Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 2 hits for bratach

[la buain na monach]
’S e la mor a b’abhaist a bhith ann an la buain na monach, gu h-àraidh do’n chloinn. Bha a’ mhoine cho faisg air bailtean ceann shios an Rudha is gum biodh an sgiobadh a’ tighinn dhachaidh gu gach biadh. Dh’innseadh bratach dhaibh ’cuin a bhiodh am biadh deiseil. Bha searbhadair shoithichean, no pios aodaich air chor-eigin eile ga cheangal ri bàrr slait chreagaich fhada, agus rachadh duine leatha chun an tobhta, no eadhon suas gu mullach an tigh dhuibh ga cumail suas riu. ’S e urram mór a bhiodh ann do’n ghille a gheibheadh suas leis a’ bhrataich so, ach b’e a dhleasdanas airson na duais so an teine a fhrithealadh is gun a leigeil as, agus e bhith cinnteach gum biodh pailteas do uisge na tobrach ri laimh a’ chòcaire. Cuideachd, air an la so, bhiodh mìlsean ann, gu h-àraidh silidh, agus as docha lof, nithean a bha gle annasach roimh am a’ cheud chogaidh mhóir. Bhiodh cuid de thighean ann is cha bhiodh so aca, agus a chionn sin bhiodh e duilich dhaibhsan òigridh fhaighinn do’n sgiobadh aca. Bhiodh iad so aig amannan air an aoireadh ann an rabhd: ’An Dhomhnuill ’s cha bhi silidh ac’ / ’S cha bhith [sic] càil milis ac’, / ’S mise nach teid idir thuc’ / A dh’ithe bioraich shioman. Agus a ris: Bhuain dhan Donnach cha teid sinne, / So a bheir an Donnach dhuinn, / Buntàt’ athurrnach gus ithe, / Teatha gun shiùcar, ’s brochan lom; / Rionnaich ruadh’ thug bliadhn’ am piceil, / ’S bidh sinn seachdain le ar com. Nuair a rachadh la a shuidheachadh gu buain ’se la nan seachd sian a bheireadh orra an la sin a bhristeadh, agus bhiodh iad ’nam botunnan ’s nan oiliscin anns na puill. Cha chuireadh uisge stad idir orra, ach chuireadh sneachd. Bhiodh iad a’ buain na monach na bu tràithe aig an am ud is aig iasgairean agus aig clannighean an sgadain togail orra a Ghallaibh, a Shealtuinn is dhan a’ Bhruaich is bhiodh iad airson obair an fhearainn is na monach a bhith ullamh mas fhàgadh iad. An diugh chan eil a’ chabhaig cho mor, agus an diugh tha tentaichean an cois luchd na monach, eadhon ann an cridhe an t-samhraidh far an ruith iad ma thig fras. Faic ‘An Sireadh’ le Ciorstai NicLeòid as Paible an Rudha. T.D. 7-8 ‘Buain na Monadh’.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
bratach
covering, e.g. Tha bratach de shneachd air a bheinn. There is a covering of snow on the ben.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous

^ Return To Top ^