-
(5) Tàbh mór
-
’Se ‘tigh-thàbhaidh’ a chanas na Nisich ris an tàbh so agus faodaidh mi a radh gur e Nis dachaidh an taibh so oir tha iad ann ’nan dusain. Chan fhaca mise gin ach aon dhuibh [sic] anns an Rudha, ’se ‘am poca’ bhiodh againne is bha am poca againn cho pailt is a tha an tigh thàbhaidh aig na Nisich. Tha e cho mór is cho trom is gum bi buarach air a cur mu mheadhon an fhir a bhios ag obair leis, is fear air a chùlaibh ga cumail, oir na’n tigeadh muir tarsainn gun fhiosd is an tàbh a muigh bhiodh e dualtach car a chur do’n tàbh is an t-iasgair a tharraing a mach. Ag iasgach le tàbh mór tha iad a’ biadhadh na creige, is nuair a chruinnicheas na cudaigean chun a phronnabhaidh-so, tha an t-iasgair a’ sàthadh sios an tàbh air an taobh a muigh is gan crodhadh ann eadar an tàbh ’sa chreag. Tha e a’ doirteadh na ghlacas e air a’ chreig is togaidh na bhios timchioll do na peileachan iad. ’Se duine làidir a dh’fheumas tu airson tigh thàbhaidh oibreachadh, ach is e daoine làidir a tha anns na Nisich.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
(6) Puta suap
-
So gad arcachan a tha air a cheangal dha no tri de aitheannan sios air càbull an lin bhig nuair a bhios sruth tìde mhara làidir ann. Bheir so beagan faochaidh don phut bho neart na tìde mhara.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Clibeadh
-
Sin an slaodadh beag a tha an t-iasg a toirt air an dubhan nuair a shluigeas e am boite. ’Se cur seachad anabarrach solasach a tha ann a bhith dòrghachd gus an tig a’ bhiorach. Nuair a thig ise ’na sgaoth as dòcha gur e tri cinn adag a bheir thu steach don eathar air do dhubhain. Tha a bhiorach làidir is tha i dona gu bhith gearradh na snòta. Is iomadh biorach as an deacha an fhuil a leigeil is a’ tilgeil air ais don mhuir agus ann an tiota bhiodh i air a h-ithe aig a càirdean. Bhiodh cuid dhuibh [sic] a’ breith nan iseanan anns an eathar agus nuair a thilgeadh tu iad so a mach bhiodh iad am broinn chàich mus canadh tu sgian.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Dubhan comhallach
-
[sic] So dubhan mór iarruinn air a dheanamh le gobha is air a leigeil do bhata làidir fada gus an t-iasg trom a thogail a steach don eathar no don bhàta. Gu tric is ann de spàg grapa a tha an dubhan so air a dheanamh.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Ifrinn
-
Hell. Chan eil ‘iutharn’ againn ach mar chainnt eagalach. No mar chainnt air leth làidir a thaobh eaglais is creideamh.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
-
Meidh (Ann an Nis); Maigh (Anns an Rudha)
-
Faic an dealbh. ’S ann air son iasg a’ chamuis a tha an dòrgh so freagarrach – adagan, cnodain, etc. Nuair a ruigeas tu an grunn iasgaich le na maighean tha toiseach an eathair ga cur ris an t-sruth, is mar a bi an sruth ro làidir cumaidh aon duine le da ràmh i faisg air an aon àite. Tha na dubhain air am biadhadh le sgadan, rionnach, feusgan no maorach is tha am maigh air a leigeil chun a’ ghrunna. Tha thu ga thogail mu throigh no dha bhon a’ ghrunn is a’ feitheamh gu fairich thu clibeadh.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Putair
-
Cabar caol làidir le spìc bhiorach iaruinn air a cheann gu bhith roiligeadh nam baraillean leis.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Reileadh
-
Tha beul a’ phuta air a reileadh gu daingean gan an tearr so le sreang làidir is air a glasadh le snaimh an iasgair bho iochdair an réilidh.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
[Seanfhacal 34]
-
Mu’n robh Pàp anns an Ròimh, gu’n robh Fiantainnean làidir an Cinn-tàile nam bò.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[brot]
-
Fhuair mi brot mór làidir is thog mi orm. – I got some thick broth and set off.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[seòl]
-
Is ann airson nach tigeadh orra a bhith toirt mu’n cuairt an t-sùil nuair a bhiodh iad a’ tacadh, a bhiodh iad ’g a chur an cùl an tobhta. Ach cha deadh an t-eathar cho cruaidh air a’ ghaoith idir leis an t-seòl an cùl na tobhta, ’s a dheadh i leis an t-seòl ’san dòigh àbhaistich. Agus cha shaoilinn gu’m biodh an crann glé riaraichte, a bharrachd. An seòl bac air a’ chrann, bha thu cur an eathair chun an taca eile gun an seòl a leagail ’s a thoirt mu’n cuairt. Cha robh seo fàbharach do an chrann idir, saoilidh mise, agus gun taca na hàilleard aige. Is ann nuair nach biodh a’ ghaoth glé làidir a bhithist a’ cleachdadh na dòigh-sa, agus airson tacannan goirid. An seòl an cul na tobhta: [see illustration]. An seòl ’s an dòigh àbhaistich: [see illustration]. An seòl bac air a’ chrann: [see illustration].
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[siolp]
-
Gheàrr e mu’n t-siolp e. Bha Donnchadh a’ cur an àirde bùth (tent) aig an fhéill, a’ dol a thòiseachadh a’ creic deoch-làidir. Agus sin gun òrdugh laghail. Có a nochd ach am polas. Cha deacha an obair aig Donnchadh na b’fhaide air adhart, gheàrr e mu’n t-siolp e.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
amar fuail
-
ag gleidheadh seo (maighistir) airson nighe is còmhla ri dath. Chunna mi maighistir ann an stabull, ’ga shuathadh ri guilleann nan each ’san earrach (a’ dèanamh a’ chraicinn làidir).
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
ath-cheapach
-
Notes: ground which has been ploughed once after being fallow for a long time. (1. talamh làidir. 2. athcheapach [sic]. 3. treasadach.)
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
buain bhàirneach
-
Le òrd maoraich. A chipping knife for knocking limpets off the rocks. Sgian bhùird làidir, le pios air a’ ghearradh bhon ghob, is luideag air a suaineadh mun laimh aice, is air a réileadh le pios sreang lin bhig gus nach sleamhnuich e ’na laimh nuair a bhios e fliuch.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
ceann-a-cuir
-
sreang làidir ceangailte ris a’ chloich is ris an lìon. [NOTES: slipped under ‘ceann’ with ‘ceann-a-cuir’ as the quotation.]
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
cho làidir ri Samson
-
as strong as Samson.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
-
cho làidir ris an leomhainn
-
as strong as a lion.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
-
coileach
-
Quotation: Tha a h-uile coileach làidir air a dhùnan fhéin.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
coiseachd làidir
-
walking smartly.
Origin: Tiriodh [Tiree]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
-
cruadalach
-
adj. ‘tough’: cha b’ e fiodh ~, làidir a bh’ ann idir
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
-
càradh (E)
-
Air a chàradh. Bha a h-uile nì deiseil an uair sin a thaobh a’ chuirp gu’n deadh a chur do an chiste – tha e air a chàradh. Air a chàradh a mach air bord cruaidh, làidir a bha air a ghleidheadh airson an aobhair. (Am bòrd mar còmhla chaol.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Bàs is Adhlacadh / Death and Burial
-
dala
-
adj. ‘second (one of two)’: ma bha thu làidir gu leòr chuireadh tu ’ ~ fear air muin ’n fhear eile, ’s dh’fhalbhadh tu leis na dhà
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
-
dibh
-
Notes: confined to strong drink, e.g. “An deigh na dibh-làidir a dhòl iad.” Never heard the word applied to ordinary drink.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
duine làidir
-
Origin: Tiriodh [Tiree]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
-
duine mór làidir
-
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
duine mór làidir
-
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
dùnan
-
Quotation: Tha a h-uile coileach làidir air a dhùnan fhéin.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
gaoth làidir
-
Origin: Mull, Tobermory
Category: Sìde / Weather
-
gaoth làidir
-
Origin: Tiree
Category: Sìde / Weather
-
glamradh
-
Anns na duilleagan móra. Pìos de dh’fhiodh làidir, tiugh.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
glas-cheap
-
Notes: talamh làidir ploughed, one crop of corn, then following spring “Chuir mi ’m buntàta as a’ ghlas-cheap.”
Location: Skye, Portree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
làidir
-
Quotation: talamh làidir. Notes: ground which has lain fallow for a number of years.
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
làidir (1)
-
Bold.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
-
muirsgean
-
(Muirsig – muirsigean anns an Rudha, muisgean ann an Nis.) Razor fish. Chan eil iad an Nis ach gheibhear moran dhuibh [sic] air na Lochan, ann an Uig, is tha iad pailt pailt [sic] an gainmheach an Loch a Tuath mu Mhealbost is Stéinis is air an taobh a deas aig Tolm. Chi thu an t-srùp aca aig amannan os cionn na gainmhich agus ma bheireas tu air gun greimeachadh air an t-slige fàgaidh e an t-srup ’na do laimh is ni e fhein gu doimhne. Aig amannan bidh tràigh an Loch a Tuath a’ bristeadh is theid mìltean dhuibh [sic] a thilgeil gu tir. Tha iad ag radh gum brist i a chula seachd bliadhna, ach cha do bhrist i mór bho 1953 – tha e nis 1967. Chaidh innse dhomh – ge bi air bith a bheil e ceart - gur e gaoth làidir is tide mhara lionaidh làidir an aghaidh a’ cheile a tha sluaisreadh na gainmhich ’sa toirt na muirsgean chun an uachdair is tha na suailichean gan tilgeil gu tìr.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
màrsach
-
Boirionnach a bhiodh “làidir”, aghaidhneil ’s a leithid sin, timchioll air firionnaich. Chuala mi ‘màrsach’ cuideachd air a’ phìob-mhóir. “A’ mhàrsach.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
màrsach (I)
-
Boirionnach a tha a’ sealltuinn gu bheil i làidir a thaobh nam fear – ag iarraidh thuca ’s mar sin. Tuigidh sibh fhein! Mar tha ‘màrsach’ againne tha e gu math duilich còmhradh a chur air. [SLIP: A woman who shows she is strong vis-à-vis men.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
-
smàigeir
-
[smɑ̃:ɡʹəð] Note: fear a chumadh càch nan tràillean tre uamhair na làmhachas-làidir.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
smùid
-
Fo bhuaidh an uisge-bheatha. Fo bhuaidh deoch-làidir. “Bha smùid air.” “Bha smùid mhath air.” An cumantas is ann toilichte bhios duine nuair a chanas sinn gu bheil smùid air. Nuair nach ann toilichte a bhitheas e ’se a chanas sinn: “Bha an deoch air.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
stuth
-
nn ‘stuff’ : b’ fhìor thoigh le Lachainn seo … deochannan dhan ~ làidir; dh’fhaodte gur e ~ a’ choreigin …, no rudeigin a bha i ‘ gabhail, thug e seo dhi; ach an ~ seo a bh’ aige, ~
a leithid seo a dhuine, nan gabhadh e … a’ ~
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
-
sùnsal
-
Srann làidir aig an anail a mach ’s a steach mu an t-sròin (aig duine) mar a chunnaic sibh aig cuid. “Tarmod a nuas an rathad agus sùnsal aige mar a b’àbhaist.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
talamh
-
Quotation: talamh làidir. Notes: ground which has lain fallow for a number of years.
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
talamh
-
Quotation: talamh làidir. Notes: lea land.
Origin: Tiree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
talamh làidir (m)
-
unploughed land.
Origin: Tiree
Category: Àiteach / Agriculture
-
talamh-làidir
-
Notes: lea land.
Location: Skye, Portree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
treasadach
-
[t̪ɾesɑd̪ɑx] Notes: ground which has been ploughed twice after lying fallow for a number of years (1. talamh làidir. 2. athcheapach. 3. treasadach.)
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous