Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 17 hits for sìol

Siol-Ghall
[sic] “ – he whose parents were Highland on the one side and Lowland on the other – was called Sìol Ghall.” (page 271)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[saoidhean]
Na meudan ann an saoidhean. 1. An sìol. 2. Cudaig. 3. Smalag 4. Leth-shaoidhean. 5. Dubh-shaoidhean. 6. Ucas. Ugsa.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[siol-ghainmheach / sìol-ghainmheach]
Chunnaic mi am prògram “A Boy in Harris” air an T.V. an oidhche roimhe, agus chòrd e rium. (…) Ach a nise gu aon nì anns a’ phrògram do’n d’thug mi an aire – marbhadh nan siol, no glacadh nan siol (an t-siol-ghainmheach mar a chanas sinn) leis a’ chorran anns an tràigh. Obh, obh is iomadh ceud a ghlac an làmh a tha sgrìobhadh na litreach-sa. Anns an Fhadhail Mhóir aig Crabhlastadh, an Sgìr Uige againn fhìn, ann an Leòdhas. Am boirionnach Hearach a’ sgrìobadh leis a’ chorran anns an tràigh (air an tràigh thioraim). Chuala mi iad a’ deanamh nì de’n t-seòrsa-sa a ghlacadh na sìl air Na Ceithir Peighinn Deug an ceann shìos na Sgìre againn fhìn (Uig Leòdhais) a’ sgrìobadh le croman, no le hoe, air an tràigh thioraim. Cha’n fhaca mi a leithid shuas againn fhìn a riamh. Nì ach an corran anns an fhadhail. Bha an corran shìol air a dheanamh de’n chorran mhór. Bha an gob far an robh e dol na bu doimhne na bhith réidh ris an làimh, air a ghearradh dheth, agus am faobhar air a mhadadh gus nach gearradh e na sìolan mar a ghlacaist iad. Bhiodh cuid a’ toirt seòrsa de dh’fhiaclan anns a’ chorran shìol. Chunnaic mi a dhà dhiubh seo (corrain shiol) nuair a bha mi shuas aig an tigh air an t-samhradh-sa fhéin. Bidh cuimhne agaibh gu robh corran eile aig na bodaich: corran-speal. Bha e mar seo: [see third illustration below]. Is e arm eagalach a bha seo. Bha cùl air an iarunn aige mar air iarunn na speala agus bhiodh sibh ga ghleusadh le cloich-speal. Bha e mór seach corran cumanta. Seo a nise mar a bhithist a’ glacadh nan sìol leis a’ chorran-shiol anns an Fhadhail Mhóir shuas aig Crabhlastadh, ann an Uig Leòdhais. A’ tòiseachadh ann an seo [i.e. àite tòiseachaidh in the illustration] agus a’ gabhail air aghaidh. Bha peile-mór ceangailte le sreing ri do mheadhon. Peile-mór a’ cheàird no peile suinc. No peile-caol a’ cheàird (chan eil easan a’ dol an diugh idir). Bha thu a’ tòiseachadh na sgrìoba mar bu trice thugad. An uair sin a’ tionndadh a’ chorrain agus a’ toirt na sgrìoba bhuat. Mar sin a’ gabhail air d’adhart gu’n tachradh sìol riut. No beathach beag neimheil eile. Biast na Fadhlach, mar a chanas fear Chrabhlastaidh rithe. Iasg beag airgiodach ann an dath ’s an sgeilm, agus gathan neimheil innte. An stangaran a tha mi an dùil a chanas an Hearach rithe. (Ri siol air leth mór canaidh sinne an Uig gobag rithe. Dé a chanas an Hearach chan eil fhios agam.) Ma bhios tu airson cuideachadh air glacadh nan siol a shealltuinn uair sam bith, cha dean e deifir foighneachd mu an chùis do Mhurchadh. Bha Murchadh ris an obair sin mu na siolan bho bha e òg ’s a’ dol do an sgoil gus an a dh’fhàs e ’na dhuine agus a’ dol leis an lìon-bheag. (Siol as fheàrr airson cnòdan, agus là grianach nach bi ro fhuar. Is e luga as fheàrr airson na h-adaige. Sin gliocas agus léirsinn nam bodach a bha sean nuair a bha Murchadh òg.) Cha chanainn gu bheil móran lìon-bhig ’ga dheanamh ri cladaichean na Hearadh an diugh. Is e glé bheag dheth a tha ri cladaichean Uige an diugh mar an ceudna. Tha sabhs air na siolan air leth math, cuideachd. Agus tha iad air leth blasda mar bhiadh, agus air leth tacmhor. Cha tig acras air duine air luathair [?] as déidh feed de na siolan. A thaobh sealladh air lìonmhorachd, cha chreid mi nach e sealladh air an t-sil-ghainmhich anns a’ bhàgh againn fhín (Camus Uige) a dhleasas a’ cheud àite. Cia mheud mìle, no cia mheud muillion dhiubh seo a bh’ann? Agus faoileag is biorach air am muin [?], as an déidh, gu’n robh iad a’ leum ’nan sgaothan as an uisge, airson teàrnaidh, ged nach bu mhór an ciall. Bha dùil ’am gu robh bleideagan an t-sneachda ann an lìonmhorachd gu leòir. Bha dùil agam sin, gus an siod. Is iomadh rud a chì am fear a bhios air an dùthaich nach fhaic fear a’ chabhsair luim! Dà nì a chunnaic mi-fhín le mo shùilean aig sìol ’ga dheanamh: Chunnaic mi siol (te mhath mhór) a’ snàmh cho neo-lochdach, ma b’fhior, am measg cliath de chudaigean òga (siol chudaig) agus an uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhiodh na creutaran bochda, bheireadh i tè as agus dh’itheadh i i. A rithist, uair eile, chunnaic mi sìol a’ gabhail na h-ite a bhiodh againn ag iola (fly-fishing). Sin agad ma tha na rudan a chì duine nuair a bhios e muigh, agus a shùilean fosgailte.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sìol]
Sioll na mearleach a shean, o shean. When something is passed on in families, in this case an unworthy distinction. [NOTES: ‘sioll’ corrected to ‘sìol’.]
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sìol]
An t-sìol-ghainbheach – sand eel. An t-sìol-sgadain – white bait. Chanadh iad seo airson eadar-dhealachadh a chur eadar na dhà.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
beannaich
:vbl nn ‘bless’:bha an sagart a’ beannachadh an t-sìl; Dia gad bheannachadh!; tha mi ‘ smuaineachadh gur ann an St Ninian a chaidh __ a bhiodh iad ri bush, a chaidh an t-uisge coisreactha ud a bheannachadh; thàinig latha beannachadh an t-sìl; nn.cuiridh mise beannachadh air leth air an t-sìol; vbl adj. beannaichte: chunnaic e an Crìostaidh ~, maighstir Dùghall; bhruidhinn e gu ~te [pjɔn̪iʧə] riutha-s’
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
corran-shìol
Bha corran-shìol airson a bhith a’ glacadh shìolan (sìol ghainmheach) air na tràghannan. ’Se corran-buain a bhiodh ann agus e air a ghearradh beag mar a chì sibh shuas agus fiaclan maola air an toirt ann airson gréim. Bha faobhar a’ chorrain air a mhaoladh – nam biodh e geur, ghearradh e na sìolan.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Leabhar Deilbh / Drawing Book
criathar (m), criathair (pl)
deeper than “fasganadh” [q.v.] – c. 4" and with a perforated sheepskin bottom (done with a red hot knitting needle or ‘dealg’). Airson fras a’ sgeallain a chur as an t-sìol. (Wild mustard – finer than oats or barley.)
Origin: Tiree
Category: Àiteach / Agriculture
moll
còmhdach as fhaide a-muigh air an t-sìol.
Origin: [Barra]
Category: Àiteach / Agriculture
sanndagan
sand-eels (sìol).
Category: Measgaichte / Miscellaneous
siol-nan-cearc
hen feeding grain. [NOTES: slipped under ‘sìol’ with ‘sìol nan cearc’ as the quotation. Definition: Grain for feeding hens.]
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sìol
Notes: minnows.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sìol
Notes: seòrsa éisg. Young of ‘saoidhean’?
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sìol
Quotation: breac an t-sìl. Notes: wagtail.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sìol, cabhag sìl
[kafa̟ɡʃi:lʹ] 26 [Anchovy].
Location: Mull [see below for details]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sìol-caol
Notes: lighter seed. “Seconds” when winnowing.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sìol-dubh
plancton.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous

^ Return To Top ^