- 
					
						 bodach n.
					
				
- 
					 ‘old man’: pl. bodaich, aig na bodaich [nə pɔtiç] sgallte [skɑʁ̫t ́ə].
					
						Location: Canada, Cape Breton, Inverness County, Broad Cove Chapel 
 Category: Seosamh Watson collection notebook date: Jan-May 1991
 
- 
					
						A’ dol air a’ chois-chaoil
					
				
- 
					A’ dol sìos gu math (a’ teireachduinn ’s a’ caitheamh). Mar a thuirt am bodach mu an fhodair nuair a bha e ruith sìos gu math: “Tha e dol air a’ chois-chaoil.”
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						Latha nam Bodach
					
				
- 
					Question Day.
					
						Location: Arran, Pirnmill 
 Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
 
- 
					
						[Seanfhacal 71]
					
				
- 
					’Nuair a dh’fhalbhas am fodar togaidh am bodach an gàradh.
					
						Location: North Uist, Carinish, Cnoc Cuidhein [Knockquien] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[baile]
					
				
- 
					Agus airson ‘Am bheil grunnd agad?’ ’se a chanadh e [i.e. am bodach mentioned in the explanation of ‘fanga’ above] ‘Am bheil baile agad?’
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[bata]
					
				
- 
					Ceann caol a’ bhata. “Thàinig am bodach as ar déidh agus gréim aige air ceann caol a’ bhata.”
        
      
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[bodach Port-a’-Chuilinn]
					
				
- 
					“Bheir e a bhàn iad.” “Is ann a chara.” Bodach Port-a’-Chuilinn cha chreid mi nach canadh easan cuideachd “’s ann a chara”. Agus bhiodh aige ri na balaich a bhiodh a’ tarruing as aig na faingean aig an taca “A Bhugari” airson “A Bhugairean” againne. “Anns an t-seasaidh” chanadh e ri “anns an t-seasamh”. Agus mar sin. Ach ’se bhodach còir a bh’ann. Fad a bheatha còmhla ri na cìobairean. ’S iomadh rud a chunnaic e agus a thachair ris. Ach cha chreid mi gu robh aon nàmhaid aige aig là a bhàis. Mar a bha mi ’g innse dhuibh b’e seanair Anna a bha agaibh fhéin ’na h-oileanach. “An Tàileach” a chanadh iad ris.
					
						Origin: Lewis, Uig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[bodach]
					
				
- 
					Is e a chuireadh am bodach a fear a bhiodh teann. It would drive the meanness out of a miser (Whisky).
					
						
						Category: Measgaichte / Miscellaneous
					 
- 
					
						[bràth]
					
				
- 
					Balach òg is e ri fàs / Dh’itheadh e mar mheileadh bràth / Mar thìreadh bodach air an àth / Mar dh’fhuinneadh cailleach ann an clàr.
					
						Location: [Lewis], Leurbost 
 Category: Muileann Lochlannach / Norse Mill
 
- 
					
						[bàirneach]
					
				
- 
					An leigheas a bh’aig seann mhuinntir Uig an Iar againne air bòcadh an éisg. Naoi naoidheannan de bhàirnich mhóra nan Eileanan Flannach ithe. Bha bodach anns a’ bhaile againne – chaochail e ann an earrach 1934 – agus cha b’urrainn e iasg á fairge ithe ach a’ bhiorach (dogfish). Bha iad ’ga bhòcadh. Chan aithne dhomh gu’n d’fheuch e an seann leigheas a riamh. Có dhiù bha miann a chridhe aige air na h-éisg, agus nach b’urrainn dha blasad orra. Gnothach duilich.
					
						Origin: Lewis, Uig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[ceann]
					
				
- 
					Bhiodh e [i.e. am bodach who is mentioned as the source of the word ‘fanga’ above (p. 1.)] a’ cantuinn, cuideachd, ri balaich-bhitheadh agus ri daoine-móra: “Ma nì thu siod no seo” no “Mur a dean thu siod no seo, ’se do cheann is ball coise dhuit.” (Cha b’e “ball-coise dhuit”.)
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[crann]
					
				
- 
					a’ dol a chrann, a’ cur a chrann – casting lots. Casting lots in Barrapol, Tiree was used most commonly in the dividing-up of seaweed on the shore amongst the township crofters. Two bodaich would draw aside from the group. One felt his pockets for objects (e.g. a pipe, a knife, a penny, etc.) and the other decided which lot each object represented. Then the first bodach held the objects in the palm of his hand for picking. Never more than ½ doz lots.
					
						Origin: Tiree 
 Category: Àiteach / Agriculture
 
- 
					
						[crodh]
					
				
- 
					Crodh laoigh nam bodach x 3 / ’S iad a togail ri gleann. / Ma tha, mo thogair x 3 / Chan eil mo chrodh ann. (sung)
					
						Origin: Lochaber 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[cusg]
					
				
- 
					[Kenneth MacDonald in the letter of 9 January 1967:] Seachdain no dhà air ais, fhuair sinn pasgan eile de dh’fhaclan Uigeach bho dh’fhear an aon ainm ruibh fhéin – Murchadh MacLeòid, a tha ’na mhaighstir-sgoile ann an Cinntire. B’e am [sic] rud a chuir e thugainn an t-ainm a th’aig muinntir Chàirisiadar air fear an “Artificial Insemination” – “Bodach na cusg”. An cuala sibh fhéin riamh am facal “cusg”, no an urrainn dhuibh mineachadh ’sam bith a thoirt air? [Mr MacLeod’s reply:] Murchadh MacLeòid Chinntire, Murchadh a’ Ghobha a tha mi an dùil a th’ann. Mo dheagh charaid, uaireigin. Cha’n fhaca mi e bho shamhradh 1948. Tha mi tuigsinn gur h-ann ann an Southend an Cinntire a tha e. Mor, no Murdo, a’ Ghobha a chanas sinne ris. Duine dòigheil a tha ’n sin. Duine snog. (…) Mu ghnothach an A.I. Tha na facail “cusp” agus “cusag” ann. Tha iad sìos anns na faclairean. Cha chanainn nach e aon dhiubh seo a tha ann an “cusg”. (…) Agus am facal sin a nuas, agus air mhaiseann [?] ann an Càirisiadair. Anns na Bàigh. Chan eil fhios ’am an cuala sibh a riamh mu Sgoil Dhubh nam Bàgh. Bidh Ruaridh am profeasar air cluinntinn mu a dheidhinn, chanainn. Chan eil am facal “cusg” againne idir. [Letter dated 04/05/1967:] Bho phiuthar eile thall an Crabhlastadh againn fhìn, fhuair mi mu dheidhinn “cusg” (Bodach na Cusg). Is ann air pìob-stillidh a bha cusg aca anns na Bàigh (seòrsa de rudeigin mar pìob-stillidh, có dhiù).  Is iomadh uair a rinn sinn mallachadh agus blaigeardachd air bodaich leis a’ phìob-stillidh (eileamaid airson bùrn a thilgeadh). Tha mi cinnteach gu’m biodh balaich shuas taobh na Comraich ris an aon seòrsa oibreach. (Na Bàigh: ’se sin Càirisiadar, Géisiadair, Ungisiadair, agus Éineacleit.)
					
						Origin: Lewis, Uig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[daga-phort]
					
				
- 
					[Kenneth MacDonald in the letter of 9 January 1967:] Seachdain no dhà air ais, fhuair sinn pasgan eile de dh’fhaclan Uigeach bho dh’fhear an aon ainm ruibh fhéin – Murchadh MacLeòid, a tha ’na mhaighstir-sgoile ann an Cinntire. (…) B’e facal eile a bh’aige “an daga-phot” air a chleachdadh mar seo: “Tha an t-aran seo cho cruaidh ris an daga-phot.” A bheil fhios agaibh dé idir as ciall dha’n an fhacal seo? [Mr MacLeod’s reply:] Murchadh MacLeòid Chinntire, Murchadh a’ Ghobha a tha mi an dùil a th’ann. Mo dheagh charaid, uaireigin. Cha’n fhaca mi e bho shamhradh 1948. Tha mi tuigsinn gur h-ann ann an Southend an Cinntire a tha e. Mord, no Murdo, a’ Ghobha a chanas sinne ris. Duine dòigheil a tha ’n sin. Duine snog. (…) Ach am fear-sa, “an daga-phot”. Is e an daga-phort a bh’againne air.  (Tha mi fhìn agus Mord a’ Ghobha 3½ mile bho chèile.) Mìneachadh air an fhacal, no dé mar a dh’éirich e? Chan eil nì cinnteach sam bith agam. Dh’fhaodadh gu robh comhcheangal aige ri daga, agus dh’fhaodadh nach robh. Chuala mi aig bodach ’sa bhaile uaireigin (agus bhiodh am facal sin aca): “Cho cruaidh ris an deilg na bhìotaidh.” (vee’tee) Agus b’e seo saoilidh mi, an tignum-vitae, am fiodh air leth cruaidh. ’Se am fiodh-sa a bhitheadh a’ dol ann an roithleinean nan ulagan (block sheaves) séibhichean nam blocaichean, mar a chanadh na bodaich. Agus abair a bhith cruaidh de an fhiodh sin! (Faic mu’n fhiodh-sa ’s na leabhraichean fiosrachaidh.) Nise mu’n daga-phort, tha facal Laidinn eile ag éirigh rium, agus dh’fhaodadh gu robh comhcheangal air choireigin aige ris an daga (am facal): aqua-fortis. Dh’fhaodadh gu robh, agus dh’fhaodadh nach robh. Sin na th’agam mu an daga-phort, mur a tionndaidh nì sam bith an àirde.
					
						Origin: Lewis, Uig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[sguab]
					
				
- 
					“Rinn e cleas na sguaba orra.” – Sguab e an làr leotha, ann an sabaid. Chuala mi bodach uair ag radh agus sabaid mhór cheàrdaichean air a bhith ann an Steòrnabhagh, “Mac Bob Newland”, arsa esan, “rinn e cleas na sguaba orra.”
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[siol-ghainmheach / sìol-ghainmheach]
					
				
- 
					Chunnaic mi am prògram “A Boy in Harris” air an T.V. an oidhche roimhe, agus chòrd e rium. (…) Ach a nise gu aon nì anns a’ phrògram do’n d’thug mi an aire – marbhadh nan siol, no glacadh nan siol (an t-siol-ghainmheach mar a chanas sinn) leis a’ chorran anns an tràigh. Obh, obh is iomadh ceud a ghlac an làmh a tha sgrìobhadh na litreach-sa. Anns an Fhadhail Mhóir aig Crabhlastadh, an Sgìr Uige againn fhìn, ann an Leòdhas. Am boirionnach Hearach a’ sgrìobadh leis a’ chorran anns an tràigh (air an tràigh thioraim). Chuala mi iad a’ deanamh nì de’n t-seòrsa-sa a ghlacadh na sìl air Na Ceithir Peighinn Deug an ceann shìos na Sgìre againn fhìn (Uig Leòdhais) a’ sgrìobadh le croman, no le hoe, air an tràigh thioraim. Cha’n fhaca mi a leithid shuas againn fhìn a riamh. Nì ach an corran anns an fhadhail.  Bha an corran shìol air a dheanamh de’n chorran mhór. Bha an gob far an robh e dol na bu doimhne na bhith réidh ris an làimh, air a ghearradh dheth, agus am faobhar air a mhadadh gus nach gearradh e na sìolan mar a ghlacaist iad. Bhiodh cuid a’ toirt seòrsa de dh’fhiaclan anns a’ chorran shìol. Chunnaic mi a dhà dhiubh seo (corrain shiol) nuair a bha mi shuas aig an tigh air an t-samhradh-sa fhéin. Bidh cuimhne agaibh gu robh corran eile aig na bodaich: corran-speal. Bha e mar seo: [see third illustration below].  Is e arm eagalach a bha seo. Bha cùl air an iarunn aige mar air iarunn na speala agus bhiodh sibh ga ghleusadh le cloich-speal. Bha e mór seach corran cumanta. Seo a nise mar a bhithist a’ glacadh nan sìol leis a’ chorran-shiol anns an Fhadhail Mhóir shuas aig Crabhlastadh, ann an Uig Leòdhais.  A’ tòiseachadh ann an seo [i.e. àite tòiseachaidh in the illustration] agus a’ gabhail air aghaidh. Bha peile-mór ceangailte le sreing ri do mheadhon. Peile-mór a’ cheàird no peile suinc. No peile-caol a’ cheàird (chan eil easan a’ dol an diugh idir). Bha thu a’ tòiseachadh na sgrìoba mar bu trice thugad. An uair sin a’ tionndadh a’ chorrain agus a’ toirt na sgrìoba bhuat. Mar sin a’ gabhail air d’adhart gu’n tachradh sìol riut. No beathach beag neimheil eile. Biast na Fadhlach, mar a chanas fear Chrabhlastaidh rithe. Iasg beag airgiodach ann an dath ’s an sgeilm, agus gathan neimheil innte. An stangaran a tha mi an dùil a chanas an Hearach rithe. (Ri siol air leth mór canaidh sinne an Uig gobag rithe. Dé a chanas an Hearach chan eil fhios agam.) Ma bhios tu airson cuideachadh air glacadh nan siol a shealltuinn uair sam bith, cha dean e deifir foighneachd mu an chùis do Mhurchadh. Bha Murchadh ris an obair sin mu na siolan bho bha e òg ’s a’ dol do an sgoil gus an a dh’fhàs e ’na dhuine agus a’ dol leis an lìon-bheag. (Siol as fheàrr airson cnòdan, agus là grianach nach bi ro fhuar. Is e luga as fheàrr airson na h-adaige. Sin gliocas agus léirsinn nam bodach a bha sean nuair a bha Murchadh òg.) Cha chanainn gu bheil móran lìon-bhig ’ga dheanamh ri cladaichean na Hearadh an diugh. Is e glé bheag dheth a tha ri cladaichean Uige an diugh mar an ceudna. Tha sabhs air na siolan air leth math, cuideachd. Agus tha iad air leth blasda mar bhiadh, agus air leth tacmhor. Cha tig acras air duine air luathair [?] as déidh feed de na siolan. A thaobh sealladh air lìonmhorachd, cha chreid mi nach e sealladh air an t-sil-ghainmhich anns a’ bhàgh againn fhín (Camus Uige) a dhleasas a’ cheud àite. Cia mheud mìle, no cia mheud muillion dhiubh seo a bh’ann? Agus faoileag is biorach air am muin [?], as an déidh, gu’n robh iad a’ leum ’nan sgaothan as an uisge, airson teàrnaidh, ged nach bu mhór an ciall. Bha dùil ’am gu robh bleideagan an t-sneachda ann an lìonmhorachd gu leòir. Bha dùil agam sin, gus an siod. Is iomadh rud a chì am fear a bhios air an dùthaich nach fhaic fear a’ chabhsair luim! Dà nì a chunnaic mi-fhín le mo shùilean aig sìol ’ga dheanamh: Chunnaic mi siol (te mhath mhór) a’ snàmh cho neo-lochdach, ma b’fhior, am measg cliath de chudaigean òga (siol chudaig) agus an uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhiodh na creutaran bochda, bheireadh i tè as agus dh’itheadh i i. A rithist, uair eile, chunnaic mi sìol a’ gabhail na h-ite a bhiodh againn ag iola (fly-fishing). Sin agad ma tha na rudan a chì duine nuair a bhios e muigh, agus a shùilean fosgailte.
					
						Origin: Lewis, Uig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[stòlda]
					
				
- 
					Bodach stòlda – for a child who talks like an adult. Cailleach stòlda – for a girl who talks like an adult.
					
						Origin: Barra 
 Category: Nàdur an Duine / Personality
 
- 
					
						[taing]
					
				
- 
					“Chan eil mi ’na taing.” ’S iongantach mur a h-eil i seo anns a [sic] [h-uile?] h-àit. Co dhiù: Tormod ri Dòmhnull: “Bheir am bodach mor dhuit an nighean aige airson an rud math a nì thu ris.” Dòmhnull: “Chan eil mi ’na taing.” (Tha t’éile aige no tha gu leòir eile aige.)
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[tual-fhadan]
					
				
- 
					“Thàinig mi ’na mo thual-fhadan chun an teine”, arsa am bodach leis an flu. Cha b’ann gu math a bha am bodach idir. (Chan fhaca mi riamh ‘tual-fhadan’ sgrìobhte.)
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						[òrdag]
					
				
- 
					Bodach mór na ‘fanga’ a rithist [i.e. am bodach who is mentioned as the source of the word ‘fanga’ above (p. 1.)]. Nuair nach biodh tombaca aige agus a bheireadh duine dha pìos, theireadh e, “Piseach air an òrdaig ’s an còrr air a’ chorraig, ’s fheàrr seo na na fhuair sinn a riamh.”
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						an tràsg
					
				
- 
					“Cho aotrom ris an tràsg”, chanadh am bodach mór. Bha e latha a’ bruidhinn mu cheusadh Chrìosda, agus thuirt e, “Chuir iad an crann air a mhuin agus dh’fhalbh e leis cho aotrom ris an tràsg”. Dé a bh’ann an tràsg? Bho dh’fhalbh am bodach, bha mi iomadh uair a’ smaoineachadh air. C’arson nach d’ fhoighnich mi dheth fhad’s a bha am bodach beo? Cha robh guth air a leithid an uair sin. An diugh tha mi tighinn uair is uair thuige gu’m faod gur h-e a’ chonnlach a bhiodh iad a’ cur air an àth nuair a bhiodh iad a’ tìoradh a bh’ann. Faic sràbhag. An t-sràbhag. Dh’fhaodadh aig cuid gur h-e ‘sràbhasg’ a bhiodh airson ‘sràbhag’, agus gun d’thàinig e gu sràsg, srà(bh)sg. Tha mi deanamh a mach a’ chonnlach a bha seo gu’m biodh i air leth aotrom mu’s biodh an tìoradh seachad.  (Dh’fhaodadh gur h-e dìreach an tràsg a bh’ann. (Faic tràsgadh.)) 
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						balg meadhon
					
				
- 
					“Bha sinn a’ dol ’n ar lùibean a’ gàireachdaich agus am bodach a null air an droichid ’s grèim aige air bhalg meadhon air a’ cheàrd.” (Tuigidh sibh fhéin.)
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Quotation: uilleadh nam bodach. Notes: cod liver oil.
					
						Location: Tiree 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					a bottle of whisky. Leth bodach – a half bottle.
					
						Location: South Uist, South Lochboisdale 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					wee cod. Not referred to in Scalpay as the cod species, but that’s does [sic] mean it’s wrong to use it solely, as the adjective come with it in Scalpay, perhaps there are some who use it when referring to fish. ’S docha gu faigh sinn bodach. – I think this phrase is more attributable to ‘Skye’? Rèbeanach [q.v.] may have originated from reip ris a bhial aige?
					
						Location: Harris, Scalpay 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Notes: a cod.
					
						Location: Sutherland, Bettyhill, Swordly 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Quotation: A’ bhodaich bhochd! Notes: said to an old dog.
					
						Location: Tiree, [Caolas? – one slip] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Notes: codfish. Usually old fish. Female – spent – referred to as cailleach.
					
						Location: Tiree, [Caolas? – one slip] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Notes: scarecrow.
					
						Location: Sutherland, Kinlochbervie, Blairmore 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					fishing word referring to operations on R. Ness.
					
						Location: Inverness 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					old man, codling fish.
					
						Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Quotation: bodach ròcaideach. Notes: scarecrow.
					
						Location: Islay, Port Wemyss 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Notes: three sheaves standing. 
					
						Location: Invergarry, North Laggan 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Quotation: ’S e ’n aon rud am bodach gibeach agus Iain MacDhùghaill. Notes: six and half a dozen.
					
						Origin: Islay 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					three legged wooden structure on which the creel is rested thus holding it level with the carrier’s back.
					
						Origin: Lewis, Back or Lewis, Back 
 Category: Mòine / Peat-Working
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Quotation: bodach-feannaig. Notes: scare-crow.
					
						Origin: North Uist 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach
					
				
- 
					Notes: a stick placed behind the horse and attached to panniers on either side by lengths of rope to prevent them from swinging forward when the horse was descending a slope.
					
						Origin: Skye, Torrin 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach (m)
					
				
- 
					Quotation: bodach eile! (tapag) bodach coin! Notes: Sometimes 1st word is 1 syll. – pres. this is the orig. form.
					
						Location: Harris, Ardhasaig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach bac
					
				
- 
					the first peat cut in each section of the bank.
					
						Origin: Cataobh [Sutherland – probably meant as the county not origin] 
 Category: Mòine / Peat-Working
 
- 
					
						bodach baic
					
				
- 
					the first peat from the edge of the peat bank.
					
						Location: South Uist, Garrynamonie 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach bailc
					
				
- 
					a pompous person.
					
						Location: Skye 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach dearg
					
				
- 
					Notes: rock cod. Cf. bodach ruadh.
					
						Location: Tiree, [Caolas? – one slip] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach dubh
					
				
- 
					knapweed.
					
						Location: Mull [see below for details] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach dubh
					
				
- 
					
					
						Location: Mull [see below for details] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach mór
					
				
- 
					full bottle.
					
						Location: Eriskay 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach ruadh
					
				
- 
					codfish.
					
						Location: South Uist, Iochdar 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach ruadh
					
				
- 
					wee cod. Bodach ruadh beag ’s bodach ruadh mór.
					
						Location: Harris, Scalpay 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach ruadh
					
				
- 
					[bɔd̪əx ɾu̜ɤ̈ɣ] 
					
						Location: North Argyll 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach ruadh
					
				
- 
					Notes: rock cod. Alternatively bodach dearg.
					
						Location: Tiree, [Caolas? – one slip] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach ruadh
					
				
- 
					a roch [sic] cod.
					
						Origin: [Kintyre, Tarbert] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach sgilidh
					
				
- 
					an instrument used for shelling grain.
					
						Location: South Uist, Daliburgh 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach sgillinn!
					
				
- 
					
					
						Location: Na Hearadh [Harris], Horgabost 
 Category: Faireachdain / Senses
 
- 
					
						bodach sneachd
					
				
- 
					
					
						Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig] 
 Category: Sìde / Weather
 
- 
					
						bodach sneachd
					
				
- 
					
					
						Origin: Mull, Tobermory 
 Category: Sìde / Weather
 
- 
					
						bodach sneachda
					
				
- 
					
					
						
						Category: Sìde / Weather
					 
- 
					
						bodach sneachda
					
				
- 
					
					
						Origin: Harris, Horgabost or Harris, Kyles Stockinish 
 Category: Sìde / Weather
 
- 
					
						bodach sàbhaidh
					
				
- 
					a potato with bits of wood stuck into it. Rotated when exposed to the wind.
					
						Location: North Uist, Tigharry 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach sàthaidh
					
				
- 
					see saw.
					
						Location: South Uist, Lochcarnan 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach!
					
				
- 
					
					
						Location: Na Hearadh [Harris], Horgabost 
 Category: Faireachdain / Senses
 
- 
					
						bodach-bac
					
				
- 
					Notes: 1st peat cut.
					
						Location: Sutherland, Kinlochbervie, Blairmore 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-bac
					
				
- 
					Notes: the outermost peat.
					
						Origin: Assynt, Stoer 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-bac
					
				
- 
					Notes: outside peat.
					
						Origin: Coigach 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-baic
					
				
- 
					Notes: outside peat.
					
						Location: Skye, Kyleakin 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-baic
					
				
- 
					Notes: the outside peat.
					
						Location: Raasay 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-corra
					
				
- 
					One left over. A left over. An odd one.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-fhaoileag
					
				
- 
					scarecrow. (Scalpay) (as already noted) The above two terms [i.e. bodach-starraig and bodach-ròcais] are not so generally used on Scalpay but perhaps more associated with other areas.
					
						Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-fhaoileag
					
				
- 
					scare-crow.
					
						Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-na-Nollaige
					
				
- 
					Santa Claus.
					
						Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-na-móintich
					
				
- 
					Notes: daddy long legs.
					
						Location: Lewis, Barvas 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-peachd
					
				
- 
					Quotation: bodach-peachd (or pheachd). Notes: ‘top layer of peat.’ Source: James Graham, Raasay. Date: 1978.
					
						Location: [see below] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-reòite
					
				
- 
					Icicle.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-ruadh
					
				
- 
					smaller russet bumble bee – “féilegan”.
					
						Location: Inverness 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-ruadh
					
				
- 
					Notes: rock cod or young cod.
					
						Location: Harris, Ardhasaig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-ruadh
					
				
- 
					
					
						Location: Ross-shire, Achiltibuie 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-ruadh
					
				
- 
					size bigger than above [i.e. breac-luirigeannach?]; then [?] trosg.
					
						Origin: Lewis, Uig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-ròcais
					
				
- 
					scarecrow.
					
						Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-ròcais
					
				
- 
					tall, thin person.
					
						
						Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
					 
- 
					
						bodach-ròcais
					
				
- 
					Notes: scarecrow.
					
						Origin: Glenurquhart 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-ròcais
					
				
- 
					Notes: scarecrow.
					
						Origin: Sutherland, Embo 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-ròcas
					
				
- 
					Notes: scarecrow.
					
						Location: Ross-shire, Aultbea 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-sneachda
					
				
- 
					snowman.
					
						Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-sneachda
					
				
- 
					
					
						Origin: Tiree 
 Category: Sìde / Weather
 
- 
					
						bodach-sneachda
					
				
- 
					
					
						Origin: [Barra] 
 Category: Sìde / Weather
 
- 
					
						bodach-snèip
					
				
- 
					[bɔd̪ɑxsnʹɛ̃:p] Notes: scarecrow.
					
						Location: Sutherland, Kinlochbervie, Oldshoremore 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-snèip
					
				
- 
					Notes: a scarecrow.
					
						Location: Sutherland, Bettyhill, Swordly 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-starraig
					
				
- 
					scarecrow.
					
						Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-sàbhaidh
					
				
- 
					made with wood and a potato. It was balanced on the edge of a shelf and made to rock backwards and forwards. A well-made one could keep going for quite a while!
        
      
					
						Origin: Leòdhas [Lewis], Uig 
 Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
 
- 
					
						bodach-sàbhaidh
					
				
- 
					Note: the figure of a man, its hands stretched out in front of it holding a stick which came down at an angle and passed under its feet. A potato, for balance, was stuck on its lower end. The man then was put standing on a line and it swayed backwards and forwards without toppling. 
					
						Origin: Uig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						bodach-sàbhaidh (E)
					
				
- 
					Cudthrom freagarrach sam bith dheanadh e a’ chùis. Nuair a chuireadh sibh am bodach air ghluasad, bheir e ùine mhór ag [?] air an t-sàbhadh mus stadadh e. Meud a’ bhodaich: 9", no na bu mhotha, an cumantas. E dèanta de fhiodh.
        
      
					
						Origin: Leodhas [Lewis], Uig 
 Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
 
- 
					
						bodach-sìde
					
				
- 
					weather man; a pillar, concrete or brick pillar, on which dial is set to record the amount of sunshine; (can be) accessed to a day.
					
						Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						cabar-sladhaig
					
				
- 
					Cabar a bhiodh aig na bodaich airson tughadh an tighe. Nuair a bhiodh am bodach gu h-ìosal air an tobhta chuireadh e an tughadh ceart leis a’ chabar-sladhaig far nach ruigeadh e-fhéin.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						comha-thràth
					
				
- 
					[ɡõə̃rɑ:] Quot.: “Beiridh an comha-thràth ort ma theid thu a mach an drasd.” Note: thought of by children as some sort of “bodach”.
					
						Origin: [Lewis], Arnol 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						cròiseanta
					
				
- 
					bent with an asthmatic complaint. Bodach beag cròiseanta.
					
						Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						cusg
					
				
- 
					(coosg) people in the village of Carishader call the artificial insemination man ‘Bodach na cusg’. I never heard the word until last summer.
					
						Origin: Lewis, Uig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						cuspar
					
				
- 
					Bha grunn bhràithrean air an aon fhearann. Thòisicheadh a’ briseadh sìos nan tacannan ’s a toirt seachad fearainn. Thuirt am bràthair bu sheana, leis an robh am fearann air an robh na bràithrean, “Tha sibh ceart gu leòir fhad’s a bhios mise beò ach as mo dhéidh-sa chan eil fhios dé a dh’fhaodas tachairt. Mar sin chomhairlichinn dhuibh sealltainn a mach air bhur son fhéin fhad’s a bhios an cothrom ann.” Thuirt bodach mu an nì a bha seo: “Ma thà, ’s ann a bha an duine glic ann Iain MacDhòmhnuill, an cuspar a thug e do an fheadhainn eile.”
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						càrnaidh
					
				
- 
					Notes: small cod. ‘Bodach ruadh beag’. (Garrabost)
					
						Origin: Garrabost 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						dearbhallach
					
				
- 
					Cha chuir mise Beurla air an te so. Tha i na’s motha na coilleag [q.v.] ach chan e an aon cumadh a tha oirre. ’S ann aig Ràinis a bhithinn ga faighinn, is bha muinntir Ràinis uamhasach déidheil orra. ’S e bodach as Ràinis a thug dhomh, ‘Dearbhallach amh le aran corc, Cumaidh giulan latha dol’. 
					
						Location: Lewis, Port of Ness, Lionel 
 Category: Maorach / Shellfish
 
- 
					
						fanga
					
				
- 
					Bodach eile, bha e ’n a dhuine nuair a bha m’athair òg (rugadh m’athair ann an 1860), ’se ‘fanga’ a chanadh e ri ‘suincear’ (sinker).
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						farumach
					
				
- 
					Quotation: bodach farumach. Notes: spry old man.
					
						Origin: Glenlyon 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						feannag
					
				
- 
					Quotation: bodach feannaig.
					
						Origin: North Uist 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						fulainn
					
				
- 
					Quotation: Used to describe the Uig bodach who wanted the “steall math uisge” when his own crops were secured. Notes: An ironic usage (var. of fallain?). Not in Dw.
					
						Location: Lewis 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						gibeach
					
				
- 
					Quotation: ’S e ’n aon rud am bodach gibeach agus Iain MacDhùghaill. Notes: six and half a dozen.
					
						Origin: Islay 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						gille-bog
					
				
- 
					’Se seo a th’aca air uain a tha dìth lùthais orra ’s an druim. Cha téid na h-uain-sa air an casan a chaoidh. ’S ann aig caoirich a tha ag ithe tòrr de an fheamainn air na muil a bhios an seòrsa uan-sa. ’Se bodach anns a’ bhaile againn fhìn a thug an t-ainm-sa orra, agus lean an t-ainm. Mur eil mise ceàrr, ’s ann air isean sgairbh a bha’n t-ainm ‘gille-bog’ an toiseach.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Caoraich / Sheep
 
- 
					
						giobarais
					
				
- 
					“Cha do thuig mi smid de an ghiobarais a bh’aca”, arsa am bodach agus e air a bhith ’g éisdeach ri Frangaich a’ còmhradh.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						guag
					
				
- 
					Guag de lite. – Lite a dheanadh bodach no cailleach agus a thionndaidheadh a mach air leth tiugh.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						iall
					
				
- 
					Stiallan caola, caola de chraicionn airson fuaigheal leotha. Chunnaic mi bodach ann am Mangurstadh a’ fuaigheal le iall.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						loga (I)
					
				
- 
					Bha cuimhne aig m’athair a bhith toirt fiodh ciste-laighe as a’ logainn nuair a bhàsaicheadh duine. Agus sin leis an t-sàbh-mhór. Làithean cruaidhe bha siod! (As a’ logainn, mar a chanadh na bodaich. ’Se a chanas sinne an diugh as a’ loga. ’Se còmhradh nam bodach bu chearta.)
					
						Origin: Lewis, Uig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						maoidh
					
				
- 
					vb ‘threaten [with]’ : vbl nn: rachadh ‘bodach an tin’ a mhaoidheadh ormsa, ’o [o]  [= cho] cunnartach is a bha e, nam binn dona gun tigeadh e
					
						Location: Canada, Cape Breton, Broadcove 
 Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
 
- 
					
						mulan
					
				
- 
					corn-stack in stack-yard. An ceann (thatched with seileasdair (iris) or [sic]: – Am bodach (½ doz sheaves). – Bann. – Crios. – Sìoman-sgéith. – Am màthair shìoman. An cal(a)ba. An t-sreath (outer row of sheaves). (Ears of adag to centre.) Biadh a’ mhulain (inner row of sheaves).
					
						Origin: Tiree 
 Category: Àiteach / Agriculture
 
- 
					
						mòine chòsach
					
				
- 
					a stringy type of peat which has bent many a ‘sgian’; ‘còsach’ was smoked by the bodach when he had the ‘carathas’ – the craving for tobacco: this out of ‘ine crùbaig’!
					
						Origin: Leódhas, An Rudha [Lewis, Rudha] 
 Category: Mòine / Peat-Working
 
- 
					
						no cromadh a’ bhrochain
					
				
- 
					Bhiodh am brochan (chan è lite, ach brochan na feòla) aca a muigh aig buain na mòna. Dithis mu’n toirbhsgear bhiodh iad ag atharrachadh as déidh a’ h-uile biadh – na’m biodh tu a’ leagail, as déidh a’ bhidh dheadh tu a thilgeil. Bhiodh strì am measg nam bodach airson faighinn a thilgeil an toiseach airson faighinn a leagail as déidh a’ bhrochain. Bhiodh iad cho làn agus cho dùmhail as déidh a’ bhrochain agus gu robh e mòran na bu chomhfhurtail a bhith a’ leagail na a bhith a’ tilgeil.
					
						Origin: [Lewis, Uig] 
 Category: Mòine / Peat-Working
 
- 
					
						noigean
					
				
- 
					Quotation: bodach beag nan noigeanan. Notes: playful term of endearment.
					
						Location: North Uist, Grimsay 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						peiriceil
					
				
- 
					(Fuaimnich mar ‘meirgeach’.) Chuala mi bodach ag ràdh uaireigin “Cha téid e as mo dhiochuimhn’ gu bràth peiriceil mo mhionaich.” Dh’ith e rudeigin a rinn cron anabarrach air. Thug e gaoth air, ’s thug e pian air, ’s thug e a h-uile seòrsa rud a bh’ann air. Tuigidh sibh fhéin. Bha na balaich a’ gàireachdaich.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						rebeanach
					
				
- 
					iasg (bodach ruadh beag).
					
						Location: Scalpaigh [Harris, Scalpay] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						ròcaideach
					
				
- 
					Quotation: bodach ròcaideach.
					
						Location: Islay, Port Wemyss 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						sabh-mór
					
				
- 
					Sàbh-mór – Two-handed saw for use in a saw pit. (Dwelly) Sàbh-mór – Whip-saw. (MacLennan) Whip-saw – A narrow saw for dividing timber lengthwise, usually set in a frame and often worked by two persons. (Chamber’s Twentieth Century Dictionary, 1960) [NOTES: the following comment copied from Mr MacLeod’s letter of 29/04/1968] Chan eil fhios agam am biodh sàbh-mór aca ’ga oibreachadh anns a’ Chomraich. Có dhiù bhios cuimhne leibhse. Bha cuimhne aig m’athair a bhith toirt fiodh ciste-laighe as a’ logainn nuair a bhàsaicheadh duine. Agus sin leis an t-sàbh-mhór. Làithean cruaidhe bha siod. (As a’ logainn, mar a chanadh na bodaich. ’Se a chanas sinne an diugh as a’ loga. ’Se còmhradh nam bodach bu chearta. Loga (I).)
        
      
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						seideanta
					
				
- 
					in reference to old, chubby, contented man – “Bodach seideanta”.
					
						Location: South Uist, Milton 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						seideanta
					
				
- 
					Quotation: bodach mór seideanta. Notes: a fleshy person.
					
						Origin: Skye 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						sguaraigeadh
					
				
- 
					Arsa am bodach: “Bha i ann an siod (a’ bhana-cheard) aig dorus an tigh-change, ’s i a’ sguaraigeadh ’s a’ sguaraigeadh.” – squaring up for a fight.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						snèagladh
					
				
- 
					Crawling. Bodach a’ cantuinn mu chaoraich bodaich eile: “Chan eil càil ach gu bheil iad a’ snèagladh.” (Iad cho bochd.) Cuideachd, snèagalan.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						sunnsail
					
				
- 
					[sũ̟:səl] Quotation: Bha ’m bodach a’ coiseachd a steach a’ staran ’s e ri sunnsail ris fhéin. Notes: making a low humming noise but not talking. Usually refers to someone on his own or unaware of other people and thinking of something in a relaxed way.
					
						Location: Lewis, Barvas 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						sìlean (m)
					
				
- 
					Quotation: “bodach an t-sìlein agus sìlean ’na bhròig, dh’fhalbh e gu taigh caillich…” (start of a trad. bedtime story). Notes: a very small potato.
					
						Location: Harris, Ardhasaig 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						sógh
					
				
- 
					[so:ɣ] Quot.: “bodach air shógh”. Note: a contented old man.
					
						Origin: [Ness] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						toll-fasgnaidh (E)
					
				
- 
					Toll ris an làr anns a’ bhalla ann an taobh an t-sobhail airson a’ ghaoth a leigeil a steach airson am bodach am fasgnadh a dheanamh a stigh. Bhiodh e mu 2½ troigh air àirde. Mar dorus beag ach gun còmhla idir ris. Bhiodh e dùinte ach nuair a bhiodh feum dha.
					
						Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar 
 Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
 
- 
					
						trosg also bodach
					
				
- 
					76 [Cod].
					
						Location: Mull [see below for details] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						tòc
					
				
- 
					Notes: A growth that comes over a cow’s eye. Apparently a cataract. There were people (with a steady hand etc.) who were in regular demand for removing this (e.g. a bodach in Achmor). Dw. has tòc ‘Disease of the eyes, mostly peculiar to sheep – Rob Donn; “pink-eye” in horses.
					
						Location: Lewis 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						ùilleadh
					
				
- 
					Quotation: úilleadh [sic] nam bodach. Notes: cod liver oil.
					
						Location: Tiree 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						“Bodach an t-Siabuinn”
					
				
- 
					Lord Leverhulme. Bha ainm eile aig feadhainn air thall an Uig againne: “Bodach Logger”.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous
 
- 
					
						“one in sight”
					
				
- 
					Nuair a bhiodh iad a’ tarruing an lìn-bhig agus a nochdadh a’ cheud bheathach – leòbag, no adag, no cnòdan, no eile – chanadh iad “one in sight”. Mar a bhiodh a’ chùis a’ dol air adhart chanadh iad “one in sight, six aboard”. Cleachdadh na h-Airde an ear (Ceann Phàdruig ’s a Bhruaich etc.) tha mi ’n dùil. Ach am bodach-sa (b’aithne dhomh e gu math), bhiodh e ag ràdh nuair a bha easan [sic] òg gu’n canadh na bodaich ri leithid “one in sight”, “min am balg”. Sin agad tè mhath.
					
						Origin: [Lewis, Uig an Iar] 
 Category: Measgaichte / Miscellaneous