Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 16 hits for Gobag

[siol-ghainmheach / sìol-ghainmheach]
Chunnaic mi am prògram “A Boy in Harris” air an T.V. an oidhche roimhe, agus chòrd e rium. (…) Ach a nise gu aon nì anns a’ phrògram do’n d’thug mi an aire – marbhadh nan siol, no glacadh nan siol (an t-siol-ghainmheach mar a chanas sinn) leis a’ chorran anns an tràigh. Obh, obh is iomadh ceud a ghlac an làmh a tha sgrìobhadh na litreach-sa. Anns an Fhadhail Mhóir aig Crabhlastadh, an Sgìr Uige againn fhìn, ann an Leòdhas. Am boirionnach Hearach a’ sgrìobadh leis a’ chorran anns an tràigh (air an tràigh thioraim). Chuala mi iad a’ deanamh nì de’n t-seòrsa-sa a ghlacadh na sìl air Na Ceithir Peighinn Deug an ceann shìos na Sgìre againn fhìn (Uig Leòdhais) a’ sgrìobadh le croman, no le hoe, air an tràigh thioraim. Cha’n fhaca mi a leithid shuas againn fhìn a riamh. Nì ach an corran anns an fhadhail. Bha an corran shìol air a dheanamh de’n chorran mhór. Bha an gob far an robh e dol na bu doimhne na bhith réidh ris an làimh, air a ghearradh dheth, agus am faobhar air a mhadadh gus nach gearradh e na sìolan mar a ghlacaist iad. Bhiodh cuid a’ toirt seòrsa de dh’fhiaclan anns a’ chorran shìol. Chunnaic mi a dhà dhiubh seo (corrain shiol) nuair a bha mi shuas aig an tigh air an t-samhradh-sa fhéin. Bidh cuimhne agaibh gu robh corran eile aig na bodaich: corran-speal. Bha e mar seo: [see third illustration below]. Is e arm eagalach a bha seo. Bha cùl air an iarunn aige mar air iarunn na speala agus bhiodh sibh ga ghleusadh le cloich-speal. Bha e mór seach corran cumanta. Seo a nise mar a bhithist a’ glacadh nan sìol leis a’ chorran-shiol anns an Fhadhail Mhóir shuas aig Crabhlastadh, ann an Uig Leòdhais. A’ tòiseachadh ann an seo [i.e. àite tòiseachaidh in the illustration] agus a’ gabhail air aghaidh. Bha peile-mór ceangailte le sreing ri do mheadhon. Peile-mór a’ cheàird no peile suinc. No peile-caol a’ cheàird (chan eil easan a’ dol an diugh idir). Bha thu a’ tòiseachadh na sgrìoba mar bu trice thugad. An uair sin a’ tionndadh a’ chorrain agus a’ toirt na sgrìoba bhuat. Mar sin a’ gabhail air d’adhart gu’n tachradh sìol riut. No beathach beag neimheil eile. Biast na Fadhlach, mar a chanas fear Chrabhlastaidh rithe. Iasg beag airgiodach ann an dath ’s an sgeilm, agus gathan neimheil innte. An stangaran a tha mi an dùil a chanas an Hearach rithe. (Ri siol air leth mór canaidh sinne an Uig gobag rithe. Dé a chanas an Hearach chan eil fhios agam.) Ma bhios tu airson cuideachadh air glacadh nan siol a shealltuinn uair sam bith, cha dean e deifir foighneachd mu an chùis do Mhurchadh. Bha Murchadh ris an obair sin mu na siolan bho bha e òg ’s a’ dol do an sgoil gus an a dh’fhàs e ’na dhuine agus a’ dol leis an lìon-bheag. (Siol as fheàrr airson cnòdan, agus là grianach nach bi ro fhuar. Is e luga as fheàrr airson na h-adaige. Sin gliocas agus léirsinn nam bodach a bha sean nuair a bha Murchadh òg.) Cha chanainn gu bheil móran lìon-bhig ’ga dheanamh ri cladaichean na Hearadh an diugh. Is e glé bheag dheth a tha ri cladaichean Uige an diugh mar an ceudna. Tha sabhs air na siolan air leth math, cuideachd. Agus tha iad air leth blasda mar bhiadh, agus air leth tacmhor. Cha tig acras air duine air luathair [?] as déidh feed de na siolan. A thaobh sealladh air lìonmhorachd, cha chreid mi nach e sealladh air an t-sil-ghainmhich anns a’ bhàgh againn fhín (Camus Uige) a dhleasas a’ cheud àite. Cia mheud mìle, no cia mheud muillion dhiubh seo a bh’ann? Agus faoileag is biorach air am muin [?], as an déidh, gu’n robh iad a’ leum ’nan sgaothan as an uisge, airson teàrnaidh, ged nach bu mhór an ciall. Bha dùil ’am gu robh bleideagan an t-sneachda ann an lìonmhorachd gu leòir. Bha dùil agam sin, gus an siod. Is iomadh rud a chì am fear a bhios air an dùthaich nach fhaic fear a’ chabhsair luim! Dà nì a chunnaic mi-fhín le mo shùilean aig sìol ’ga dheanamh: Chunnaic mi siol (te mhath mhór) a’ snàmh cho neo-lochdach, ma b’fhior, am measg cliath de chudaigean òga (siol chudaig) agus an uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhiodh na creutaran bochda, bheireadh i tè as agus dh’itheadh i i. A rithist, uair eile, chunnaic mi sìol a’ gabhail na h-ite a bhiodh againn ag iola (fly-fishing). Sin agad ma tha na rudan a chì duine nuair a bhios e muigh, agus a shùilean fosgailte.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
(also) term used for describing a ‘sharp faced’ or a pointed appearance of a female. (Variation of meaning from the one word.)
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
(already noted) boat version.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
(also) a small point. Gobag sear – place-name Scalpay (East small point).
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
a boat of a pointed stern. [SLIP: a boat with a pointed stern.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
Quotation: Chan eil innte ach gobag boireannaich.
Location: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
Notes: hook on pack-saddle.
Location: Skye, Glasnakille
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
a gossip.
Category: Nàdur an Duine / Personality
gobag
[ɡoʔbɑɡ] Notes: dogfish.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
Quot.: “Gobag mhosach a chuireadh na dubhan air na dathan.”
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
A giant sand-eel.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
Notes: a cheeky upstart.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag
nippy person.
Origin: [Note: From North Uist, information from Alex O’Henley / RÓM 4 Dec 2023]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gobag (f)
Notes: of woman, shrew-featured, sharp-tongued and nosey, or gen. pejorative.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gulu
(similar) boat [i.e. similar to gobag (q.v.)]. It doesn’t take so long a rake. On the beach the former (gobag) has a shorter keel and beam and a longer rake from the keep to the overall length. [SLIP: A boat with a pointed stern but with a longer keel and beam than the ‘gobag’ qv.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
góbag
Chaneil innte ach gobag [sic] boireannaich.
Category: Measgaichte / Miscellaneous

^ Return To Top ^