Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 97 hits for cruaidh

Clach bhàithte
So cruaidh a tha a’ dol air earball an lin bhig ma dheireadh is gun chàbull no puta oirre.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Na trì nithean as iasgailte a tha ann:
“Dubhan bradach, beairt ribeach, slat cham chaorainn air a buain ann an aodainn creige.” Bho Uilleam Mac Illeathain (78) am Poll-Dùbh. Mhìnich e dhomh e mar seo: Bha am fiodh cruaidh (fàs mall) leis nach robh móran torraidh aice (a’ chraobh) an aodainn creige. An uair a bha an t-slat cam bha i nas nàdurraiche os cionn an uisge, an dubhan meirgeach agus geur agus mar sin bradach, am beairt ribeach (a’ ghaoisid uirlach [?]) (a’ mealladh an éisg). ’S ann gu h-àraidh air creagach a bha e tighinn.
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Seine nets
An diugh ’se ‘seine-netters’ a tha anns a’ chuid as motha de iasgairean Leódhais ag iasgach an eisg ghil is na musgain caol. Chan eil an obair so cho cruaidh oir tha iad anns a’ chidhe a chula h-oidhche. Cha t-fhuair mi eòlas ’sam bith air an obair so.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Slaopadh
Ga chur gu feum cha teid ach slaopadh a dheanamh air a’ mhaorach. Nuair a bhlathaicheas e anns an t-slige air an teine cho luath as urrainn dhuit am biadh a chur as an t-slige le bruthadh bho t-òrdaig mhóir, tha e slaoipte is deas gus a chur air an dubhan anns an sguil no a thoirt leat chun a’ chreagaich. Ma leigeas tu goil leis tha am biadh a’ dol cruaidh is gun fheum airson iasgach leis.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[bròg]
Na pàirtean aig bròig. An dà phàirt mhór aig bròig: An t-uachdar. Am bonn. Beul na bròige. An strap-sàileach. Na sùilean. Sàil na bròige ’s Sròn na bròige aig a’ cheann eile. An cnap. An seangadh – ’S ann mar ‘faigheadh’ (fuaim caol) a chanas sinne seo. Ach ’se seangadh a th’ann cho fad’s is aithne dhomh. Far am bheil a’ bhròg a’ fàs seang. An dearcadh. Am balt. An teanga. Am fraochan. Bròg-built – Bròg air a’ fuaigheal le sreangan. (Sreangan – shoemaker’s thread.) Bròg built tonnidh [?] sibh i le gréim air sròn agus sàil. Bròg air a fuaigheal leis an iarunn, tha i cruaidh. Pàirt eile de an bhròig: Am bonn linigidh – tha seo a stigh fo an bhonn mhór. Cho dubh ri bréid na bròige, chanadh na bodaich. Bhiodh bréid aodaich anns na brògan, uaireigin.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[claidheamh]
Ged tha an claidheamh sgaiteach cruaidh, cha mhisd e thuar a bhi glas.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cruaidh-chàs]
Tha mi ann an cruaidh-chàs. – I am in real difficulty.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cruaidh]
Lean e iad gu cruaidh. He pursued them hotly.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cruaidh]
Is cruaidh na dh’fheumar. “Must” is hard to do.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cruaidh]
Cruaidh a’ sgreadadh air cruaidh. Steel grating on steel.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[daga-phort]
[Kenneth MacDonald in the letter of 9 January 1967:] Seachdain no dhà air ais, fhuair sinn pasgan eile de dh’fhaclan Uigeach bho dh’fhear an aon ainm ruibh fhéin – Murchadh MacLeòid, a tha ’na mhaighstir-sgoile ann an Cinntire. (…) B’e facal eile a bh’aige “an daga-phot” air a chleachdadh mar seo: “Tha an t-aran seo cho cruaidh ris an daga-phot.” A bheil fhios agaibh dé idir as ciall dha’n an fhacal seo? [Mr MacLeod’s reply:] Murchadh MacLeòid Chinntire, Murchadh a’ Ghobha a tha mi an dùil a th’ann. Mo dheagh charaid, uaireigin. Cha’n fhaca mi e bho shamhradh 1948. Tha mi tuigsinn gur h-ann ann an Southend an Cinntire a tha e. Mord, no Murdo, a’ Ghobha a chanas sinne ris. Duine dòigheil a tha ’n sin. Duine snog. (…) Ach am fear-sa, “an daga-phot”. Is e an daga-phort a bh’againne air.  (Tha mi fhìn agus Mord a’ Ghobha 3½ mile bho chèile.) Mìneachadh air an fhacal, no dé mar a dh’éirich e? Chan eil nì cinnteach sam bith agam. Dh’fhaodadh gu robh comhcheangal aige ri daga, agus dh’fhaodadh nach robh. Chuala mi aig bodach ’sa bhaile uaireigin (agus bhiodh am facal sin aca): “Cho cruaidh ris an deilg na bhìotaidh.” (vee’tee) Agus b’e seo saoilidh mi, an tignum-vitae, am fiodh air leth cruaidh. ’Se am fiodh-sa a bhitheadh a’ dol ann an roithleinean nan ulagan (block sheaves) séibhichean nam blocaichean, mar a chanadh na bodaich. Agus abair a bhith cruaidh de an fhiodh sin! (Faic mu’n fhiodh-sa ’s na leabhraichean fiosrachaidh.) Nise mu’n daga-phort, tha facal Laidinn eile ag éirigh rium, agus dh’fhaodadh gu robh comhcheangal air choireigin aige ris an daga (am facal): aqua-fortis. Dh’fhaodadh gu robh, agus dh’fhaodadh nach robh. Sin na th’agam mu an daga-phort, mur a tionndaidh nì sam bith an àirde.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[daga-phot]
‘Tha an t-aran so cho cruaidh ris an daga-phot.’ (Surely this is a most peculiar expression. Can any light be thrown on it?) ‘Tha e cho cruaidh is a’ bhuthaid’ is a common expression.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fraoch]
Cruaidh mar an fhraoch, buan mar a’ ghiubhais. Hardy as heather, lasting as pine.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fuachd]
“Cha tig fuachd gu earrach, cruaidh chàs no droch ceannachd, cha dean bean ach air eiginn gun aithnich i ceud ghin.” Not sure of meaning behind this one.
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[piantaiche]
’Se piantaiche a th’anns an t-sùlaire. – Cho cruaidh ’sa tha e ag obair.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[portan]
Cnapaineach cruinn cruaidh, ’s cruaidh craiceann, a làmhan ’s an t-shùil a meadhoin a chlèith, fheòil a meadhoin a chnàimh. A riddle meaning a small crab (portan).
Location: South Uist, Peninerine
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[reothadh]
Reothadh gu math cruaidh. Tha reothadh cruaidh ann.
Origin: [Barra]
Category: Sìde / Weather
[seòl]
Is ann airson nach tigeadh orra a bhith toirt mu’n cuairt an t-sùil nuair a bhiodh iad a’ tacadh, a bhiodh iad ’g a chur an cùl an tobhta. Ach cha deadh an t-eathar cho cruaidh air a’ ghaoith idir leis an t-seòl an cùl na tobhta, ’s a dheadh i leis an t-seòl ’san dòigh àbhaistich. Agus cha shaoilinn gu’m biodh an crann glé riaraichte, a bharrachd. An seòl bac air a’ chrann, bha thu cur an eathair chun an taca eile gun an seòl a leagail ’s a thoirt mu’n cuairt. Cha robh seo fàbharach do an chrann idir, saoilidh mise, agus gun taca na hàilleard aige. Is ann nuair nach biodh a’ ghaoth glé làidir a bhithist a’ cleachdadh na dòigh-sa, agus airson tacannan goirid. An seòl an cul na tobhta: [see illustration]. An seòl ’s an dòigh àbhaistich: [see illustration]. An seòl bac air a’ chrann: [see illustration].
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[stamag]
[Stamag caorach/bà] Uill, ma tha, fhuair mi air adhart math gu leòir a muigh aig an ospadal ’s a’ phàirce goirid as deidh dhomh bhur litrichean fhaighinn. Bha mi a muigh dà uair agus fhuair mi na daoine mar a sheòl sibh dhomh. Ach chaill mi an duine mór fhein, am profeasar, dìreach le a dhà-no-trì mhionaidean a’ cheud là bha mi a muigh. Bha sin a cheart cho math, gus nach cuirinn dragh air airson rud cho beag. Ach fhuair mi Murphy agus chunnaic mi mionach caorach fosgailte. Agus thug Murphy a mach leabhar mór as a’ chùl. Sin, ma tha, mar a bha ’s a’ phàirce. Ach a thuilleadh air a sin, chaidh mi sìos air mo cheann fhìn chun an tigh-mharbhaidh air a’ Ghallowgate agus chunnaic mi mionach bà fosgailte ann an sin. Agus rinn mi cinnteach mu an nì a bha mi a’ lorg – an ceap. (…) ’S iongantach mur am faod sinn an ceap a chur mar seo an “ceap”. ’Se am broilein a bhiodh ann, agus bha an ceap air airson e bhith coltach ri ceap (bhiodh e cruaidh, làn, – dìreach ’na cheap – an còmhnuidh). Rud eile: an psalterium. Cha robh psalterium ’s an leabhar mhór aig Mgr. Murphy idir. ’Se seo, tha mi a’ tuigsinn, ainm eile airson omasum. (Seallaibh an àirde ’s na faclairean, mar a nì sibh.) A h-uile càil a th’ann feuchaibh mar seo iad: A’ mhaodal-mhór – dorsal sac of rumen. A’ mhaodal-bheag – ventral sac of rumen. An luamha – reticulum. Am broilein – omasum (psalterium). ’S mar a tha mi a’ togail “an ceap”. Abomasum – chan eil ainm sam bith agam do an seo. Nach bochd nach robh an t-seann fheadhainn beò gus an deadh sinn far am bitheadh iad airson a bhith ceart da-rìribh! Currac-an-rìgh – mur a h-eil mi ceàrr, ’s ann anns an luamha a bha seo: pàirt de an luamha. Is e an aon stamag a th’anns a h-uile càil a th’ann ach gu bheil i ’na h-earrannan.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[teallach]
Air cruaidh theallaich. On a hard anvil.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[tioram]
“Bha e cho tioram ri cruaidh-chonnlach na h-àthadh.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[tɛ:ləṉṯ]
Notes: rope running from the “cruaidh” to the “bolla” (lobster creel). [NOTES: slipped under ‘tèilant’.]
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
abhlan
Notes: used in W. Lewis, in the sense of some meat or fish etc. with the staple diet, e.g. “’S e sgadan abhlan a bhuntàt.” “Aran cruaidh gun abhlan” = bare bread.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
adag-chruaidh
a fragment of a rainbow seen in the morning. Indicative of bad weather. [NOTES: note added – (= fadadh-cruaidh).]
Location: South Uist, South Lochboisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bais
for same [i.e. cruaidh-theud?] (Lewis). Originating from ‘bois’ – the palm of the hand.
Location: [Harris], Scalpaigh [Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ball feòir
Ball-tìre [q.v.] airson eathair. Ball còrcaich bha e cruaidh agus geal, no bàn. Ach ball feòir, bha e na bu bhuige agus e ruadh. An aon seòrsa stuth ri sìoman-Theàrlaich [q.v.] a bh’ann, tha mi ’n dùil.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
biast
Tha againn cuideachd mu bhoirionnach, ‘biast’ no ‘biasd’. “’Se biast a th’innte.” (curs agus garg) Cuideachd, boirionnach cruaidh agus marbh ann am faireachdainn: biast. “Nach b’e a’ bhiast i!” Cleas a’ bhoirionnaich a chaill an duine le bàthadh ’s nach do chuir e móran sum bith oirre. “Nach b’e a’ bhiast i!”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
bior cruaidh
a small steel punch used for punching and clenching nail heads.
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
boglach (E)
[Boglach agus cruadhlach.] Na dhà an ceart-aghaidh a chèile. Boglach – bog, cruadhlach – cruaidh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
boitean
[bɔitʹɑṉ] Note: greiseag de dh’obair rudeigin cruaidh.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bràigh
Quot.: “am bràigh”. Note: the rope from the “cruaidh” to the “put” at the end of a small- or great-line.
Origin: Carloway, Doune
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bràighe
[bɾɛ:ə] Note: rope from the “cruaidh” of the small- or great-line to the “puta”.
Location: Harris, Quidinish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bòrd-cruaidh
hard board.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
carcair
mullach a phuill an deidh a fheannadh [?]: dubh, cruaidh.
Location: Harris, Sgarastamhor
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceann
Note: rope between the “cruaidh” at the end of a fishing line and the buoy.
Location: [Lewis], S. Lochs, Gravir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceann
Quotation: ceanna-cuir. Notes: the rope, at both ends of a small line or great line, to which the “bolla” and “cruaidh” are attached.
Location: Ross-shire, Aultbea
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceann mara
(airson na lin-mhòra) airson cruaidh. [NOTES: slip not found.]
Origin: An t-Eilean Sgitheanach [Skye; Skye, Glendale acc. to other questionnaires]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
ceann-bhall
[cɑ̃n̪vɑu̜ɫ] Note: the rope between the “cruaidh” [q.v.] and the “puta” [q.v.] on a great-line or small-line.
Origin: Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceann-bhall
Feumaidh daoine buill a bhith aca airson ceann, ’s mar sin, nan lìon. (Faic puta.) 1. put-suaib [?]. [NOTES: slipped under ‘put-snaib’.] 2. put-sàis. 3. ceann-màra. 4. cruaidh, etc. Chan eil a’ chiad trì dhiubh seo againne idir.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
ceann-maradh
Notes: the rope between the buoy and the anchor (cruaidh).
Location: Skye, Kilmuir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceanna-cruaidh
Notes: short shaft of rainbow often seen in the morning. Could expect bad weather from that quarter.
Location: Ross-shire, Aultbea
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceap cruaidh
a cap with a polished bill made of shiny, plastic material. Worn by old fishermen. Similar to a postman’s cap.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceart, a ch.
adv. ‘just’: bha iad an seo a ch. cho tràth ris an fheadhain; mu choinneimh sin, a’ ch. urad do dh’fhiodh cruaidh; sguir sin ’s bha e cearta [sic] cho math
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
craiceann cruaidh
hard skin on the bottom of your feet.
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
creag
Quotation: Cho cruaidh ris na creagan. Notes: hard-hearted.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
moorings of keep-box.
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Iasgach a’ Ghiomaich / Lobster-Fishing
cruaidh
Notes: weight (mullach tigh dubh).
Location: Skye, Portree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
Quotation: Cho cruaidh ris na creagan. Notes: hard-hearted.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
[ɡɾu̟ɤi] Notes: for “gruaidh” – forehead.
Location: Sutherland, Embo
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
stone anchor.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
tips of fingers pressed together with thumb as test of cold. Ma ni thu cruaidh chan-eil do làmh fuar.
Location: ? [Eriskay – see below]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
weight in lobster creel.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
Iron ring on wheel. [NOTES: spelled ‘cruidh’ on the slip.]
Category: Àiteach / Agriculture
cruaidh
[NOTES: slip not found.]
Origin: An t-Eilean Sgitheanach [Skye; Skye, Glendale acc. to other questionnaires]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
cruaidh
the weight.
Origin: Barra
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
cruaidh
Note: stone weighting down one end of the “lion-bheag” or great-line.
Origin: Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
Quotation: a’ chruaidh. Notes: weight used in lobster pot.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
lean, e.g. ’S ann cruaidh a tha i.
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Crodh / Cattle
cruaidh
Tha mi cinnteach gu’m bi i seo anns a chuid mhór de dh’ àiteachan. (Faic na faclairean.) (Faic Dwelly.) Chanadh na bodaich againne “air chruaidhean”: “Bha sinn ar chruaidhean a mach bho Staca na Beirghe.” Dé a’ chruaidh a bhiodh aca? Bhitheadh clach.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
cruaidh
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
Notes: steel.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
mean.
Origin: Skye
Category: Nàdur an Duine / Personality
cruaidh (f)
Notes: anchor.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh (f)
clach mar acair aig a’ bhàta. [NOTES: slip not found.]
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
cruaidh chridheach
hard-hearted.
Category: Nàdur an Duine / Personality
cruaidh-aireachas
n. ‘watchfulness’: feumaidh tu ’ bhith nad ch. [xruəi ar´əxəs]
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
cruaidh-chàs
hardship.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh-fhortan
[ˈkɾu̟ɤiɔʴsṯɑn] Quotation: Gheibh thu do chruaidh-fhortan bho d’ athair nuair a thig e. Notes: punishment, “the works”. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.]
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh-fhortan
Quot.: “Tha do chruaidh-fhortan thugad nuair a thig d’ athair dhachaidh.” “B’e sin là a’ chruaidh-fhortan!” Note: retribution.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh-ghleachd
wrestling.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh-theud
the hook on which utensils were hung above the fire in the old thatched houses of past years in the Highlands of Scotland, in other words a bar of iron with both ends bent, for the said purpose, with an end fitting loosely or freely in the chain link hanging from the roof, known as ‘slabhraidh’. It was probably a word of a Harris origin, or rather an early production of literary efforts towards this item on Harris (one definition).
Location: [Harris], Scalpaigh [Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
càradh (E)
Air a chàradh. Bha a h-uile nì deiseil an uair sin a thaobh a’ chuirp gu’n deadh a chur do an chiste – tha e air a chàradh. Air a chàradh a mach air bord cruaidh, làidir a bha air a ghleidheadh airson an aobhair. (Am bòrd mar còmhla chaol.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Bàs is Adhlacadh / Death and Burial
duar
Duar ort! – Guidhe. (‘d’ cruaidh)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
durga(nta)
Notes: mu dhuine tha cruaidh na nàdar. Source: Uist? Date: 20c.
Location: [see below]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ealagol
mòine ’their tiormachadh cruaidh fo’n talamh a chionns gu robh “talamh-toll” [q.v.] na “gaoth-thalamh” [q.v.] san aite a’ ceadachadh do’n ghaoith ruigheachd orra.
Origin: [Taransay]
Category: Mòine / Peat-Working
fada-cruaidh
a black cloud in the north indicative of bad weather to come.
Location: Eriskay, Taobh na Mara
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fadadh-cruaidh
Notes: dog’s tooth.
Origin: Tiree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gàd
length of iron. Cho cruaidh ri gàd.
Location: [Harris], Scalpaigh [Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gùirain
sligean cruaidh a gheibhear air fiodh air an tràigh.
Location: Harris, Sgarastamhor
Category: Measgaichte / Miscellaneous
leac-chliabh
Note: flat stone used as “cruaidh” in the lobster-creel.
Location: Harris, Quidinish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
loc
Quotation: Bithidh a’ loc fhéin air MacGuaire, bitheadh i cruaidh na bog.
Location: Islay, Bowmore
Category: Measgaichte / Miscellaneous
moine dhubh
’Se fìor réisg a tha so. Tha i cruaidh, trom, agus tha teas mor innte. Is fhiach i so a h-àrach. Toidh ort fhein aig lionadh na làraidh.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
moine dhubh
mòine tha cruaidh dubh, bristeach nuair tha e tioram, ’s anabarrach trom, ach fior mhath go gabhail.
Origin: [Taransay]
Category: Mòine / Peat-Working
na tòsagan
An oidhche bha òraid againn an uiridh aig Comunn Leòdhais agus na Hearadh, chuala mi trì ainmeannan nach robh agam-sa roimhe. Bha seo aig R.R. MàcDhòmhnuill (“R.R.” mar a chanadh iad), maighstir-sgoile á Leòdhas againn fhìn. Bho thaobh siar an eilein. Tha e an diugh a chòmhnuidh am Burnside. (Bidh lorg aig Ruairidh, saoilidh mi, air an duine-sa.) 1. Na tòsagan (T cruaidh): seòrsa de chluiche no a leithid sin. [Cf. an spannadh, buill-ìg.]
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
neo’r-thaing
adv. ‘of course’: mucan ’s iseinean ’s -- ~ buntàta ’s ~ chuile sian a thigeadh aca  air a thogail air an talamh; ~ nach robh gu leòr do dh’obair mu ’r coinneimh; ~ na[ch] ’s e fiodh mòr, cruaidh
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
obraich
vb ‘work’ : vbl nn: bha i ’n deoghaidh obrachadh cruaidh [‘hard at it’]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
piochdach
Quotation: piochdach cruaidh. Notes: dried saithe or stenlock.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
puta-sàs
Quot.: am puta-sàs. Note: small buoy at the end of the “braighe” [sic – cf. bràighe above], or rope from the end of the small- or great-line, keeping as directly above the “cruaidh” as possible. Sometimes underwater. “Puta suab” larger, a marker-buoy.
Location: Harris, Quidinish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
reothadh cruaidh
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
reothadh cruaidh
Origin: Tiree
Category: Sìde / Weather
rodaigeadh
(‘d’ cruaidh) Poll air a rodaigeadh = comharran air a dheanamh anns an lèana airson sealltainn do dhuine sam bith gu robh thu dol a ghearradh poll ’s a’ bhad sin.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
runnach-cruaidh
[rw̃ṉɑxkɾu̟ɤi] Notes: horse mackerel.
Location: Sutherland, Embo
Category: Measgaichte / Miscellaneous
saoidhainn cruaidh
after being salted the fish was dried above the fire. It was then put in sacks and eaten during the winter.
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
snaidhm-cruaidh
Note: reef-knot.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
taighne (‘t’ cruaidh)
A string (twine).
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tairneanach cruaidh
loud thunder.
Origin: Tiree
Category: Sìde / Weather
tosal (E), na tosals, no na tosailean
(t. cruaidh) [NOTES: slipped under ‘tosals (pl)’ with ‘na tosals no na tosailean’ as the quotation. Definition: Parts of coffin (tassels?).]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Bàs is Adhlacadh / Death and Burial

^ Return To Top ^