Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle

Informant(s)
Name
A. Urquhart ( A. Urchardan )
Age
73
Origin
Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Location
[Lewis], Steòrnabhagh [Stornoway]
Date
[03/1968 on the slips]
Notes
  • [NOTES: the informant uses adjectives to show the gender of the noun. These have been replaced with (m) and (f).]
  • [NOTES: the words have been slipped and therefore in this file, apart from the definitions provided by the informant, the definitions as they appear on the slips have also been included (unless the two were the same).]
[note](Dh’fhag mi na facail Leódhasach aca fhéin.)
1. Lìon-mór
lìon-mór[NOTES: slip not found.]
druim[NOTES: slip not found.]
casan (gaoisid)[NOTES: slip not found.]
buidhe (Beurla)[SLIP: Buoy.]
crogaispasgan dhiùbh an àite buidhe.
a’ chlach‘An do chuir thu mach a chlach?’ – ulpag math cloiche air gach ceann mar chruaidh. [NOTES: slipped under ‘clach’.]
ceann-a-cuirsreang làidir ceangailte ris a’ chloich is ris an lìon. [NOTES: slipped under ‘ceann’ with ‘ceann-a-cuir’ as the quotation.]
sgùilbascaid anns a bheil an lìon air a càradh.
réiteachag cur an lìon air ais anns an sgùil [q.v.] an òrdugh air a glanadh is air a tiormachadh.
an gocairam fear d’am b’obair a bhith toirt an éisg de’n dubhan mar a bhathas a’ tarruing. (Droch obair air fhàgail air fear-easgaidh.) [NOTES: slipped under ‘gocair’ with ‘an gocair’ as the quotation.]
lìon-beag[NOTES: slip not found.]
2. Lìon-beag
3. Lìon-sgadanach
lìon-sgadanaich[NOTES: slip not found.]
druim is bonn[NOTES: slip not found.]
mogul[NOTES: slip not found.]
cliùchdaireachdag càradh no a’ fighe.
snàthad-lìn
còrcaichan snàth.
sgumanseòrsa sluasaid leis an togadh tu an sgadan as an taoim do’n bhascaid.
ceud sgadanb’e sin riamh sia fichead. [NOTES: slipped under ‘sgadan’ with ‘ceud sgadan’ as the quotation.]
4. Lìon sam bith eile
cabhulllìon is poca oirre airson bric a ghlacadh air allt. Am beul air a chumail fosgailte le slat chrom sheilich. Bha dà ghàradh (aon bho gach taobh) air fhiaradh le fosgladh anns a’ mheadhon far an robh thu cur beul an lìn, ag gabhail do’n allt os cionn sin leis na clachan gus an rachadh an t-iasg sìos. Chì thu eileach mar so an iomadh àite air allt far a bheil ruith chòmhnard.
[NOTES: originally slipped under ‘cabhull’ but this was changed to ‘cabhal’ by a second hand and ‘cabhull’ was added as the quotation.] [NOTES: the second part of the explanation has been slipped separately under ‘eileach’.]
lìon-leòbag[NOTES: slipped under ‘lion-leobag’.]
lìon-roinneach[NOTES: slipped under ‘lion-roinneach’.]
breac-lìonair son liùghaichean is truisg is ucais.
5. Duirgh, slatan, driamlaichean
dorgh (m)
clàrag
meigh (m)
clach-luaidhe[See dorgh.]
cruaidh (f)clach mar acair aig a’ bhàta. [NOTES: slip not found.]
caigeann (f)iasg air gach dubhan.
sgobadh (m)(‘dubadh’ an Leódhas.)
teumadh (m)spadadh a bheir thu air an dorgh an uair a dh’fhairicheas tu sgobadh [q.v.]. “Cha do theum mi ceart e.” “Chaill mi e.” No glé thric: “Dh’fhàg e mi.” “Chuireadh srian ris a’ bhradan / Cha b’e fhasan am fàgail.” (W Bàn)
teumadhag ceangal is a’ suaineadh slat ri chéile (ma bha dà phìos no trì innte (English ‘splice’).
driamlach (f)
(f)ribheag (f)English ‘barb’. [NOTES: slip not found.]
gob an dubhain[NOTES: slip not found.]
snàgaileadh (m)an suaineadh snàtha leis an robh thu cur an dubhain ris an t-snòd.
siabadh (m)cur am [sic] mach driamlaich [q.v.] leis an t-slait. “Is math a shiabas e.” Chuala mi tric e ach cha chluinn an diugh ach ‘castadh’. [NOTES: the slip has ‘cur a mach’.]
[castadh][See siabadh.] [NOTES: it has not been slipped.]
cuileag
frithliosg (m)Is e sin a bha againn an comhnuidh air ‘baoiteag’ (biathadh). Bha na seann daoine a b’aithne dhomh an còmhnuidh cur smugaid air an deidh chur air an dubhan. [NOTES: the slip has the following note – ‘Check spelling, whether ‘o’ or ‘r’ after ‘f’’. It looks like ‘r’ to me.]
[baoiteag][biathadh. See frithliosg.] [NOTES:  it has not been slipped.]
a’ fainneamha’ dorghadh gun chruaidh a chur a mach ach ag cumail an eathar leis na ràimh (ag iomradh gu socrach gus an tigeadh tu air an iasg). [NOTES: slipped under ‘fainneamh’ with ‘a’ fainneamh’ as the quotation.]
iasg-gealdaoine bha ag obair ag glacadh bhradan leis na lin an àiteachan sònraichte mu’n chladach theirte mu’n déidhinn “gun robh iad anns an iasg-gheal”.
bradan[NOTES: slip not found.]
geadagbradan [q.v.] na ceud bliadhna.
breac-gealsea-trout.
bànagbreac-geal [q.v.] na ceud bliadhna.
breac-donn
dearganach(char.) [?]
mach (f)iasg sam bith an deidh a’ chlaidh. [NOTES: slip not found.]
rot (m)breac-donn de mheud is fhiach a chumail. Rot cuideachd air son beathach cuimseach air bith, rot muilt.
gad-éisgiasg air meangan fraoich, no beithe no seilich.
bacan-éisgiasg air sreing.
Na trì nithean as iasgailte a tha ann:“Dubhan bradach, beairt ribeach, slat cham chaorainn air a buain ann an aodainn creige.” Bho Uilleam Mac Illeathain (78) am Poll-Dùbh. Mhìnich e dhomh e mar seo: Bha am fiodh cruaidh (fàs mall) leis nach robh móran torraidh aice (a’ chraobh) an aodainn creige. An uair a bha an t-slat cam bha i nas nàdurraiche os cionn an uisge, an dubhan meirgeach agus geur agus mar sin bradach, am beairt ribeach (a’ ghaoisid uirlach [?]) (a’ mealladh an éisg). ’S ann gu h-àraidh air creagach a bha e tighinn.
[NOTES: slipped under ‘iasgailte’.]
6. Acfhuinn sam bith eile
cromag (f)
hàbhan (m)landing net.
hàbhan-mórté mhór mar bu trice airson a bhith togail maorach (eisirean) bho’n ghrunnd.
morgh ()[?]
solus no liasairson iasg a mharbhadh air aibhnichean is uillt aig àm claidh [?]. [NOTES: ‘morgh’ and ‘solus no lias’ are enclosed in a brace but it is not clear what the relation between them is and whether the illustration and definition refer to both of them.] [NOTES: no slip for ‘solus’ or ‘lias’ found. The slip with ‘morgh’ contains only the illustration.]
morgh (m)airson leòbag a mharbhadh is iad ’nan laighe ’sa’ ghainmhich.
lias (m)(gu sònraichte) bucas (mu 14" gach rathad, 7 mu 6' an doimhne) le glainne ’sa’ bhonn. Troimhe chitheadh tu air a’ ghrunnd an torran beag gainmhich anns an robh an leòbag. (Chitheadh fear eòlach an t-sùil aice.) Bha thu an sin a’ stiuireadh a’ mhorgha oirre. [NOTES: slipped under ‘liàs’.]

© DASG
^ Return To Top ^