Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 49 hits for tarraing

'a'
[= nuair] conj.’when’: tha cuimhne agamas 'a' bhiomaid a' tarraing sìos
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
A’ tarraing nan lion
’Se ‘Tarraing’ a chanas iad ri toirt air bòrd na lin so, ach ’se togail a chanas iad ri toirt air bòrd lin bheaga is lin mhóra.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Ceangal nan calpan
Tha na calpan a ghearr thu mach aig do chasan. Tomhais an nis an t-sreang as an tug thu an toinneamh a mach ’na h-aitheannan [?]. Ni thu sin le cur tarsainn do bhroilleach a’ tarraing do ghàirdeanan pios gu do chulthaobh. Aig ceann gach aitheamh ceangail calpa snòta le snaim carcair (Clove Hitch) ga theannachadh gus nach ruith e sios an druim. Gheibh thu da fhichead calp ’sa h-ochd deug air tha an t-sreang le na calpan ’na cnap aig do chasan.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Modarach
’S ann an Nis a tha an t-ainm so. Tha e mu leth meud murtair is air an aon chumadh le sia dubhanan lin mhóra. Tha e so freagarrach gu bhith glacadh na leth bhodach ruadha as t-earrach. Chan eil biadhadh ga chur air modarach no air murtair. Tha iad air an tarraing as deidh an eathair, no air an oibreachadh sios as suas a mach air cliathaich an eathair. Tha an glensa a tha as an luaidhe a’ tarraing an éisg thuca is tha na dubhain a’ dol an sàs.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Spring-rope
An ròpa tiugh trom a tha cumail na lin comhnard anns a’ mhuir. Anns an tarraing tha an càbull so a’ dol mu cheapsun is tha an còcaire ga chuibhligeadh gu cothromach do tholl anns an dec faisg air an toiseach. Is e so as coireach gur e cuibhleir a theirte ris a’ chòcaire. Tha na stopairean air am fosgladh bhon spring-rope anns an tarraing ach chan eil na buidhe-ropan air am fosgladh bho na lin.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Tarraing
Away you go.
Origin: Tiree
Category: Crodh / Cattle
Tarraing breac
Sgadan an sud ’san so air feadh nan lion.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Tarraing dubh
Sin tarraing nan lion mar a chaidh iad a mach gun lann annta.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Tarraing geal
Shota math.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Togail nan lion
Tha na lin air an tarraing dhan an toll. Ma bhios sgadan annta tha na h-iasgairean air an t-slighe gu port dhan togail as an toll gu dec is a’ crathadh an sgadain nach do chrath iad asda dhan tarraing dhan na tuill fo’n dec agus fo àrd ùrlar an tuill. Mar a bi sgadan aca cha tog iad na lin gu ruig iad port. Bidh na lin air an dec gus an teid an sgadan a chur a mach.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Toinneamh nan calp
Faodaidh tu so a dheanamh a muigh ach tha e na’s goireasaiche a dheanamh a stigh, gu h-àraidh ma tha ulag an lin sgadanaich fhathast crochaid. Cuir ceann an droma troimh’n ulag is tarraing còrr is leth aitheamh troimphe, is ceangail ri tarag e dluth don ulaig a’ fagail a’ chinn slaoidte sios fo’n taraig.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[biadh sgiobadh]
A’ deanamh a chruinneachaidh so thàinig bruidhinn againn air mar a bha facail a’ dol an ceann a cheile mar ‘afoin’ is ‘aflar’, agus thuirt aon gu robh aige fhein mun tairsgeir aon bhliadhna Douilian Dhomhnuill Alasdair Dhoiligean agus Iain Beag ’An Iain ’An Anaigean, agus gum b’e Iachaoil a bha leagail nan rùsg. B’e sin Domhnull Iain Dhomhnuill Alasdair Dhomhnuill Mhic Iain agus Iain Beag Iain Iain Iain Iain Mhic Iain, agus Iain Caol ri leagail. Thàinig tarraing againn cuideachd air biadh sgiobadh. An diugh ’se an ‘Duff’ a tha ri riaghladh. Thuirt fear – Lewis Moireach – gu robh ‘An Uallach a Cros aon bhliadhna is nach ruigeadh e air ceannachd ach aon lof airson sgiobadh ghillean. Bha pailteas buntàta aige dhaibh, ach bha e air a chur thuige ciamar a gheibheadh e air aon lof a roinn eadar na bha sud. Mu dheireadh thuirt e riu, “Suidibh, a bhalachaibh, ithibh; Am fear as motha a dh’itheas do bhuntàta, ’se as motha a gheibh dhan an lof.”
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
[lion beag]
Tha an lion beag, a tha air a réiteach a cheana, air a dhòirteadh ’na chnap ri do chois chli. Suidh air stòl, no air an lar leis an sguil fhalamh eadar do dha chois. (Tha seir car àrd is trom air do dhruim.) Tarraing earball an lin bhig tarsainn air do shliasaid chli, is cuir a mach tarsainn air oisean màs na sguile e gus am bi e deiseil gus a cheangal ri lion beag eile aig am cura. Tha druim an lin-bhig a nise ga chuibhligeadh do bhroinn no mhionnach na sguile gus an tig thu chun a’ cheud snòta. Tha biadhadh ga chur air an dubhan, is tha an dubhan leis a bhiadhadh so ga chur ’na laighe ri cliathaich na sguile gu do laimh chli far am bheil broinn agus beul na sguile a’ coinneachadh, is tha thu gabhail air t-adhart a leigeil gach dubhan le biadhadh taobh ri taobh gus an ruig thu taobh eile na sguile is bidh sreath deiseil. Tha thu a’ tilleadh gu do laimh chli leis an dara sreath is leis gach sreath eile gus am bi an lion air a bhiadhadh gu h-iomlan. Nuair a theid an dubhan mu dheireadh a bhiadhadh tha thu ceangal earball (no cluas) an lin bhig ri cluais na sguile – ris a chluais dheis – oir ’se ise a bhios na’s fhaisge air an fhear cura anns an eathar. Cuiridh thu a nise an sgùil air a bhalla tarsainn no air an tobhta gus am bi thu deas gu falbh leatha, ach fiach gun cuir thu t-oiliscin no comhdach sam bith eile air a bhiadhadh anns an sguil air an neo ’se cait a’ bhaile a bhios tu a’ sgròbadh dheth mus fhaic e an fhairge.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[slide feòir]
rig lifter (flat wooden slide). Mu naoi traighean (troighean) a dh’fhad agus sia traighean (troighean) a liad. Bha “trims” ann mar gum biodh air cairt, agus dà roth bheag. Air a tarraing le each.
Origin: Tiree
Category: Àiteach / Agriculture
[tarraing]
Tha an t-am agam bhi tarruing. Time to be moving.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[tarraing]
Cuir tarruing air. Put an extracting plaster on it.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
a tarraing na feamann
Transporting seaweed.
Category: Àiteach / Agriculture
an tarraing
a chain that tied the harrow to the swingle trees.
Location: North Uist, Iollaraigh [Illeray]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
an tarraing (tarraing a’ chruinn)
the part to which main swingle tree is attached.
Origin: Tiree
Category: Àiteach / Agriculture
anail
nn f. ‘breath’: ‘s e a’ tarraing ‘ analach
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
a’ tarraing
hauling.
Location: Eriskay, Na Hann [Haun]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
a’ tarraing feamainn
Transporting seaweed.
Category: Àiteach / Agriculture
a’ tarraing na mòna
Origin: Camaschros an sgìre Shléite san Eilean Sgitheanach [Skye, Camus Chroise]
Category: Mòine / Peat-Working
bacstoc
informant not sure of meaning but quotes from a song – “Tha do bhàt air a’ bhacstoc, air a tarraing ’s an t-sìoban.”
Location: South Uist, South Lochboisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cromag tarraing
hooks on harness. [NOTES: originally ‘tarruing’.]
Location: [Lewis], Stornoway
Category: Uidheamachd Eich / Horse Harness
falbh
Quotation: Fhalbh’s tarraing! [hɑɫɑst̪ɑriɡʹ]. Notes: e.g. when someone asks one to do something and one is not going to entertain the request. “Fhalbh’s tarraing! Dean fhéin e!” Or when someone tries to put something across that one doesn’t believe. More or less the equivalent of “You’re joking!”
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
feur-tarraing
Notes: teazed hay, used for roofing the sìg. Not in Dw.
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
inneal-tarraing
Quotation: Chan eil an t-inneal-tarraing aice. Notes: She has no sex-appeal. Dw. has inneal-tarruing, but only in the sense of ‘capstan’.
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lunnan
cur fo’n an eathar ’na tarraing.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
min
n. ‘dust; powder’: bha sin a’ tarraing suas fiodh mineadh, fad a’ gheamhraidh; ~ sàibh
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
muileann
Quotation: A h-uile duine a tarraing uisge dha mhuileann fhéin. Notes: every man for himself.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sineachan tarraing
parts on back sides. [NOTES: originally ‘tarruing’.]
Location: [Lewis], Stornoway
Category: Uidheamachd Eich / Horse Harness
smuiseal (m), smuisealan (pl)
hooking device between “druim a’ chruinn” [q.v.] and “an tarraing” [q.v.].
Origin: Tiree
Category: Àiteach / Agriculture
tarrain
(also) recede. (Scalpay pronunciation) Nach anns a’ mhuir a th’an [sic] tarrain. [NOTES: slipped under ‘tarraing’. Quotation: Nach ann anns a’ mhuir a tha ’n tarraing. Definition: ‘Swell’ in the sea.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
[t̪ɔriɡʹ] Notes: pull.
Location: Achlyness
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
Quotation: Fhalbh’s tarraing [hɑɫɑst̪ɑriɡʹ]. Notes: e.g. When someone asks one to do something and one is not going to entertain the request. “Fhalbh’s tarraing! Dean fhéin e!” Or when someone tries to put something across that one doesn’t believe. More or less the equivalent of “You’re joking!”
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
hauling a creel.
Location: Harris, Sgarastamhor
Category: Iasgach a’ Ghiomaich / Lobster-Fishing
tarraing
Quotation: an tarraing air éigin. Notes: root of tough grass or weed growing in the peat. Tough in April/May. Not so bad in March.
Location: Islay, Bowmore
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
[t̪ɑrĩnʹ] Quotation: tarraing chudainnean; a’ cur a mach tarraing. Notes: a fine-meshed net that was put out when the tide was in, trapping young saithe when the tide ebbed.
Location: Coll, Sorrisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
nn ‘drag, pull’ : vbl nn: ~ am fear a bha ‘ ~ an tàilleir air a mhuin;‘agree’: cha bhiodh iad ’ ~ còmhladh idir; iad fhèin ‘s an Sasannach a’ ~ còmhla idir [iʧəŕə] [+ epenth ə]; ‘draw, design’; ‘mention’: innsidh mise dhuibhse bhon thug sibh ~ air tha mi cinnteach gu bheil iad a’ ~ dhealbhannan
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
tarraing
vb. ‘draw’: VBL. N.: bha i ’ ~ na meirg’ a-staigh anns an fhiodh
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
tarraing
Quotation: an tarraing. Notes: the chain from the main swingle tree to the plough.
Origin: Islay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
Quotation: a’ tarraing nan iomairean. Notes: making ridges. Originally done with a spade.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
Quotation: Tha tarraing a tighinn a stigh as a chuan. Notes: ground swell at sea. A ground swell coming in indicated a change of weather.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
Quotation: tarraing an uinneag. Notes: loop attached to bottom of window for lifting it.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
Quot.: “Tha i a’ tarraing oirre.” Note: The clouds are gathering – it’s going to rain.
Origin: Ness
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing
[t̪ɑriɡʹ] Quot.: Tha e a’ tòiseachadh a’ tarraing air. Note: referring to something beginning to go bad or to rot.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing air a’ mhuir
the roaring of the sea with a white foamy surface. Signified wind after rain.
Location: South Uist, West Kilbride
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tarraing mhór air a’ làn
this refers to the tide rolling up the shore and rushing out again. The extent of the ‘tarraing’ is measured by how far the sea rolls up the shore.
Location: South Uist, Bornish
Category: Measgaichte / Miscellaneous

^ Return To Top ^