Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 12 hits for leigheas

[bocadh an éisg]
Agus an leigheas airson bocadh an éisg: “Naoi naoidheannan de bhàirnich mhóra nan Eileanan Glannach.” (iad seo ithe) 9 x 9 = 81 bàirneach. (Thug mi seo seachad ann am pàipear roimhe air a’ bhliadhna.)
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
[bròn]
Chan eil bròn air talamh nach dean neamh a leigheas.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bàirneach]
An leigheas a bh’aig seann mhuinntir Uig an Iar againne air bòcadh an éisg. Naoi naoidheannan de bhàirnich mhóra nan Eileanan Flannach ithe. Bha bodach anns a’ bhaile againne – chaochail e ann an earrach 1934 – agus cha b’urrainn e iasg á fairge ithe ach a’ bhiorach (dogfish). Bha iad ’ga bhòcadh. Chan aithne dhomh gu’n d’fheuch e an seann leigheas a riamh. Có dhiù bha miann a chridhe aige air na h-éisg, agus nach b’urrainn dha blasad orra. Gnothach duilich.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[tinneas-thuiteamach]
Tha cuimhne agam gu robh aice (aig “Cliomag” [i.e. “a bhanacheard aig Drochaid [?]] – ’s e ise a bha deanamh na bruidhne) leigheas airson an tinneis-thuiteamaich. B’e sin claigionn duine mhairbh a thogail as a’ chladh, agus trì làn a chlaiginn de bhùirn a thoirt air an duine easlainteach òl. (3, 5, no an è 9 a bh’ann, chan eil mi cinnteach. 1937 a bh’ann, tha mi smaoineachadh.)
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cumachd-leigheas
healing power.
Location: Harris, Scalpay
Category: Blàthan-Leighis / Medicinal Plants
feamainn chìoran, feamainn chìreadh
channel wrack (Pelvetia canaliculata). Even spongier than caraichein [sic – caraichdein above] [q.v]. Dorcha-buidhe. Bha iad ’ga truisneachadh airson leigheas crodh air an robh tart. Gheobhadh tu i air na creagan mar a bha an làn ìseal.
Origin: Tiree
Category: Àiteach / Agriculture
leigheas
n. ‘healing’: tobar-~ shuas anns a’ Phon’ Mhòr
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
leigheas
[lʹɛvəs] Note: healing.
Origin: Stockinish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
leigheas cuartach
healing by passing a child through hoop of fire.
Location: Skye
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lòinne
nn ‘rheumatism’ : tha leigheas air an ~
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
sìoman-ceàrr
Sìoman air a shnìomh le duine air an làimh cheàrr, gu a thaobh fhéin mar a shnìomhadh duine air an làimh dheis sìoman chun an taobh eile – gu a thaobh fhéin. Mar: na duail gu deas [see illustration]; na duail gu clì [see illustration]. Nuair a bhiodh an aibideil (galair) air a’ chrodh b’e siod an leigheas a bh’aig na bodaich air: sìoman-ceàrr.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
òla leigheas
balsam. [NOTES: ‘òla’ corrected to ‘ola’.]
Location: South Uist, South Glendale
Category: Measgaichte / Miscellaneous

^ Return To Top ^