an dearbh rud sin ann an Srath Ghlais. Ged nach eil am facal seo cho coltach ri gin de na faclan eile san t-sreath sin, chan eil e cho au-choltach ris a’ gniomhair “suaineadh.” Nam bharaill-sa, tha seo a’ cur an cèill dhuibh mar a bhios cuideigin ag atharrachadh an sgeòil gus tlachd a thoirt don neach - èisteachd!
 
Ma tha fiosrachadh sam bith agaibh, dh’fhaodte naidheachd no abairtean a bharrachd aig a bheil ceangail ri geodail, nach cuir sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo