Gàidhlig / English

Sgioba aig an àm seo

Roibeard Ò Maolalaigh

An t-Ollamh Roibeard Ò Maolalaigh
Stiùiriche

Rugadh Rob(by) ann am Baile Àtha Cliath far an robh e na oileanach fo-cheumnach agus iar-cheumnach ann an Colaiste an Oilthighe Baile Àtha Cliath. Bhuilicheadh ceum PhD ann an Ceiltis air le Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e na òraidiche ann an Colaiste an Oilthighe Baile Àtha Cliath agus Oilthigh Dhùn Èideann, agus na neach-rannsachaidh ann an Sgoil na Ceiltise, Institiud Àrd-Lèighinn Bhaile Àtha Cliath, far an robh e na Leas-Ollamh. Tha e air a bhith ag obair ann an Oilthigh Ghlaschu mar Ollamh na Gàidhlig bhon Fhaoilleach 2005 air adhart, agus chaidh ainmneachadh mar chiad Ollamh Stèidhichte na Gàidhlig anns a’ Ghilblean 2010. Stèidhich e am pròiseact Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig ann an 2006 agus Corpas na Gàidhlig ann an 2008. Am measg nam pròiseactan didseatach anns an robh e an sàs gu ruige seo, tha: Leabhar-eòlas Cànanachas agus Litreachas na Gaeilge agus Muinntir na h-Alba anns na Meadhan-Aoisean 1093–1314. Faic an duileag aige an seo.

  • Stephen Barrett

    Stephen Barrett
    Leasaiche Siostaman Teicneòlas Fiosrachaidh

    Tha Stevie an urra ri goireasan eadar-lìn a chruthachadh is a ghleidheil airson DASG. Tha e air a bhith a obair mar neach-leasachaidh ann an teicneolas fiosrachaidh fad 15 bliadhna, agus e air làraichean-lìn agus siostaman a chruthachadh airson grunn bhuidhnean leithid Conservatoire Rìoghail na h-Alba, Oilthigh Carolina a Tuath aig Cnoc a’ Chaipeil, Ùghdarras Taigheadais Ghlaschu agus a’ Bhanca Ghearmailtich.

  • Niall Bartlett

    Niall Bartlett
    Neach-taic Corpais

    ’S ann bho Brù air Eilean Leòdhais a tha Niall. Ann an 2011 chriochnaich e fo-cheum ann an Eachdraidh na h-Alba aig Oilthigh Ghlaschu. Thill e an sin ann an 2012 airson rannsachadh a chosnadh aig ìrean Mhaighistireachd agus PhD ann an eachdraidh chultarail Ghàidhealach le sùil gu h-àraid air na 19mh is 20mh linntean. A bharrachd air seo tha e air bliadhna no dhà a chuir seachad ag obair ann am margaideachd ealain. Bith e cuideachd a’ nochdadh mar aoigh air prògraman cultarail agus poileataiceach le Radio nan Gàidheal agus BBC Alba.

  • Garry Cooke

    Garry Patrick Cooke
    Neach-taic Corpais

    Rugadh Garry ann an Glaschu agus thogadh e ann an Cathair Ceann Tulaich, faisg air a’ bhaile mhòr. B’ ann aig Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (Sabhal Mòr Ostaig) a thog e a chuid Gàidhlig agus tha ùidh shònraichte aige ann an gràmar a’ chànain. Mus d’fhuair e oideachadh ann an cànan nan Gàidheal, ’s ann a rinn e ceum eile ann an Laideann, Seann Ghreugais agus Sìobhaltachd Chlasaigeach aig Oilthigh Ghlaschu.

  • Andrew Dunn

    Anndra Dunn
    Neach-taic Corpais

    Tha Anndra ag obair mar neach-taic air corpas DASG agus a' dèanamh dearbh-leughadh air na teacsaichean a tha a' dol air-loidhne. Is ann à Leòdhas a tha e an toiseach agus bha e na oileanach aig Oilthigh Obar Dheathain mus tàinig e a Ghlaschu, a' dèanamh Gàidhlig agus an uairsin Sgrìobhadh Cruthachail. Tha e air aon leabhar, Còisir nan Gunna, a sgrìobhadh agus tha e ag obair air an dàrna fear aige.

  • Ceit Langhorne

    Ceit Langhorne
    Neach-taic Corpais

    Is ann à Baile Deàrnaig, tuath air Baile Ghlaschu, a tha Ceit. Dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig ann an Oilthigh Obar Dheathain. Às dèidh dhith ceumnachadh ann an 2012, rinn i Dioploma anns na Meadhanan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig agus bhon uairsin, tha i air a bhith ag obair an dà chuid airson Radio nan Gàidheal agus BBC Alba. Rinn i prògram radio i fhèin, a chaidh a chraoladh air Radio nan Gàidheal as t-samhradh 2014. Is e ‘Ceartas dhan Chearrag’a b’ ainm dha. Tha Ceit an sàs ann a bhith a’ brosnachadh Gàidhlig agus òrain Ghàidhlig tro phroiseactan coimhearsnachd is dùthchais air feadh na dùthcha. Thòisich i ag obair aig DASG anns an Dùbhlachd, 2014.

  • Abi Lightbody

    Abi Lightbody
    Àrd-Neach-Taic DASG (Corpas is Tasglann-Èisteachd)

    Is ann à Fionn Treabh, faisg air Sruighlea, a tha Abi Lightbody. Dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu agus cheumnaich i ann an 2014 le MA ann an Ceiltis. Thòisich i ag obair aig DASG anns An t-Sultain 2014 agus thòisich i ag obair air tasglann fuaime ann an 2015. Bidh an tasglann air a cur air beulaibh an t-sluaigh anns an àm ri teachd.

  • Tòmas MacAilpein

    An Dr Tòmas MacAilpein
    Neach-taic Corpais

    Thogadh Tòmas ann an Siorrachd Rinn Friù agus an uair sin anns an Eilean Dhubh. Bha e na oileanach aig an t-Sabhal Mhòr, agus chaidh e an lùib rannsachadh Eachdraidh aig Oilthigh Ghlaschu. A’ tòiseachadh aig DASG san Dùbhlachd 2016, tha e an urra ri cruth didseatach a chur air an iris Gairm.

  • Alasdair MacIlleBhàin

    An Dr Alasdair MacIlleBhàin
    Neach-taic Corpais

    Is ann à Muile a tha Alasdair. Bha e na oileanach fo-cheumnach aig Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Ghlaschu. Bhuilicheadh PhD ann an Ceiltis air le Oilthigh Ghlaschu san Fhaoilleach 2017. Bidh e a’ seinn sa Ghàidhlig.

  • Mark McConville

    An Dr Mark McConville
    Neach-rannsachaidh / Manaidsear Pròiseict

    Tha Mark a’ comhairleachadh sgioba DhASG mu ghnothaichean teicneolais agus cànanachais. Fhuair e ceum PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2006 ann an coimpiutaireachd agus cànanachas, agus bha e 'na Neach-rannsachaidh Shoillse aig Oilthigh Ghlaschu bho 2010 gu 2015. Tha e ag obair an-dràsta air seòrsa ùr faclair na Gàidhlig: Lexicopia.

  • Calum Ross

    Calum Ross
    Neach-taic Corpais

    Is ann à ceann a deas Obar Dheathain a tha Calum, far an deach a rugadh agus a thogadh. Bha e na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig far an d’ fhuair e ceum le urram ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta ann an 2017. Tha prìomh ùidh Chaluim stèidhichte air blasan-cainnt na Gàidhlig agus an cuid feartan fa-near. Is àbhaist dha seiseanan-ciùil traidiseanta a fhrithealadh ann an Glaschu agus Dùn Èideann.

  • Olga Szczesnowicz

    Olga Szczesnowicz
    Àrd neach-taic Corpais

    Is ann às a’ Phòlainn a tha Ola. Fhuair i ceum MA ann an Ceiltis bho Oilthigh Ghlaschu ann an 2009 agus tha i air a bhith ag obair air a’ phròiseact bhon Mhàrt 2008. An toiseach chuir i ann an cruth didseatach a’ mhòr-chuid dhen obair-trusaidh a tha ann an tasglann a’ phròiseict Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG), agus an-dràsta is ann ann an Corpas na Gàidhlig as motha a tha i an sàs.

  • Anndra Wiseman

    An Dr Anndra Wiseman
    Neach-taic Corpais

    Buinidh Anndra don Ghearasdan, Loch Abar, agus thug e mach ceumannan bho Oilthigh Dhùn Èideann agus Ghlaschu. Tha e air iomadh artaigil a sgrìobhadh air caochladh chuspairean aig a bheil dlùth-cheangal ri dualchas agus dùthchas nan Gàidheal. Le ùidh mhòr aige anns na daonnachdan ditseatach, bha e ag obair roimhe air Pròiseact Chalum MhicGilleathain agus Pròiseact MhicGilleMhìcheil MhicBhàtair, agus tha e a-nist an sàs ann an DASG.



Luchd-obrach a chleachd a bhith san sgioba

  • Shelagh Chaimbeul
  • Iain Dòmhnallach
  • Wojtek Dziejma
  • Kerr Gibb
  • An Dr Aonghas MacCoinnich
  • Calum MacLeòid
  • Alana NicAonghais
  • Linda NicLeòid
  • Ruaraidh Mac an t-Saoir
  • Seumas MacPhàrlain
  • Shona Masson
  • Cailean Masterson
  • Susanna Naismith
  • Rosaidh Phillips
  • Ealasaid Pyper
  • Mairead Roberts
  • Dàibhidh Robinson
  • Edit Wenelius