Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 34 hits for Earrach

Brìghid
nn f. ‘St Brigid’: ‘s e Latha Brìghdeadh a bh’ aca air a’ cheud latha dhan earrach. ‘Thàinig Latha Brìghde: bheir sgìdein dhachaigh an connadh’ [FMM
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
Modarach
’S ann an Nis a tha an t-ainm so. Tha e mu leth meud murtair is air an aon chumadh le sia dubhanan lin mhóra. Tha e so freagarrach gu bhith glacadh na leth bhodach ruadha as t-earrach. Chan eil biadhadh ga chur air modarach no air murtair. Tha iad air an tarraing as deidh an eathair, no air an oibreachadh sios as suas a mach air cliathaich an eathair. Tha an glensa a tha as an luaidhe a’ tarraing an éisg thuca is tha na dubhain a’ dol an sàs.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Mogul
Tha da oirleach anns gach mogul anns gach lion ùr. Leis a’ chartadh agus leis cho tric is a bhios iad anns an fhairge tha gach mogul a’ fas na’s cuinge gach season, gus mu dheireadh cha bhith na lin so gu feum ann an iasgach an t-samhraidh. Bidh iad gan cur gu feum anns a’ gheamhradh agus as t-earrach gu glacadh sgadan beag na lochan. Tha cuid de na lochan cho salach le sgeirean is le bóghaichean is nach fhaigh na bàtaichean air ‘druftadh’ annta. Bidh iad mar sin a cur badan lion air acraichean annta aig tuiteam na h-oidhche is gan togail aig tighinn an la.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[Seanfhacal 64]
’S math creagan ’s an Fhoghar ach ’s fhearr sguab ’san Earrach.
Location: North Uist, Carinish, Cnoc Cuidhein [Knockquien]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bothag chearc]
Bha bothag chearc mu leth mhile bho’n taigh. An uair ’s gun robh an siol air chur ’san Earrach bha na cearcan ’gan cur chon na bothaig.
Origin: [Harris? – cf. ‘Taigh Croitear anns na Hearadh – an taigh anns an do rugadh mi.’]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
[bàirneach]
An leigheas a bh’aig seann mhuinntir Uig an Iar againne air bòcadh an éisg. Naoi naoidheannan de bhàirnich mhóra nan Eileanan Flannach ithe. Bha bodach anns a’ bhaile againne – chaochail e ann an earrach 1934 – agus cha b’urrainn e iasg á fairge ithe ach a’ bhiorach (dogfish). Bha iad ’ga bhòcadh. Chan aithne dhomh gu’n d’fheuch e an seann leigheas a riamh. Có dhiù bha miann a chridhe aige air na h-éisg, agus nach b’urrainn dha blasad orra. Gnothach duilich.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cnainnte]
Tha sìde gu math cnainnte. (tioram & fuar) (on ear-thuath as t-earrach)
Origin: [Barra]
Category: Sìde / Weather
[copag]
Chan fhaic e a’ chopag. – Cha bhith e beò nuair a thig a’ chopag as t-earrach.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[earrach]
Cruathag an earraich a’ tighinn air caoraich ’s gun bhiadh san talamh. Lack of pasture, grazing.
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[earrach]
“Mios faoillaich, naoi latha gearran, trì latha sguabaig, suas an t-earrach.” Used to herald the beginning of spring.
Category: Sìde / Weather
[earrach]
Ceann coin air maduinn earraich agus earbal feucaig. Refers to the onset of spring and how a spring day can differ within 24 hours.
Location: North Uist, Carinish, Trianaid House
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[earrach]
As t-earrach nuair bhios a chaora caol ’s a maorach reamhar.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[earrach]
Ceann còin air madainn earraich.
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
[feannadh]
Anns an Earrach bithidh sinn a feannadh na monadh. Cuid a bhios toirt barrach feantachd air cuid eile. Ann a bitheantas da throidh air son ochd foid. Aon uair bhiodh deichnear de sgipe a buain fat latha ach se siath a bhios ann an nis. Ma bhios an tide tioram bi sinn a togail na monadh ann an da sheachuin. Bidh sinn a ris ga rudhadh agus a ris a cruachadh. Mar is trice bidhidh sinn a tathadh nan cruach mur a bidh sinn ga toirt dhachaidh. Se an taisig is smiosa le torr opair chruidh nuair nach eil a tide math. Cutting off the top turf. Some cut the turf wider than others. Usually it is 24" wide giving 8 peat per cutting. Once there used to be ten 5 irons with two to each but now it’s usually 3 irons 6. If the weather is dry we lift the peats into small stacks in two weeks then bigger stacks and then again the bigger stacks for the winter. We thatch the stacks to keep them dry, that’s unless we are ferrying it home right away as some now do. The ferrying is hard work when the weather is not favourable.
Origin: Inbhirnis [Inverness – most probably meant as the county]
Category: Mòine / Peat-Working
[fuachd]
“Cha tig fuachd gu earrach, cruaidh chàs no droch ceannachd, cha dean bean ach air eiginn gun aithnich i ceud ghin.” Not sure of meaning behind this one.
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[gaoth]
Cùl gaoithe ’s agaidh gréine. – Là agus gaoth fhuar ann, ach pailteas gréine. Nuair a gheibheadh tu fasgadh math bhiodh a’ ghrian teth ann. (As t-Earrach ’s a mach gu Samhradh, chanainn.) Chanadh na bodaich “cùl gaoithe ’s aghaidh gréine”.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[general sayings or proverbs 3]
Gheibheadh tu geamhradh math nan robh earrach geal grianach ann agus foghar breac riabhach ’na dhéidh.
Origin: Tiree
Category: Sìde / Weather
[general sayings or proverbs 9]
Speur dearg anns a’ mhadainn trath anns an earrach, bha fiughair ri an-shìd’ gun dàil, agus gaoth an eara-dheas.
Origin: Tiree
Category: Sìde / Weather
[gort]
Geamhradh reotaineach / Earrach ceothaineach / Samhradh breac, riamhach / Is foghar geal grianach / Cha d’fhàg gort riabh an Alba.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
amar fuail
ag gleidheadh seo (maighistir) airson nighe is còmhla ri dath. Chunna mi maighistir ann an stabull, ’ga shuathadh ri guilleann nan each ’san earrach (a’ dèanamh a’ chraicinn làidir).
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
cruachadh
So a bhith deanamh cruachan beaga air uachdair a’ phuill no air an ath-bhlar. Cha teid a’ mhoine so a toirt dhachaidh, is dòcha, gus an ath earrach no shamhradh.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
doithre (-earrach)
ugly.
Location: Skye
Category: Measgaichte / Miscellaneous
duileasg
Quotation: stamh earrach, duileasg samhraidh, mircean fobhair, dulach geamhraidh. Notes: kind of seaweed.
Location: Lewis, Carloway
Category: Measgaichte / Miscellaneous
dulach
Quotation: stamh earrach, duileasg samhraidh, mircean fobhair, dulach geamhraidh. Notes: kind of seaweed.
Location: Lewis, Carloway
Category: Measgaichte / Miscellaneous
eun
Quotation: Chan e eun gob dé (sic) a bh’ann, thainig e mach glé thràth ’san Earrach. Notes: He was no chicken. (A’ gobachadh: breaking the shells, hatching.)
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
féill
Quotation: Is samhradh gach geamhradh gu Nollaig agus chan earrach e gu Féill Phàdruig. Notes: Portnahaven: Phàruig. (Neil Ferguson) [NOTES: slipped under ‘Féill Pàdruig’.]
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
geamhradh
Quotation: Is samhradh gach geamhradh gu Nollaig, ’s chan earrach e gu Feill Phàdruig. Notes: Portnahaven: Phàruig (Neil Ferguson).
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gob
Quotation: “Chan e eun gob dé a (sic) bh’ann, thainig e mach glé thràth ’san Earrach.” Notes: He was no chicken. (A’ gobachadh: breaking the shells, hatching.)
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gonaig
Quotation: Trì là gearraig, / Trì là gonaig, / Trì là sguabaig – / Suas an t-earrach. Notes: Dw. does not seem to have gearrag or gonag (in this sense), but has sguabag, the 3 days being 7th, 8th, and 9th April.
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
mircean
[miðkʹɑn] Quotation: stamh earrach, duileasg samhraidh, mircean fobhair, dulach geamhraidh. Notes: kind of seaweed.
Location: Lewis, Carloway
Category: Measgaichte / Miscellaneous
samhradh
Quotation: Is samhradh gach geamhradh gu Nollaig, ’s chan earrach e gu Féill Phàdruig. Notes: Portnahaven: Féill Phàruig. (Neil Ferguson)
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgealban
Pìosan buntàta. Agus na pìosan a bhithist a’ cur ’sa talamh as t-Earrach airson fàs, b’e sin sgealban, cuideachd. “C’àit am bheil d’athair?” “Tha e ri sgealbadh.” – Tha e ag ullachadh a’ bhuntàta airson a chur.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
speur dearg
Ma tha e ri ’fhaicinn tha fiughair ri gaoth an eara-dheas gun dàil. Speur dearg anns a’ mhadainn trath anns an Earrach bha fiughair ri an-shìd gun dàil.
Origin: Tiree
Category: Sìde / Weather
stamh
Quotation: stamh earrach; duileasg samhraidh; mircean fobhair; dulach geamhraidh. Notes: kind of seaweed.
Location: Lewis, Carloway
Category: Measgaichte / Miscellaneous

^ Return To Top ^