Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 50 hits for sian

--blank--
ipv.:gabh e [òran]!; vbl nn: cha robh mi ‘ gabhail sian orm air an òran;'s i ' ~ail oirre, mas fhìor; tha mi ‘ dol a ghabhail orm [‘pretend’] gur e Gypsy a th’ ionnam; [‘is possible’]: rinn mi chuile sian a ghabhadh dèanamh innte; tha siud cho ceart 's a ghabhadh e; chaidh duine a mharbhadh a ghabhadh sàbhaladh muram biodh Latha nan Car ann;
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
--blank--
chuir e air ~ a chuile sian [DAG]; b’ fheàrr leam gu robh ~ againn air a dhol a-mach [DAG]; e a’ cur air ~ gunna; a’ cur an eagail air cnapach sa ~ ud; gu dè ‘n ~ a ghearras tu e? [MM]; cha d’fhuair e an cuireadh ‘s cha robh e air a dh. idir; well, tha i seo air a ~, Màiri Bhàn; tha nigheanan beag’ air an ~, na truaghain; chaidh mise a choimhead air an ~ anns an d’fhuair mi e; ‘n ~ ‘s gum biodh i sàbhailte; an ~ a fhuair iad clìor; an ~ a tha an lagh; an ~ anns an robh an duine ‘ bh’ ann ag actadh;dòigh: an ~ sa chuala mise e; anns an ~ a their iad e (?) [MAE]; ‘s e an aon Ghàidhlig a th’ aca ach an ~a bhruidhneas iad [MAE]; a chuile trip a bhiodh e ‘ dol sìos ‘~ ‘s gum faigheadh e na voteichean
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
Pater-Noster
So seòrsa do dhòrgh a tha aca ann an Uig. Chan fhaca mise e ann an àite ach an Uig, is chan eil sian a dh’fhios agam ciamar a fhuair e an t-ainm.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[Màrt]
Ge be air bith bhios an sian cur do shiol anns a Mhàrt.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[Seanfhacal 22]
Tha ’n seillean fo dhìon; thig gaillionn is sian.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[la buain na monach]
’S e la mor a b’abhaist a bhith ann an la buain na monach, gu h-àraidh do’n chloinn. Bha a’ mhoine cho faisg air bailtean ceann shios an Rudha is gum biodh an sgiobadh a’ tighinn dhachaidh gu gach biadh. Dh’innseadh bratach dhaibh ’cuin a bhiodh am biadh deiseil. Bha searbhadair shoithichean, no pios aodaich air chor-eigin eile ga cheangal ri bàrr slait chreagaich fhada, agus rachadh duine leatha chun an tobhta, no eadhon suas gu mullach an tigh dhuibh ga cumail suas riu. ’S e urram mór a bhiodh ann do’n ghille a gheibheadh suas leis a’ bhrataich so, ach b’e a dhleasdanas airson na duais so an teine a fhrithealadh is gun a leigeil as, agus e bhith cinnteach gum biodh pailteas do uisge na tobrach ri laimh a’ chòcaire. Cuideachd, air an la so, bhiodh mìlsean ann, gu h-àraidh silidh, agus as docha lof, nithean a bha gle annasach roimh am a’ cheud chogaidh mhóir. Bhiodh cuid de thighean ann is cha bhiodh so aca, agus a chionn sin bhiodh e duilich dhaibhsan òigridh fhaighinn do’n sgiobadh aca. Bhiodh iad so aig amannan air an aoireadh ann an rabhd: ’An Dhomhnuill ’s cha bhi silidh ac’ / ’S cha bhith [sic] càil milis ac’, / ’S mise nach teid idir thuc’ / A dh’ithe bioraich shioman. Agus a ris: Bhuain dhan Donnach cha teid sinne, / So a bheir an Donnach dhuinn, / Buntàt’ athurrnach gus ithe, / Teatha gun shiùcar, ’s brochan lom; / Rionnaich ruadh’ thug bliadhn’ am piceil, / ’S bidh sinn seachdain le ar com. Nuair a rachadh la a shuidheachadh gu buain ’se la nan seachd sian a bheireadh orra an la sin a bhristeadh, agus bhiodh iad ’nam botunnan ’s nan oiliscin anns na puill. Cha chuireadh uisge stad idir orra, ach chuireadh sneachd. Bhiodh iad a’ buain na monach na bu tràithe aig an am ud is aig iasgairean agus aig clannighean an sgadain togail orra a Ghallaibh, a Shealtuinn is dhan a’ Bhruaich is bhiodh iad airson obair an fhearainn is na monach a bhith ullamh mas fhàgadh iad. An diugh chan eil a’ chabhaig cho mor, agus an diugh tha tentaichean an cois luchd na monach, eadhon ann an cridhe an t-samhraidh far an ruith iad ma thig fras. Faic ‘An Sireadh’ le Ciorstai NicLeòid as Paible an Rudha. T.D. 7-8 ‘Buain na Monadh’.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
[seachnadh]
Chan eil sian air an t-saoghal cho saor ri rud a dh’fhaodar a sheachnadh.
Location: South Uist, Stilligarry
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[side]
Side nan seachd sian – this is a common expression in Uist to describe very wild weather. Literally it means “the weather of the 7 storms or blasts”.
Location: Killearn
Category: Measgaichte / Miscellaneous
air neo
conj. ‘or else’: am bugsa a thilgeil ‘s a chuile sian dheth, air neo bhiodh an truckwagon na theine; dùn do bheul, air neo bidh tu air do dhischargeadh; leanadh an spiorad ‘ tighinn ort _ air neo, leanadh esan oirrese [FMM]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
aithreachas
nn ‘regret’: chan eil sian do dh’~ orm
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
am/ an
1 prep. ‘in’: bha i math an Gàidhlig 's am Beurla;am bi iad a’ dèanamh maragan an Èirinn am fuil; 1sg:: chaidh e ionnam cho mòr sin; 3m: cha robh pioc do dh’eagal ann; chaidh e ann a’ chuile sian [̼ | ʃɛn] a bha ann; cha robh ann nach tachdadh e duine; gu dè am beòthach a bhiodh ann; 3pl.: sguir iad a dhol ionnta (dha na h-eaglaisean aca fhèin); rel.: dhèanainn rud sam bith anns an cuirinn mo làmh; + ur: bha sibh nur daoine cearta
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
bho
prep. ‘from’ : a-riamh bho cogadh Louisbourg; bhuam e! bhuam e! bhuam e!; chan fhaca mi sian bhuaith’ sin; chaidh iomdha duine ann bhuaith’ sin; bhuaipe: chuir iad fios gu robh sagart bhuaipe [DAG]; bhuapa: bha bucaid uisge bhuapa;
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
breacan-sian
freckles.
Origin: Tiriodh [Tiree]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
ceangal, an
~ ri prep. ‘connected to’. : sian eile an ~ ris; gu robh seagh sam bith an ~ ris
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
ceird
n. [k´hiɽs̠ʧ] ‘craft’: ’s e ~ a th’ anns an t-saoirsineachd. Chan eil sian agads’ an uair sin --ach fhaicinn an dòigh tha e air a dhèanamh
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
ceàrr
adj. ‘wrong, astray’: bha nighean bhochd a chaidh ~; cha robh iad a’ dèanamh sian do rud ~; chaidh a inntinn ~
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
clàr
nn ‘board, stretcher’: gen. pl.: tàilleir nan ~, theireadh iad leis: cha b’ urrainn dha coiseachd no sian
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
clàr-innse
n. ‘instructions’: bha mi uair agus leanainn a’ -- ~ aig a chuile sian
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
cuimhneach
adj. ‘recollecting’: cha ch. leamsa a-riamh gun tàinig sian
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
cuir
vb. ‘put’: VBL. N.: bha iad a’ cur a-mach pàipearan ai’son daoine; car a’ cur [khur] sìos air --  feadhain a’ choreigin; cha robh thu ’ dol a chur ann am feirg mhòir idir air; ; PAST: ch. [xur´] mi pìos ris an taigh-danns’ aca; COND.:: cha chuireadh e sian orm ceathramh a dhèanamh, cha chuireadh e dad sam bith orm sin a dhèanamh; chuireadh e air anteine
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
dòigh
n. ‘way’: an ceangal ris air ~ air an t-saoghal; chan eil thu ’ còrdadh rium idir nad dhòighean; dh’ionnsaich mi san ~ chruaidh i; an ~ a bheireadh e air an locair; ach ’ fhaicinn an ~ ’ tha e air a dhèanamh; an ~ -- a dh’obraicheadh e an t-iarann; an ~ ’ bh’ aca air luathadh an seo; an ~ ’ bh’ aca air a dhèanamh; bha ’n ~ fhèin aca air a chuile sian; cha do rinn mise sianmu dheidhinn obair iasgaich riamh do dh. air an t-saoghal; cha bhiodh iad a’ dol an aghaidh a chèile ~ air an t-saoghal; nì iad an-diugh an ~ eile e; anns an ~ bu dhuiliche
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
eadar
prep. ‘between’: 3pl. [ɛ h tər´i̯u]; tha ~ bùidseireachd ‘s ach uile sian; 3pl:: feadhain … a bhiodh ‘ falbh còmh ri nigheanan ‘s thigeadh rud eadar-riutha
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
feum
nn ‘good, use’: ach bha i math an union nuair a thàinig i, rinn i feum; dh’atharraich an saoghal bhuaithe sin, air a shon sin, agus bha feum gu na dh’atharraich; cha ro rinn e sian do dh’fheum dhi; chan eil sian do dh’fh. sa chànan acasan dhutsa, ‘s no leis a’ Ghàidhlig againn dhaibhsan  [FMM]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
fiosrachadh
n. ‘information’: ri m’ fhiosrachadh ’s ann nach robh dad sam bith; cha robh, ri m’ fhiosrachadh gu robh sian eile ann
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
fortan
nn ‘fortune’: an ainm an fhortain cha ghortaich mi sian;gun d’fhuair e am ~; ‘s toil aca am ~ ‘ innse dhaibh
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
gheibh
vb. ‘get’: FUT.: chaneil sian ann … do’l [nuair] a gheibh thu suas ris; PAST: fhuair iad suas ris a sin; VBL. N.: ach sin do’l [nuair] a bha an gnothach ’ faighinn air a luathadh, dà òran ’s -- bhiodh an gnothach rèidh; agus a’ leigeil beagan eile ris ai’son na bha e [an clò] ’ dol a fhaighinn a-staigh; chan eil strì ann do’l [nuair] a gheibh thu suas ris; gum faighinn a-mach feasgar a dhèanamh rudeigin
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
glan
vb ‘’clear, wipe out’ : start teine shìos an Dunvegan … gh. i chuile sian
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
goirtich
vb ‘hurt’ : past: ciamar ‘ tha ‘n gille a gh. a chas [MM]; fut: cha ghortaich mi sian; cond.: gun canadh duine rud a ghoirticheadh duine
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
gràs
nn ‘grace’ : pl.: ‘s e ~an Dia ‘ tha ‘ dèanamh a chuile sian; gen. pl.: air son Dia nan ~an!; co meud pearsa ‘ bh’ ann an Dia nan ~an; Dia nan ~an!
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
gun
prep. ‘without; not’: bha na h-òrain air an dèanamh airson sin, gun ai’son sian eile
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
latha na seachd sian
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
marcach-sian
Note: spindrift.
Location: Lewis, Uig, Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
neo’r-thaing
adv. ‘of course’: mucan ’s iseinean ’s -- ~ buntàta ’s ~ chuile sian a thigeadh aca  air a thogail air an talamh; ~ nach robh gu leòr do dh’obair mu ’r coinneimh; ~ na[ch] ’s e fiodh mòr, cruaidh
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
ri
prep.[‘engaged in; acquiring’]: tha iad ~ fortan an-diugh ‘s gun iad a’ dèanamh na h-obrach; cha do dh’fhalbh duine ri acras riamh; 3f.: well, an ath election ' bhios mise rithe [train]; agus bha tè eile rithe, fhios agaibh, dìreach; 3pl.:cha robh sian a’ tighinn riutha;
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
sian
Quotation: Chaneil sian ann. Notes: sianadh also used.
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sian
Quotation: siantan de dh’uisge. Notes: sheets of driving rain.
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sian
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
sian
not much as: Cha d’fhuair e sian.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sian
weather.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sian
nn ‘nothing, little concern’ : cha chuireadh e ~ air duine a mharbhadh; cha chuireadh e ~ ormsa; cha robh pioc do dh’eagal aca ro sh.; ‘every single’ 's tha chuile ~ machine aca
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
sian
[ʃĩɤ̃ṉ] Quot.: “Sian àigh ort!” Note: said formerly to a person who was going to face danger of some sort, e.g. going away to war. For his protection. Also: “a’ cur sian air duine”.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sian
[ʃĩɤ̃ṉ] Note: very fine, drizzly rain.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sian-gréinidh
Note: a very light warm shower of rain falling with the sun out at the same time.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sìochaire
[ʃıɔxəðə] Quot.: “Sìochaire nach cothaich sian na gaillionn”. Note: fear gun chruas gun dhuinealas.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
thig
vb ‘come’ : fut.: ~ rud às cuimhne duine; thig e air car furasta; an tig agadsa air pìobaireachd no sian? ~ agad air dannsadh [MM]; ~ duine ’ro poidhle; cond.:feadhain … a bhiodh ‘ falbh còmh’ ri nigheanan ‘s ~eadh rud eadar-riutha; vbl nn: ‘succeed’: cha robh sian ‘ tighinn riutha
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
thig
vb. ‘come’: FUT.: cha tig sian riut ‘happen’ … ach tha thu ’ tòiseach’ air obair glè òg; PAST: no’ [nuair] ’thàinig an gnothach thugam‘I learned it’, bha e agam; COND.: gus an tigeadh agad ‘you could’ air an cota-mòr a thoirt dhìot; VBL. N.: tha deathach ’ tighinn [t´i-aɲ] às
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
tiorblaid
(trioblaid) ‘trouble’: sian a beireadh ~ mhòr dha
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
Ìos[a]
pers.nn ‘Jesus’: ò, Ìos’, Ìos’! chan eil sian iontu
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
èiginn
nn ‘need, difficulty’: chan fhàgainn duine sam bith __ a bhiodh na [viɣ na] ~; cha robh sian do dh’~ ann [FMM]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
ùine
n. ‘time’: chan eil ~ aig duine air dad sam bith eile a dhèanamh; chaneil ~ agad air; ach nuair a bhiodh a -- ceithir ’s a còig ’s a sia do ghilleana-staigh anns an aon taigh … bha ~ gu leòr airson a chuile sian a dhèanamh an uair sin
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List

^ Return To Top ^