| Word-list (‘Faclan’) | 
| dais | cruach feòir (hay stack). | 
| sgot | ciall (sense). Cha’n eil sgot agad. | 
| leabaidh-tuime | a chuid sin ann an deireadh luinge anns a bi taoim a laighe. | 
| cronan-bleoghainn | duan neo rann air a ghabhail ’s bleoghainn a’ chruidh (milking croon). | 
| spàrr-ghaoithe | [NOTES: see below.] | 
| gàinne | gàine [sic] an dubhain (barb of the hook). | 
| balg-saighid | poca anns a biodhta a cumail na saighdean (i [?]). | 
| sgoic | théid thu ann agus (frown) sgoic ort (Harris expression). | 
| spluc | of the same class of words, similar [to sgoic?]. | 
| sirig | decay, a person losing weight thus. Tha sirig air tighinn ann. (Harris) | 
| silc | a drop. An tug thu bainne o’n bhoin: cha tug silc. | 
| sine | sine bà. | 
| giobal | gill’òg (giullan). | 
| talamh-toll | talamh bristeach ’na thuill. | 
| troc | neach air a dhol gu mi-dhiu – ’s e troc th’ann. | 
| bleiream | ciall mar: Cha’n eil bleiream agad. (Harris) | 
| siomal | not an iota of a difference as: gun siomal a dh’atharrachadh (Harris expression). | 
| siablaich | ag iasgach le slait. | 
| deimeadh | Thuit e gun deimeadh. “down for the count [?]”. | 
| trealabhaid | stuth air a chruinneachadh de sheòrsa measgaichte anns nach eil mor fheum. Bha trealabhaid dhe. I think it’s an invented form of a word, perhaps originating or derived from the English word “trawling”. | 
| ball-dóbhrain | spot, comharra air a chraiceann (beauty spot). | 
| conablach | dà leth. Rinn mi conablach dhe. | 
| sòla | fiodh air urlar eitheir, pios fiodha fo chasan neach ann an direadh neo toiseachd, eithear beag. Air a bithear a seasamh mar leac-fiodha. | 
| bial-mòr | bial eithir air a bheil timchioll àrd suidhichte. | 
| smuig | uisg’ as an t-sròin. Bha smuig as an t-sròin aice, neo aige. | 
| seid | leabaidh de chamhlach air an làr – aodach leabadh air a chuir air a lar, neo faodaidh camlach [sic] a bhi foidhe gu cadal air. | 
| buidheag | dìthean (buttercup). | 
| corra-ghlas | ean (corncrake). | 
| boga-nid | already referred to previously, is I think a tit bird not any particular one – I know for certain it’s a bird, a tit bird – very likely any tit bird or any of the tit bird family, a general term. I remember hearing the term used years back. This is my definition – perhaps someone else has some other or can have a further definition. | 
| tioma-taisean? | fannachadh laige (1 [?]) le bhi do timchioll: bi e tighinn air caoradh? taisean? – explanation? – tuathalan, luairean. [?] | 
| paiseanadh | (into a faint). Chuir mi ann am paiseanadh e. | 
| tinne | link of a chain. Sometimes pronounced “teinne”. Dul de shlabhraidh. | 
| arspag | ean, faoileag theirear anns na Hearadh: Farspach. Black backed gull. | 
| taisean | (bones) as: Cha’n eil annad ach na taisean (bare bones). | 
| grimire | fear a bhios a grimeadh air falbh rudan, a criomadh piosan arain. From greim. [NOTES: the last piece of information added on one of the following pages, see below.] | 
| criomaire | [See grimire.] | 
| murragan | rudan a thig air a mhuir gu tir – rud ’s a bith. An t’fhuair thu murragan an diugh air a’ chladach? | 
| sliuchdadan | ni air a thilgeal pios de sglart [?] (slate) gu bhi srucadh air uachdar na mara neo air an uisge. | 
| spliongag | pios leathair anns a bi clach air a cur s an leathar sin le da thraing as air a shuaibeadh gu bhi tilgeal na cloiche (sling). | 
| spidean | cleasachd, dòigh cur seachad am measg na balach sgoile. | 
| clonstar | (large or extra large). Clonstar mhor cloiche. Bha e lorg clach mhor ’s fhuair e ’n sin clonstar, a thilg e. | 
| clapanaich | Bha e dha clapanaich (clapping her on the shoulder). | 
| cùlaisd | ceann shuas tigh tubhaidh, pairt shuas an tighe etc. | 
| talan | (division) part of a house, a dividing wall: bhiodhta cleachdadh an fhacail gu h-àraidh anns na seann tighe – tighe tubhaidh. | 
| làr-puill | lar, seòrsa lair a bhiodhadh ann an tigh – ‘taigh’ tubhaidh. | 
| starragan? | here (bunan fhiaclan grota) anns a bhanas or crows. Perhaps there is a proper rendering. I am not quite sure if this is exactly? I am doubtful. I know there is such a word for bunan fhiaclan grota anns a bhanas? | 
| seiceil | seiceil ann an cuibheal shniomh (from shackle). | 
| sichd | aghaidh nach ann air tha an aghaidh, sichd (cheek [?]). | 
| dràbhag | druthag uisge air ùrlar shoithich. | 
| caomhag | an endearing female, kind, well-liked etc., nighean òg chaomh. | 
| calaisteach | dripeil, trang (busy). | 
| comhachag | ean cailleach oidhche (another name for it). | 
| galahad | An tu tha sud a ghalahad (referring to a female). | 
| pannt? | Tha e cho math dhuit chuir dh’an phannt, pawn (pawn shop). | 
| lannsa | sgian lighiche (lance). | 
| siola | siola na h-easgainn. Part of the entrails of an eel. From siol. | 
| cuis-bhùird | a laughing stock, cuis mhagaidh. | 
| piocas | galair (chicken pox). | 
| piocach | theirear anns na Hearadh smalag (nach e?). | 
| bloudaire | a halfwit person (duine caran bharr a bhi ceart). | 
| spàrr-gaoithe or -ghaoithe | sparr ann an tigh dubh (parting). | 
| spàrr-bhochd | beggar’s roost. Cha urrain dhomh a radha gu firinneachd an e bochduinn mar a theirte “poor house” seo mar a shaoileas mi e? | 
| spiolag | ’Se spiolag (naughty girl) th’innte. | 
| fiolag | [See spiolag.] | 
| grimire | from greim (previously noted) on a former page. I forgot to explain. [NOTES: see ‘grimire’ above.] | 
| crimire | from crimeag. | 
| crùcan | (a child’s palm). Cum do chrùcan. | 
| treallaich-catha | aftermath, ni de’n h-uile rud air fhagail a deighidh sabaist neo cath ’s a bith. | 
| sos | quite a portion. Fhuair e sòs [sic] math, cuibhrionn mhath. | 
| gànrachadh | (complete mess) Tha thu (mi) air do ghrànrachadh [sic] leis. | 
| spitheag | (missile) spitheag cloiche. | 
| bob-bò | da fhacal cuideachd gu bhi air a chleachdadh gu eagail a chuir air leanabh ma bhios e dol a àite nach saoilear a bhi freagarrach. | 
| duileasg | nàduir feamainn (dulse). | 
| putan-croinn | (button on the top of a mast) anns na soithichean móra, air mullach a chrionn, putan air mullach crann gu bhi cumail an uisg ás. | 
| iap | ’S e dh’iap tha sud. Yob from yob – a current expression. | 
| balg-meadhainn | Rug e air bhalg meadhoinn [sic] air (belly bulge). Meadhainn – middle. | 
| fuaine | bior fiodha (peg). | 
| liath-fàil | air son cul an dùirn, bracelet. | 
| ceann-criche (Lewis) | ciste-laighe. (Harris) | 
| caoirnean | (small amount) caoirnean dhe a’ cliucheadh (sgadan). | 
| dealg | prìne (pin). | 
| camaràd | companach (from comrade). | 
| garbhag | iasg (sprat). | 
| feocallan | beathach (ferret). | 
| còmhla | dorus. Cul na còmhla. | 
| ball-seirc | beauty spot. “More associated with a beautify expression than ball-dobhrain” mark on the skin. | 
| suaigean | rud beag de dh’aoraich aithneachadh: bha suaigean air (happy). | 
| seannsal | buile, droch bhuille. Fhuair e seannsal. | 
| soic | sròn mar a mach. Bha soic a mach oirre (protruding nose). | 
| tuaim-thàmh | cho marbh anns an tuaim: neo thainig tuaim-thàmh – death sleep, rest. | 
| cearbadan | insect of the beetle family. | 
| sonc | from sank. Chaidh e sonc. | 
| rebeanach | iasg (bodach ruadh beag). | 
| linn-chlach | linn air a cur le clachan gu a toirt fodha (with stone sinkers). | 
| amhras | amhras an linn: thoir thugad an t-amhras chuid dhe air fhidheadh. | 
| crois-iarna | gu bhi deanamh iarnachan de shnath. | 
| boiseag | làn duirn bheag mar boiseag mhine (wee handful). | 
| brigeadh | a deanamh striochd le oisean na spaide ’g bualadh air an talamh mar a bhios neach a bhios a’ cur buntàta ni e striochd air meud a cheap… brig an toiseachd e. | 
| suitseach | (force) wind blowing to a force as: Tha suitseach oirre. | 
| srulais | mixture of material of a distasteful approach: Cha’n eil an sud ach srulais. Srulais gu leoir aige (gossip). | 
| drein-a-charois | scowl on the face with the mouth to reveal it. Drein a’ cur a bheòil ann an cruth. | 
| teasd | (death) an old expression. “Theasd e” confined to the Mainland area: Perthshire and perhaps Argyllshire. | 
| rudan | substitutional [sic] term. Fac thu rudan. | 
| plang | planca (plank in English). | 
| planca | [See plang.] | 
| gothadh | a jerk forward. Thug e gothadh as – referring to a person falling from a pier or wall into the sea – ’s chaidh e, neo thuit e mach air a’ mhuir (1). (2) there is the word “goth” – judging. | 
| drabhs | Tha drabhs aig air an teine (fuaim mar a bhios ag geir ’n uair a thilgear pios dhi dh’an teine). | 
| sgiuch | Fhuair e sgiuch mhath ann – he got a good portion there. Thug e sgiuch bhuaipe. | 
| gidseog | Cè gidseog tombaca – a wee cut of tobacco. | 
| shóa | pios tombaca air son a chagnadh (chewing). | 
| sòrnach | àit air son preis dhath, ait [sic] air bi preis dhath air a suidheachadh. |