1. Ag ullachadh a’ chuirp |
ruigheadh (E) | (‘righeadh’ as fheàrr) An corp air a righeadh ’s air a shuidheachadh mus fuaraicheadh e. [NOTES: slipped under ‘ruigheadh or righeadh’.] |
lìon-aodach (E) | An corp air a ghlanadh, tha an lìon-aodach air a chur air. [NOTES: slipped under ‘lion-aodach (masc).] |
càradh (E) | Air a chàradh. Bha a h-uile nì deiseil an uair sin a thaobh a’ chuirp gu’n deadh a chur do an chiste – tha e air a chàradh. Air a chàradh a mach air bord cruaidh, làidir a bha air a ghleidheadh airson an aobhair. (Am bòrd mar còmhla chaol.) |
islig (I) | Anns an islig. Cha b’ e “air an islig” a chanadh sinn idir. Cha chreid mi nach canadh iad “anns an islig” mu an duine air a’ bhòrd-sa mu’n deadh e do an chiste agus nuair a bhiodh è anns a’ chiste, fhad ’s a bhiodh e a stigh. |
[bòrd] | Fo an bhòrd. An duine anns a’ chiste roimh an tiodhlacadh, bha e “fo an bhòrd”. [NOTES: slipped under ’bòrd’ with ’Bha e fo an bhòrd’ as the quotation.] |
2. A’ chiste |
a’ chiste (I) | [NOTES: slipped under ‘ciste’ with ‘ciste-laighe’ as the quotation.] |
ciste laighe | |
bord uachdair na ciste (E) | [sic] [NOTES: slipped under ‘bòrd (masc)’ with ‘bord uachdair na ciste’ as the quotation.] |
ceann na ciste (E) | [NOTES: slipped under ‘ceann’ with ‘ceann na ciste’ as the quotation.] |
casan na ciste | [NOTES: slipped under ‘cas’ with ‘casan na ciste’ as the quotation.] |
na làmhan | [NOTES: slipped under ‘làmhan’ with ‘na làmhan’ as the quotation. Definition: Parts of coffin.] |
còrd (E), na cùird | [NOTES: slipped under ‘cùird (pl) cord (s)’ with ‘na cùird’ as the quotation. Definition: Part of coffin.] |
tosal (E), na tosals, no na tosailean | (t. cruaidh) [NOTES: slipped under ‘tosals (pl)’ with ‘na tosals no na tosailean’ as the quotation. Definition: Parts of coffin (tassels?).] |
am plate (E) | (air am biodh an t-ainm) [NOTES: slipped under ‘plate’ with ‘am plate’ as the quotation. Definition: Am plate air am biodh an ainm [sic].] |
an t-aodach dubh, an t-aodach (E) | [NOTES: slip not found.] |
sgeadachadh (E) | Chan eil ainm sam bith agam airson an sgeadachaidh a bhiodh a’ dol air taobh a muigh na ciste air muin an aodaich dhuibh ri oirean na ciste. |
3. Faire |
faire (I) | [NOTES: slip not found.] |
an tigh faire (E) | Far an robh an fhaire air a dèanamh. “Anns an tigh-fhaire”. Bhiodh an dusd (I) a stigh dà oidhche agus daoine ri caithris an dà oidhche. An diugh, cò dhiù air taobh an ear an eilein, chan eil caithris, no faire ’ga dhèanamh. [NOTES: slipped under ‘tigh faire’. Definition: Bhiodh an dusd a stigh dà oidhche agus daoine ri caithris an dà oidhche.] |
4. A’ giùlan na ciste |
eilitriom (E) | Bha a’ chiste air a cur air eilitriom. Bha i air a ceangal ris an eilitriom le na cùird. |
giùlan (E) | “Chaidh iad fo an ghiulan [sic].” Dheadh ochdnar fo an ghiùlan air an eilitriom. Bha an t-eilitriom mar bara-làimhe mór, fada.
|
5. An cladh agus an uaigh |
rath-thiodhlaic (I) | Chanainn gur h-e “réilig” a bhios anns a’ chuid mhór de dh’àiteachan. |
a’ cladhach na h-uaghach | [NOTES: slipped under ‘cladhaich’ with ‘a’ cladhach na h-uaighe’ as the quotation.] |
a’ leigeil sìos na ciste | [NOTES: slip not found.] |
an sgrath (I) | Bhithist a’ gearradh sgrath, fàd na spàide air thiuighead bharr na h-uaghach. Bha maide cruinn air a chur am broinn na sgratha agus an sgrath air a rolaigeadh gu casan na h-uaghach. Nuair a bha a h-uile cùis deiseil bha an sgrath air a rolaigeadh air ais agus an uaigh air a crìochnachadh ’s air gabhail aice. [NOTES: slipped under ‘sgrath (fem)’.] |
leac (I) | (Tuigidh sibh fhèin.) “Chuir iad leac air Tarmod Fhionnlaigh.” |
clach (I) | (Tuigidh sibh fhèin.) “Tha clach bhrèagha air Dòmhnull Ruadh.” [NOTES: slip not found.] |
6. Cleachdaidhean sam bith co-cheangailte ri bàs no adhlacadh |
tombaca (E) | Bha cuimhne fad as aig m’ athair (1860-1947) air an tombaca aig a’ chladh. [NOTES: slip not found.] |
falair (I) | (’Se “alair” a chanadh iadsan.) Bha an fhalair air sgur mus robh cuimhne aig m’ athair. Bha lorg aige air bodadh Uigeach a bha ag radh ri a mhac a’ dol a mach do an t-saoghal air a cheann fhéin a’ cheud uair, “A nise ma thig duine ort a thaobh athar no màthar, biodh mart na h-alair agad”. Bha cuimhne aig m’ athair uair no dhà nuair a bha e ’na dhuine òg, a bhìth aig tiodhlacadh agus biodh ’ga thoirt seachad. |
tiodhlacadh (E) | |