Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 46 hits for cuimhne

'a'
[= nuair] conj.’when’: tha cuimhne agamas 'a' bhiomaid a' tarraing sìos
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
Togail nan comharraidhean
Nuair a bhuaileas a chruaidh tha na comhraidhean gan togail. B’ann nuair a bhiodh iad a’ cur aig airde a bhiodh iad a’ cumail cuimhne air comharraidhean grunn iasgaich. Faisg air tir ’se na comharraidhean a dh’fheumadh tu a sheachnadh bu tric a chluinneadh tu, is bhiodh iad mar rann bàrdachd ‘Cnoc an teine air Mùirneag is Seonaid air an t-Sìthean’ – comharradh Bogha bàgh Phort Mhallair.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[bréid na bròige]
Cho dubh ri bréid na bròige. – Soiled black. Bhiodh bréid aodaich anns na brògan, uaireigin. Tha cuimhne agam fhin a fhaicinn.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cuimhne]
Bhrùchd cuimhne mar thuil. Memory burst forth like a flood.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cuimhne]
A reir cuimhne dhomhsa. To the best of my recollection.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cuimhne]
A reir cuimhne dhomhsa. To the best of my recollection.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cuimhne]
“Seachd bliadhna an cuimhne bà, ’s gu là a bhàis an cuimhne an eich.” – arsa an ceàrd.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cuisil]
artery or vein. Cho fada ’s a tha cuimhne agam-sa, ’se an aon rud a th’againn airson na dhà: cuisil. (Chan e ‘cuisle’ a th’againne idir.) (Cuisil, fuaimnich e: cuisill.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
[geimeannan]
A’ h-uile gin de na geimeannan (no cluicheannan) a thog mi an seo shuas, cho fada agus a tha lorg agam, tha iad air an aon stéidh. Cha mhath tha cuimhne agam an diugh, gu mionaideach dé mar a bha iad a’ dol. Geimeannan am measg nan curracagan, abair sin. Gu leòir, agus feadhainn a bhiodh sinn fhìn a’ deanamh, a thuilleadh air feadhainn shuidhichte bho shean, mar falach-fead (bìog falach fead a bh’againne air.) Cha b’ann a’ fàs ’s a’ fàs na b’àirde chun an adhair a bhiodh na curracagan idir mar a bhiodh na làithean agus na h-oidhcheannan a’ dol seachad. Agus abair nach b’ann!
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
[is ann a chara]
Cho fada agus a tha cuimhne agam, chanadh Jessag “Is ann a chara…” airson “Is ann a chàidh…”.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[note]
Chan fhaca mi dad de’n t-seòrsa a riamh cho fada ’s a tha cuimhne agam.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
[note]
(...) seo agad cuid eile de fhaclan a’ chur mi sios air an duilleag sin, air an teachd do mo cuimhne [sic] o chionn beagan seachainnean air ais o’n t-àm mu dheireadh a scriobh mi thugad.
Origin: [Inverness-shire, Nethy Bridge]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[note]
Tha an uine cho fada bho an bha mise ris an obair so, is nach ’eil cuimhne agam air far leth-dusan facal, agus is iad sin, tha mi cinnteach, bithidh agaibh mu thràth. Boyd. Bagh-a-Chaisteil.
Origin: [North Uist - according to the card index of Informants]
Category: Mòine / Peat-Working
[rodaigeadh]
Chan eil cuimhne agam a riamh mi fhìn an obair-sa a dheanamh, ach ’s ann mar siod a bhà cho fad agus a tha lorg agam-sa. Nì àrraid eile, chan fhaca mi a riamh poll air a rodaigeadh. Agus mi air mo bhreith ’s air m’ àrach ann an saoghal na monach.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
[siol-ghainmheach / sìol-ghainmheach]
Chunnaic mi am prògram “A Boy in Harris” air an T.V. an oidhche roimhe, agus chòrd e rium. (…) Ach a nise gu aon nì anns a’ phrògram do’n d’thug mi an aire – marbhadh nan siol, no glacadh nan siol (an t-siol-ghainmheach mar a chanas sinn) leis a’ chorran anns an tràigh. Obh, obh is iomadh ceud a ghlac an làmh a tha sgrìobhadh na litreach-sa. Anns an Fhadhail Mhóir aig Crabhlastadh, an Sgìr Uige againn fhìn, ann an Leòdhas. Am boirionnach Hearach a’ sgrìobadh leis a’ chorran anns an tràigh (air an tràigh thioraim). Chuala mi iad a’ deanamh nì de’n t-seòrsa-sa a ghlacadh na sìl air Na Ceithir Peighinn Deug an ceann shìos na Sgìre againn fhìn (Uig Leòdhais) a’ sgrìobadh le croman, no le hoe, air an tràigh thioraim. Cha’n fhaca mi a leithid shuas againn fhìn a riamh. Nì ach an corran anns an fhadhail. Bha an corran shìol air a dheanamh de’n chorran mhór. Bha an gob far an robh e dol na bu doimhne na bhith réidh ris an làimh, air a ghearradh dheth, agus am faobhar air a mhadadh gus nach gearradh e na sìolan mar a ghlacaist iad. Bhiodh cuid a’ toirt seòrsa de dh’fhiaclan anns a’ chorran shìol. Chunnaic mi a dhà dhiubh seo (corrain shiol) nuair a bha mi shuas aig an tigh air an t-samhradh-sa fhéin. Bidh cuimhne agaibh gu robh corran eile aig na bodaich: corran-speal. Bha e mar seo: [see third illustration below]. Is e arm eagalach a bha seo. Bha cùl air an iarunn aige mar air iarunn na speala agus bhiodh sibh ga ghleusadh le cloich-speal. Bha e mór seach corran cumanta. Seo a nise mar a bhithist a’ glacadh nan sìol leis a’ chorran-shiol anns an Fhadhail Mhóir shuas aig Crabhlastadh, ann an Uig Leòdhais. A’ tòiseachadh ann an seo [i.e. àite tòiseachaidh in the illustration] agus a’ gabhail air aghaidh. Bha peile-mór ceangailte le sreing ri do mheadhon. Peile-mór a’ cheàird no peile suinc. No peile-caol a’ cheàird (chan eil easan a’ dol an diugh idir). Bha thu a’ tòiseachadh na sgrìoba mar bu trice thugad. An uair sin a’ tionndadh a’ chorrain agus a’ toirt na sgrìoba bhuat. Mar sin a’ gabhail air d’adhart gu’n tachradh sìol riut. No beathach beag neimheil eile. Biast na Fadhlach, mar a chanas fear Chrabhlastaidh rithe. Iasg beag airgiodach ann an dath ’s an sgeilm, agus gathan neimheil innte. An stangaran a tha mi an dùil a chanas an Hearach rithe. (Ri siol air leth mór canaidh sinne an Uig gobag rithe. Dé a chanas an Hearach chan eil fhios agam.) Ma bhios tu airson cuideachadh air glacadh nan siol a shealltuinn uair sam bith, cha dean e deifir foighneachd mu an chùis do Mhurchadh. Bha Murchadh ris an obair sin mu na siolan bho bha e òg ’s a’ dol do an sgoil gus an a dh’fhàs e ’na dhuine agus a’ dol leis an lìon-bheag. (Siol as fheàrr airson cnòdan, agus là grianach nach bi ro fhuar. Is e luga as fheàrr airson na h-adaige. Sin gliocas agus léirsinn nam bodach a bha sean nuair a bha Murchadh òg.) Cha chanainn gu bheil móran lìon-bhig ’ga dheanamh ri cladaichean na Hearadh an diugh. Is e glé bheag dheth a tha ri cladaichean Uige an diugh mar an ceudna. Tha sabhs air na siolan air leth math, cuideachd. Agus tha iad air leth blasda mar bhiadh, agus air leth tacmhor. Cha tig acras air duine air luathair [?] as déidh feed de na siolan. A thaobh sealladh air lìonmhorachd, cha chreid mi nach e sealladh air an t-sil-ghainmhich anns a’ bhàgh againn fhín (Camus Uige) a dhleasas a’ cheud àite. Cia mheud mìle, no cia mheud muillion dhiubh seo a bh’ann? Agus faoileag is biorach air am muin [?], as an déidh, gu’n robh iad a’ leum ’nan sgaothan as an uisge, airson teàrnaidh, ged nach bu mhór an ciall. Bha dùil ’am gu robh bleideagan an t-sneachda ann an lìonmhorachd gu leòir. Bha dùil agam sin, gus an siod. Is iomadh rud a chì am fear a bhios air an dùthaich nach fhaic fear a’ chabhsair luim! Dà nì a chunnaic mi-fhín le mo shùilean aig sìol ’ga dheanamh: Chunnaic mi siol (te mhath mhór) a’ snàmh cho neo-lochdach, ma b’fhior, am measg cliath de chudaigean òga (siol chudaig) agus an uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhiodh na creutaran bochda, bheireadh i tè as agus dh’itheadh i i. A rithist, uair eile, chunnaic mi sìol a’ gabhail na h-ite a bhiodh againn ag iola (fly-fishing). Sin agad ma tha na rudan a chì duine nuair a bhios e muigh, agus a shùilean fosgailte.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[tinneas-thuiteamach]
Tha cuimhne agam gu robh aice (aig “Cliomag” [i.e. “a bhanacheard aig Drochaid [?]] – ’s e ise a bha deanamh na bruidhne) leigheas airson an tinneis-thuiteamaich. B’e sin claigionn duine mhairbh a thogail as a’ chladh, agus trì làn a chlaiginn de bhùirn a thoirt air an duine easlainteach òl. (3, 5, no an è 9 a bh’ann, chan eil mi cinnteach. 1937 a bh’ann, tha mi smaoineachadh.)
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
a’ togail shrùpanan
Cho fada ’s a tha cuimhne agam, ’se seo a chanadh sinn mu thional na maoraich-sa. (Tha ‘maorach’ boirionn againn, ’s an àite-sa có dhiu, mar a thuit a mach bhuam an so shuas. Cha chanainn nach eil ‘maorach’ boirionn agus firionn againn mar a thionndaidheas a mach.) Tha ‘coilleag’ againn mar ainm annasach, no mar ainm litireil. Tearc air na bilean.
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
bachlabh (ba-chliabh)
B’e sin cliabh beag, an aona chumadh ri cliabh mór. Is ann airson duine òg a tha cuimhne agam-sa air bachlabh.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
bho
Quotation: Bho ’s cuimhne leamsa. Bho na tha cuimhne agams’… Notes: ever since I can remember. (Lewis – Bho ’s cuimhne leamsa.)
Location: Skye, Breakish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bho la
conj. ‘since : tha cuimhne agam fhìn air rudan ~ bha mi ceithir bliadhna
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
caolanan-gorma
Tha againn ‘caolanan-gorma’. ’Se seo na caolanan beaga mar a tha ‘an t-snàil’ airson a’ chaolain mhóir. Anns a’ bhoin, ’se na caolanan-gorma de’m bheilear a’ deanamh nan lùban-dubha. Agus de an chaolan mhór thatar a’ deanamh nan ìsbeanan. Cho fada ’s a tha cuimhne agam-sa, cha chan sinn caolanan-gorma uair sam bith mu chaolanan na bà.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
casan-ceangail
anns a’ bhalla. Bha iad crom aig a’ cheann shuas, eag mhath air a ghearradh annta far am freagradh ceann iosal a cheangail, air a chumail ann le da chrann daraich. Chan’eil cuimhne agam an ann air an taobh a muigh no stigh a bha an eag. Bha na croinn có dhiùbh a stigh. Is iomadh balach diomhain thug cnag orra.
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
cluiche air na putanan
Cho fada agus a tha cuimhne agam is ann faisg air an aon seòrsa a bha na trì cluicheannan-sa [i.e. cluiche air na putanan, cluiche air na clacha beaga and cluiche air na sgilligean]. Gun mhóran eadar-dhealachaidh, ma bha eadar-dhealachadh sam bith, ach anns na h-ainmeannan. Bhiodh sinn cuideachd ’g an dèanamh a muigh air a’ chùl le buachar tioram nan caorach as t-samhradh. (Airson ‘cùl’ agam-sa tha mi deanamh a mach gur h-e ‘cùl-cinn’ a th’aig Dòmhnall Iain (fear na Hearadh.) Feuchaibh e!)
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
crogais
Chan eil e idir againn. Ach tha ‘croga’ againn (mar ‘crog’ air t-d 275: ‘aged and effete ewe, sheep past bearing’. (Cho fada agus a tha cuimhne agam, ’se seo an seadh anns am bheil e againn.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
cuimhne
Quotation: Bho ’s cuimhne leamsa. Notes: Ever since I can remember.
Location: Skye, Breakish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cuimhne
Quotation: Bho na tha cuimhne agams’… Notes: Ever since I can remember. (Lewis – Bho ’s cuimhne leamsa.)
Location: Skye, Breakish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cuimhne
nn f. ‘memory, recollection’: cha tug mi ~ air riamh; leig mise às mo ch. e; bha beagan barrachd air, ach chaidh e às mo ch.; leig mi às mo ch. dealbh an eilein; le mo ch.-sa
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
cuimhne
n. ‘recollection’: chan eil gin do rhymes agam air ch.; tha òrain agam air ch.
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
cuimhne
Quotation: Bha mi a’ deanamh aithne gun chuimhn’ air. Notes: Knew his face but couldn’t place him.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
do’l
[nuair] conj. ‘when’: ~ a locraicheadh tu e; tha cuimhne agam-as ~ a bha giuthas an seo
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
falair (I)
(’Se “alair” a chanadh iadsan.) Bha an fhalair air sgur mus robh cuimhne aig m’ athair. Bha lorg aige air bodadh Uigeach a bha ag radh ri a mhac a’ dol a mach do an t-saoghal air a cheann fhéin a’ cheud uair, “A nise ma thig duine ort a thaobh athar no màthar, biodh mart na h-alair agad”. Bha cuimhne aig m’ athair uair no dhà nuair a bha e ’na dhuine òg, a bhìth aig tiodhlacadh agus biodh ’ga thoirt seachad.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Bàs is Adhlacadh / Death and Burial
feirmige
chan eil. Ach uaireannan, mu rùd nach biodh ’na rùd, chanadh iad rudeigin mar ‘feirmige’. ‘Seilmige’, cho fada ’s a tha cuimhne agam-sa a chanadh iad “Seilmige de rùd”.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
gnà-cuimhne
tradition.
Origin: [Strathglass]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
innleachd
n. tha cuimhne a’m nuair a thàinig a ~ an ùra(?)
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
loga (I)
Bha cuimhne aig m’athair a bhith toirt fiodh ciste-laighe as a’ logainn nuair a bhàsaicheadh duine. Agus sin leis an t-sàbh-mhór. Làithean cruaidhe bha siod! (As a’ logainn, mar a chanadh na bodaich. ’Se a chanas sinne an diugh as a’ loga. ’Se còmhradh nam bodach bu chearta.)
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ord-bhàirneach
Thug mi seachad seo ann am pàipear roimhe mar a bhios cuimhne agaibh.
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
pitchers
A’ cheud ghèim a tha cuimhne agam-sa riamh fhaicinn ’se ‘pitchers’. (’Se seo a th’aig na balaich mhóra air.) Is ann le leacan [?] freagarrach a bhiodh iad ag obair air. Roimhe ’n seo aig an fheadhainn a th’ann romhainn bha na peileastairean (‘Peilistearan’ aig Dwelly.) Bha an gèim-sa faisg air an aon seòrsa ri na pitcher-an aig na balaich. Mur a h-e an aona ghèim a th’ann! ’Se gèim de’n t-seòrsa-sa a’ cheud ghèim a tha lorg air a bhith anns na h-Eileanan Breatunnach.
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
poca
Is ann le poca a thòisich mise an toiseach air toirt na mòna dhachaidh, tarruing na mònach mar a chanadh sinn. As déidh a’ phoca bha thu tighinn chun a’ chléibh. Tha cuimhne agam air bachlaibh (ba-chliabh) fhaicinn. (Rugadh mi an 1911.)
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
rèiteach
n. ‘engagement party’: tha cuimhne a’m air an ~; oidhche anrèitich
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
sabh-mór
Sàbh-mór – Two-handed saw for use in a saw pit. (Dwelly) Sàbh-mór – Whip-saw. (MacLennan) Whip-saw – A narrow saw for dividing timber lengthwise, usually set in a frame and often worked by two persons. (Chamber’s Twentieth Century Dictionary, 1960) [NOTES: the following comment copied from Mr MacLeod’s letter of 29/04/1968] Chan eil fhios agam am biodh sàbh-mór aca ’ga oibreachadh anns a’ Chomraich. Có dhiù bhios cuimhne leibhse. Bha cuimhne aig m’athair a bhith toirt fiodh ciste-laighe as a’ logainn nuair a bhàsaicheadh duine. Agus sin leis an t-sàbh-mhór. Làithean cruaidhe bha siod. (As a’ logainn, mar a chanadh na bodaich. ’Se a chanas sinne an diugh as a’ loga. ’Se còmhradh nam bodach bu chearta. Loga (I).)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sìoladh
Chan eil fhios ’am am bheil agaibh sìoladh, air a chleachdadh mar seo: “Tha sìoladh de ghoirteas ’n am amhaich” dìreach mar a bha mi-fhìn air an t-seachdain a chaidh. Sìoladh de ghoirteas (an goirteas a bhith ann ach gun e bhith mór). ’S ann mu amhaich, cho fad ’s a tha cuimhne agam, a bhiodh sinn a’ cleachdadh sìoladh.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
thig
vb ‘come’ : fut.: ~ rud às cuimhne duine; thig e air car furasta; an tig agadsa air pìobaireachd no sian? ~ agad air dannsadh [MM]; ~ duine ’ro poidhle; cond.:feadhain … a bhiodh ‘ falbh còmh’ ri nigheanan ‘s ~eadh rud eadar-riutha; vbl nn: ‘succeed’: cha robh sian ‘ tighinn riutha
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
thoir
vb ‘give’ : past: cha tug e cuimhne riamh air an duine seo, gu robh e marbh
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
toban, tobanan (E)
Tufts of wool (airson feadhainn bheaga). Airson feadhainn mhóra chan eil cuimhne agam ach tha mi deanamh a mach gu robh ainm ann. (Feuchaibh a’ bhean-phosda Nic Neacail.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
tombaca (E)
Bha cuimhne fad as aig m’ athair (1860-1947) air an tombaca aig a’ chladh. [NOTES: slip not found.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Bàs is Adhlacadh / Death and Burial
òrgain
n. ‘organ’: tha cuimhne a’m nuair a thàinig a’ cheud ~ dhan eaglais
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List

^ Return To Top ^