English Gàidhlig

Mu Ghuthan nan Eilean

Tadhail air làrach-lìn Ghuthan nan Eilean

O 2006, tha Gòrdan Wells air a bhith a' tadhail air cuid de mhuinntir a choimhearsnachd fhèin ann an Uibhist gus an clàradh a’ bruidhinn air am beatha, anns a’ Ghàidhlig agus an uairsin anns a’ Bheurla. On uairsin, tha Guthan nan Eilean, mar phròiseact coimhearsnachd, air a bhith ag amas air criomagan de bheathannan dhaoine sna h-eileanan a chruinneachadh agus a thaisbeanadh, agus tha na bhideothan air an cleachdadh fad is farsaing mar ghoireas do luchd-ionnsachaidh. Tha na clàraidhean nam fìor dheagh eisimpleirean de chainnt a tha air bilean an t-sluaigh, le daoine ag innse mu am beatha fhèin nam faclan fhèin.

Tha làrach-lìn Guthan nan Eilean cuideachd na dachaigh do chlàraidhean ann am Breatnais, anns a’ Ghàidhlig Mhannainneach agus ann an Gàidhlig na h-Èireann am measg iomadh cànan eile. Ach tha e na thlachd dhuinne a-nis na clàraidhean a th’ ann an Gàidhlig na h-Alba a thabhainn mar phàirt de Chluas ri Claisneachd, le fo-thiotalan, gus an tèid air an dà chuid, luchd-ionnsachaidh agus fileantaich, fiù ’s barrachd thlachd fhaighinn às a’ ghoireas miorbhuileach a tha seo. Tha sinn gu mòr an comain na com-pàirtichean, an neach-siubhail Gòrdan Wells agus Sabhal Mòr Ostaig airson leigeil leinn na bhideothan seo a chleachdadh, agus tha sinn uabhasach fhèin toilichte gun tèid againn a-nis air bhideothan a thabhainn cuideachd am broinn an tasglainn. Gheibhear barrachd fios mun phròiseact an-seo.

Chaidh cead fhaotainn bhon fheadhainn a rinn na clàraidhean seo airson an cur suas air-loidhne gus an deidheadh aig a’ mhòr-shluagh am faotainn saor an-asgaidh. Tha DASG air an cur suas air an eadar-lìon air sgàth ’s gu bheil sinn gu làidir den bheachd gu bheil luach iongantach anns na clàraidhean seo agus gum bi iad a’ cur ri rannsachadh a’ chànain, cànanachas agus a h-eachdraidh. Tha sinn mothachail, ge-tà, gum bi fiosrachadh pearsanta uaireannan a’ nochdadh, neo gum bi stuth ann a tha drabastach neo cliù-mhillteach. Ma tha càil ann a tha buntainneach ribh fhèin air ar làrach-lìn ’s nach tug sibh seachad ur cead air a shon, neo ma tha càil ann a tha drabastach, cliù-mhillteach, neo a bhios a’ dol an aghaidh laghan prìobhaideachd ann an dòigh sam bith, cuiribh fios thugainn an-seo. Ma tha an t-iarrtas dligheach, bheir sinn an stuth far na làraich-lìn rè ùine gus an dèanar fuasgladh air a’ chùis.