Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 7 hits for srann

[Seanfhacal 20]
A’ chuileag a thig as an òtrach ’si ’s airde srann.
Location: North Uist, Carinish, Cnoc Cuidhein [Knockquien]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[eathar]
Bha Leòdhasach uaireigin a’ deanamh bàrdachd do dh’eathar a bh’aige: “Thug mi maorach as an tràigh, / ’S chaidh mi rithist cuairt gu sàl / Leis a’ mhaighdinn nach d’thug fuath dhomh, / Com na h-uaisleachd, m’eathar bàn.” Cuideigin eile bha rann aige mu eathar mar seo: “Seòl slàn ach dà cheann a’ cur dol oirr’, ’s i bocadh a toisich gu ’sùilean. A’ leum air na tonnan ’s ’gam bualadh, is smùid bharr a gualainn tighinn drùidhteach. A cnagan a’ riochadh na mara, agus sliasaid an fhasgaidh cur sùgh dhith. Le seann sgiobair liath air an fhalmadair, ’s goil agus corraghoil mu’n stiùir aic’.” Nach biodh e math a bhith ann an tè fhathast agus srann aice fo a cuid aodaich!
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[srann]
Srann aige a chuireadh na h-eich as a’ choirce. – Snoring like anything.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sìoda]
Srann aice ’n a cuid sìoda. – Richly dressed in silk.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceàrd-fhiullan
[cɑ:ʴd̠iu̜ɫɑ̃ṉ] Notes: a brown insect with a hard body found on dungheaps. Has a “srann”. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.]
Location: Raasay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
srann
snore, buzz.
Location: Na Hearadh [Harris], Horgabost
Category: Faireachdain / Senses
sùnsal
Srann làidir aig an anail a mach ’s a steach mu an t-sròin (aig duine) mar a chunnaic sibh aig cuid. “Tarmod a nuas an rathad agus sùnsal aige mar a b’àbhaist.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous

^ Return To Top ^