English Gàidhlig

Mu Chalum MacNìll

Rugadh Calum MacNìll, neo Calum Dhòmhnaill Eòis a’ Phost, ann an Eòlaigearraidh, Barraigh, ann an 1935, mus do dh’fhàg e an t-eilean mar dheugaire gus obair a shireadh air feadh an t-saoghail, daonnan còmhla ri Gàidheil eile. Tha Calum air ùine a chur seachad ann an iomadh dùthaich, bho Phanama gu Astràilia, Sealainn Nuadh gu Canada, far an do thuinich e. Tha deagh spòrs air a bhith aige air a shlighe, ach leigimid leis-san innse dhuibh mun a sin na fhaclan fhèin!

Thòisich conaltradh eadar Calum agus Sgàire Ualas ann an 2016, nuair a mhol Oighrig Keogh (Oighrig nighean Aonghais 'ic Nèill a' Ghàrraidh) bho Chomunn Gàidhlig Thoronto gum bu chòir do Sgàire tadhail air, agus mar sin, thog Sgàire agus a charaidean orra gu taigh Chaluim ann an Selkirk, Ontario, gus bruidhinn ris mu bheatha.

Tha sinn gu math fortanach gun robh Sgàire agus Calum deònach an t-agallamh seo a thoirt seachad gus am b’ urrainn dhuinne a sgaoileadh, agus gus an tèid agaibhse air gàireachdainn còmhla riutha!

Chaidh cead fhaotainn bhon fheadhainn a rinn na clàraidhean seo airson an cur suas air-loidhne gus an deidheadh aig a’ mhòr-shluagh am faotainn saor an-asgaidh. Tha DASG air an cur suas air an eadar-lìon air sgàth ’s gu bheil sinn gu làidir den bheachd gu bheil luach iongantach anns na clàraidhean seo agus gum bi iad a’ cur ri rannsachadh a’ chànain, cànanachas agus a h-eachdraidh. Tha sinn mothachail, ge-tà, gum bi fiosrachadh pearsanta uaireannan a’ nochdadh, neo gum bi stuth ann a tha drabastach neo cliù-mhillteach. Ma tha càil ann a tha buntainneach ribh fhèin air ar làrach-lìn ’s nach tug sibh seachad ur cead air a shon, neo ma tha càil ann a tha drabastach, cliù-mhillteach, neo a bhios a’ dol an aghaidh laghan prìobhaideachd ann an dòigh sam bith, cuiribh fios thugainn an-seo. Ma tha an t-iarrtas dligheach, bheir sinn an stuth far na làraich-lìn rè ùine gus an dèanar fuasgladh air a’ chùis.